FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Fear-cluig Inbhir Nis (2)

Tuilleadh mu dheidhinn Iain Stephen

Audio is playing in pop-over.

Fear-cluig Inbhir Nis (2)

Bha mi ag innse dhuibh mu Iain Stephen, fear-cluig ann an Inbhir Nis anns an naoidheamh linn deug. Bhuineadh e do dh’Inbhir Nis. ’S e ‘gille Clach na Cùdainn’ a bh’ ann. Nuair a bha e òg, bhiodh e an sàs gu tric ann an ùpraid air an t-sràid. Cha robh seirbheis poilis ann aig an àm sin.

Nuair a ràinig e ìre, fhuair e obair mar sguidsear no heckler. Sin neach a bha ag obair le lìon. Bha e ga chìreadh airson a dhèanamh deiseil airson snìomh. Ach cha do mhair an obair sin ro fhada. Bha innealan a’ dèanamh na h-obrach agus cha robh feum air daoine anns a’ ghnìomhachas sin mar a bha roimhe.

An uair sin, fhuair Iain obair leis an Eaglais. Bha e a’ cumail rian air Cladh a’ Chaibeil, the Chapel Yard, a’ dèanamh cinnteach gun robh a h-uile càil ann an òrdugh. Nuair a bha e ag obair an sin, choisinn e cliù mar shealgair eun. Bha e a’ cumail eun beag ann an cèidse. Bhiodh an t-eun a’ gairm agus bhiodh eòin eile air an tarraing thuige. Bha Iain a’ smeuradh stuth steigeach air geugan faisg air a’ chèidse agus bhiodh na h-eòin a’ dol an sàs ann.

Cha b’ ann airson an ithe a bha Iain gan glacadh. Bha e gan reic do dhaoine a bha ag iarraidh eun ann an cèidse a-staigh aca. Bha an cleachdadh sin cumanta aig an àm sin, a rèir choltais.

Gu tric, bhiodh Iain a’ sealg nan eun faisg air cala Inbhir Nis, far an robh an dùn aig Crombail aig aon àm. ’S e bigeanan-Brìde – no linnets – a bu mhotha a ghlacadh e an sin. Bhiodh e a’ sealg cuideachd ann an àite eile far am faigheadh e lasraichean-coille, no goldfinches. Agus ann an Coille Chùil Lodair, gheibheadh e loin-dubha, blackbirds, agus smeòraich, thrushes.

Anns a’ chunntas a bha mi a’ leughadh mu Iain Stephen, bha e a-muigh ann an Coille Chùil Lodair turas cuide ri greusaiche air an robh Sandie Gordon mar ainm. Bha an dithis fhear gu math eòlach air a chèile.

‘Èist ris na h-eòin,’ thuirt Iain. ‘Tha iad a’ seinn – Gordanaich dubh, Gòrdanaich dubh, fàg a’ choille!’ Black Gordon, Black Gordon, leave the wood!

Fhreagair an Gòrdanach, ‘Ist, chan ann mar sin a tha e. Tha e ag ràdh – Iain a’ chluig, Iain a’ chluig! Tha am peathair a’ tighinn!’ John of the bell, John of the bell! The forester is coming!

’S e an rud a tha inntinneach mun chòmhradh sin gur ann ann an Gàidhlig a bha e, ged a bha an cunntas gu lèir ann am Beurla. Tha sin a’ dearbhadh dhuinn gun robh Gàidhlig aig an dithis agus gun robh iad ag aithneachadh cainnt nan eun ann an Gàidhlig. Agus, mar sin, tha mi a’ tilleadh chun na ceist – am biodh Iain mar fhear-cluig ag aithris nan naidheachdan do mhuinntir Inbhir Nis anns an dà chànan? Chan eil fhios a’m.

Bha laigse no dhà aig Iain – gu sònraichte snaoisean agus uisge-beatha. Latha a bha seo, bha e ag obair mar fhear-cluig agus bha e air mhisg. Chaidh rabhadh a thoirt dha gu feumadh e sguir dhen deoch-làidir nuair a bha e ag obair no gun cailleadh e a dhreuchd. Bho sin a-mach bha Iain stuama, measarra, sòbair.

Litir 1391 Litir 1391

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!