FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Màiri NicEalair (2)

Tuilleadh mu dheidhinn a’ bhana-bhàrd Abrach

Audio is playing in pop-over.

Màiri NicEalair (2)

Bha mi ag innse dhuibh mu Mhàiri NicEalair, a bhana-bhàrd Abrach. Ann an ochd ceud deug, seasgad ’s a sia (1866), roghnaich i a dhol a dh’fhuireach air bòrd soitheach an duine aice – an Glencoe. ’S e soitheach beag a bh’ innte, le sgioba de chòignear.

Bha i a’ fuireach air bòrd airson deich bliadhna, a’ seòladh fad is farsaing. Chuir i seachad dà bhliadhna, gun aon oidhche air tìr. Feumaidh nach robh e furasta aig amannan, ach ghabh Màiri an cothrom a bhith ri sgrìobhadh, an dà chuid ann an Gàidhlig agus Beurla. Bha i fìor chomasach mar sgrìobhadair de rosg agus bàrdachd anns an dà chànan.

Tha a bàrdachd ag innse dhuinn gun do chòrd e rithe an soitheach a bhith fo shiùil anns a’ chuan far nach fhaiceadh i tìr. Ach aig amannan bhiodh i ag ionndrainn dùthaich a h-àraich ann an Loch Abar. Ann an aon dàn rinn i coimeas eadar Loch Abar agus na dùthchannan a chunnaic i anns an Roinn Eòrpa:

S bhon a dh’fhàg mi tìr mo ghaoil,
Gur h-ioma taobh ’bha m’ fhalbhan,
Bhon t-Suain, ’s Lochlann, ’s an Òlaind,
An Fhraing mhòr ’s a’ Ghearmailt,
Cha shàsaich am brèaghad mo shùil,
Ged ’s plùranach no garbh iad,
’S mi ’cuimhneachadh d’ fhallain sa Chèitean
Le ’seudan a’ deàlradh.

Mus do cho-dhùin i dhol a dh’fhuireach air bòrd, bha Màiri stèidhichte air tìr-mòr fhad ’s a bha an duine aice aig muir. Math dh’fhaodte gur e sin a ghluais i gu dàn ainmeil a sgrìobhadh – Am Maraiche ’s a Leannan. Anns a’ chiad rann, ’s e an seòladair a tha a’ bruidhinn. Tha e a’ gabhail fòrladh air tìr, ach tha an cuan ga tharraing air ais:

O ’s mairg tha ’n-diugh feadh garbhlaich
’S ri falbhan am measg fraoich,
Is gathan grèin gu h-òr-bhuidh
A’ dòrtadh air gach taobh;
Gum b’ fheàrr a bhith air bàrr nan tonn
Air long nan cranna caol,
’S a’ faicinn nan seòl ùra
Ri sùgradh anns a’ ghaoith.

Anns an dàrna rann, tha a leannan ga fhreagairt. Chan eil i fhèin toilichte gum bi esan air falbh am measg nan stuagh:

O, fhleasgaich òig, gur gòrach leam
Do chòmhradh anns an uair,
An fhraoch-bheinn ghorm ga samhlachadh
Ri gleanntan glas a’ chuain;
’S gur tric is adhbhar caoinidh leam
A h-aon dhan tug mi luaidh,
Bhith às mo shealladh fad air falbh
Air bhàrraibh garbh nan stuagh

Ged a bha gràdh aig Màiri air a’ Ghàidhealtachd, bha i cuideachd measail air Dùn Èideann. Sin far an do phòs i – anns an Eaglais Shaoir ann an ochd ceud deug, caogad ’s a còig (1855). Bha a màthair-chèile a’ ruith taigh-aoigheachd anns a bhaile. Agus nuair a bha i air fòrladh air tìr, bhiodh Màiri a’ dol a Dhùn Èideann far an d’ fhuair i eòlas air luchd-labhairt agus luchd-taice na Gàidhlig. Fhuair i eòlas gu sònraichte air a’ Phroifeasair Iain Stiùbhart Blackie a’ bha a’ coiteachadh airson Cathair Cheiltis ann an Oilthigh Dhùn Èideann.

Nuair a chaochail a màthair-chèile, ghabh Màiri thairis an taigh-aoigheachd. Dh’fhàg i beatha a’ mharaiche air a cùlaibh. Agus dh’fhàg i a beatha mar bhean do dh’Iain air a cùlaibh cuideachd. Cha robh a pòsadh ga toileachadh agus chuir i roimhe fuireach ann an Dùn Èideann agus bith-beò a dhèanamh le a cuid sgrìobhaidh.

Litir 1393 Litir 1393

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!