FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Fear-cluig Inbhir Nis (1)

Dè a’ Ghàidhlig a th’ air ‘town crier’?

Audio is playing in pop-over.

Fear-cluig Inbhir Nis (1)

Dè a’ Ghàidhlig a th’ air ‘town crier’? Sin an neach – fear mar bu trice – a bhiodh a’ gairm nan naidheachdan don t-sluagh ann am bailtean Bhreatainn. Tha na faclairean a’ toirt dhuinn nam faclan seo airson ‘crier’: gairmear, glaodhadair, geocair, èigheadair, gairm-ghille. Tha sgreadair ann cuideachd, ach saoilidh mi nach biodh muinntir baile sam bith ag iarraidh èisteachd ri sgreadair!

Gabhaidh mi ‘gairmear-baile’ air a leithid – an-dràsta co-dhiù. Bha iad cumanta aig aon àm air feadh Alba ach chan eil uiread ann an-diugh. Tha iad ann an-diugh dìreach airson spòrs no dibhearsan – no airson dualchas baile a chumail beò – oir chan eil feum orra tuilleadh. Faodaidh sinn an naidheachd as ùire fhaighinn air na fònaichean-làimhe againn!

Agus tha ceist agam mu na gairmearan-baile. An robh iad riamh a’ toirt nan naidheachdan as ùire don t-sluagh ann an Gàidhlig, a bharrachd air a’ Bheurla no a’ Bheurla Ghallta? Chan eil fhios a’m air sin le cinnt ach bha aon bhaile ann far an robh Gàidhlig aig a’ mhòr-chuid de na daoine fad ùine mhòr, agus gu leòr dhiubh gun Bheurla aca. B’ e sin Inbhir Nis.

Bha mi a’ leughadh cunntas mu fhear ann an Inbhir Nis anns an naoidheamh linn deug a bha anns an dreuchd sin. Bha e aithnichte mar ‘Jock’ ann am Beurla agus ‘Iain’ ann an Gàidhlig. Bha an cunntas mu a dheidhinn ann am Beurla agus bha iad a’ gabhail ‘bellman or public crier’ air.

Agus tha seo ann am Faclair Dwelly – ‘bellman’ – ‘fear-cluig’. Tha mi an amharas gur e sin a’ Ghàidhlig a bh’ aca, ann an Inbhir Nis co-dhiù, airson ‘public crier’. Carson ‘fear-cluig’? Uill, b’ ann le bhith a’ seinn clag a bha Iain a’ glacadh aire dhaoine air an t-sràid. Tha dealbh dheth anns a’ chunntas mu dheidhinn agus tha e a’ seinn clag-làimhe. Agus ann am Beurla, dh’èirich an t-ainm cinnidh ‘Bellman’ bhon dreuchd sin.

Anns an dealbh de dh’Iain Stephen, tha ad mhòr air a cheann agus tha còta mòr, trom, fada air. Tha ùghdar a’ chunntais ag innse dhuinn gum biodh an còta air fad na bliadhna – ann am blàths an t-samhraidh agus fuachd a’ gheamhraidh.

Cha b’ e fear-cluig a-mhàin a bh’ ann an Iain. ’S e drumair a bh’ ann cuideachd. A rèir choltais, nuair nach robh gnothach ro mhòr a’ dol, bhiodh Iain a’ seinn a chluig agus a’ gairm na naidheachd. Ge-tà, nuair a bha naidheachd mhòr chudromach ri aithris, leithid gnothach aig an riaghaltas, bhiodh Iain a’ cluich druma. Bhiodh an sgrìobhainn fhèin aig oifigear a’ bhaile.

Nuair a bha Iain deiseil leis an druma aige, bhiodh am fear eile a’ cur daoine a-mach às an rathad gus an robh am fear-cluig anns an àite cheart – saoilidh mi taobh a-muigh Taigh a’ Bhaile. Bhiodh an t-oifigear a’ toirt na sgrìobhainn dha. Agus bhiodh Iain ag èigheachd nan naidheachdan don luchd-èisteachd.

An canadh e, ‘Hear ye, hear ye!’? No saoil an canadh e, ‘Èistibh, èistibh!’? Uill, ’s e ceist a tha sin. Agus nuair a ghabh Iain a dhreuchd ann an ochd ceud deug, ceathrad ’s a dhà (1842), bha Gàidhlig aig an ìre mhath gach dàrnacha duine ann an Inbhir Nis. Bhuineadh Iain do dh’Inbhir Nis agus, a rèir choltais – mar a chì sinn anns an ath Litir – bha Gàidhlig aige.

Litir 1390 Litir 1390

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!