FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Màiri NicEalair (4)

Poetess and Litterateur

Audio is playing in pop-over.

Màiri NicEalair (4)

Anns a’ chunntas-sluaigh nàiseanta ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a h-aon (1881), chaidh dreuchd Màiri NicEalair a chlàradh mar ‘Poetess and Litterateur’.

Ged a bha i a’ fàs ainmeil, agus i air leabhar aig a’ Bhanrigh eadar-theangachadh gu Gàidhlig, bha aice ri bith-beò a dhèanamh. Mar sin, sgrìobh i alt Gàidhlig, a’ brosnachadh dhaoine gus àrachas-beatha a thoirt a-mach. Sgrìobh i leabhar-iùil Beurla: ‘Guide to Fort William and Lochaber’. Agus chuir i ri chèile an leabhran: ‘A Tourist’s Hand-book of Gaelic and English Phrases’. Chaidh leabhar aice – Poems and Songs, Gaelic and English – fhoillseachadh ann an ochd ceud deug is ochdad (1880)

Sgrìobh i ficsean a nochd ann am pàipearan-naidheachd, agus sgrìobh i altan mu na Camshronaich ann an Tìm an Òbain. Chruinnich i beul-aithris, ach tha amharas ann gun deach gu leòr dheth sin a chall an dèidh a bàis. Chaochail i as t-Sultain ochd ceud deug is naochad (1890). Chaidh a tiodhlacadh ann an Cladh Chill Mhàilidh ann an Loch Abar, am measg nan daoine aice fhèin – na Camshronaich.

Bha a’ bhana-bhàrd Sgitheanach, Màiri Mhòr nan Òran, gu math measail air Màiri NicEalair. Ach chan eil a’ Mhàiri Abrach cho ainmeil an-diugh ris a’ Mhàiri Sgitheanach. Ge-tà, dh’fhàg i tòrr stuth sgrìobhte againn mar dhìleab.

Bu mhath leam innse dhuibh mu phàipear a sgrìobh i do Chomunn Gàidhlig Inbhir Nis. ’S e an t-ainm a th’ air ‘The Sheiling: Its Traditions and Milking Songs’.

Chuala mi gun robh na seann daoine a’ creidsinn gur e deagh-mhanadh a bh’ ann nam biodh gobhar-adhair – no naosg – ag èirigh ron chrodh nuair a bha iad air an rathad don àirigh. Tha Màiri a’ mìneachadh mar seo e: ‘b’ e an naosg an t-eun a bu bheannaichte ris an tachradh iad oir bhathar a’ creidsinn gun do thachair e ri Moire nuair a bha i air an rathad gu uaigh Ìosa air a’ mhadainn a dh’èirich E gu Nèamh.’

Anns a’ phàipear, tha Màiri a’ mìneachadh mar a bha na boireannaich a’ dèanamh ìm agus càise air an àirigh. Agus tha i ag innse sgeul mu stòl-bleoghainn a bha co-cheangailte ris a’ Phrionnsa Òg, Teàrlach Eideard Stiùbhart.

Chunnaic Màiri an stòl ann an taigh a caraid, Alasdair MacIlleMhìcheil, ann an Dùn Èideann. Bha e uaireigin ann am bothan-àirigh – saoilidh mi ann an Uibhist. An dèidh Blàr Chùil Lodair, thàinig coigreach a-steach don bhothan far an robh triùir chloinn-nighean. Shuidh e sìos air an stòl agus ghabh e deoch bainne. Cha robh fios aig a’ chloinn-nighean cò bh’ ann gu an dèidh làimhe.

Nuair a fhuair iad a-mach gur e am Prionnsa a bh’ ann, bha na nigheanan a’ sabaid mu cò ghleidheadh an ‘rìgh-chathair’, mar a thuirt iad fhèin. Bha còmhstri ann agus chaill tè de na nigheanan fiacail. Leig an dithis eile leis an nighinn sin an stòl a chumail. Chaidh a ghleidheadh anns an teaghlach aice. Thug cuideigin ann an sliochd na h-ìghne gu Alasdair MacIlleMhìcheil e. Tha an stòl an-diugh ann an Taigh-tasgaidh Taobh an Iar na Gàidhealtachd anns a’ Ghearasdan. Saoilidh mi gum biodh Màiri NicEalair gu math toilichte gu bheil e a-nise anns a’ bhaile anns an do rugadh i.

Litir 1395 Litir 1395

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!