Bha mi a’ leughadh leabhar o chionn ghoirid mu bhana-ghaisgeach Ghaidhealach a tha ainmeil air feadh an t-saoghail. Ann am Beurla ’s e “Flora MacDonald” a
bh’ oirre mar ainm, agus tha i ainmeil airson ’s mar a chuidich i am Prionnsa Teàrlach Og Stiùbhart nuair a bha e a’ teicheadh bho na saighdearan dearga an
dèidh Blàr Chùil Lodair.
Ann an Gàidhlig b’ e a h-ainm, neo a sloinneadh, Fionnaghal nighean Raonuill ‘ic Aonghais Oig. Tha sin car fada ’s dòcha, ach bha e a’ ciallachadh fad’ a
bharrachd do na daoine a bha eòlach air a’ choimhearsnachd anns an robh i a’ fuireach na bha “Fionnaghal Dhòmhnallach” neo Flora MacDonald. Ach ’s
i a’ cheist a th’ agamsa mun chùis – ciamar a dh’atharraich Fionnaghal ann an Gàidhlig gu Flora ann am Beurla?
Tha rudeigin inntinneach air tachairt do chuid de dh’ainmean pearsanta ann an Gàidhlig, agus ’s e seo eisimpleir math dhiubh. Dh’atharraich Fionnaghal gu Flora, ach thàinig e air ais don Ghàidhlig a-rithist bhon Bheurla mar “Flòraidh”. Agus an-diugh tha Flòraidh fada nas cumanta na Fionnaghal mar
ainm.
Tha an aon seòrsa rud air tachairt le cuid de na sloinnidhean ùra – na darna h-ainmean a chuir na Gàidheil orra fhèin airson sealltainn dè an cinneadh a
bh’ aca. Ainmean mar “Moireasdan”. O thùs, b’ e seo “Mac Ille Mhoire”, agus chaidh e tarsainn don Bheurla mar Morrison. Ach an uairsin thill Morrison don Ghàidhlig mar “Moireasdan”. Agus ’s ann ainneamh a chluinneas tu Mac Ille Mhoire an-diugh. ’S e Moireasdan as cumanta.
Thachair an aon rud le Mac Fhionnla neo Mac Fhionnlaidh. ’S e seo Finlayson ann am Beurla, agus tha sin air a dhol air ais don Ghàidhlig mar
“Fionnlasdan”. Thachair an aon rud le Mac Fheargais, Fergusson agus Feargasdan.
Ach tha ainm neo dhà ann nach eil furasta obrachadh a-mach. Tha cuimhn’ agam air fear a bha càirdeach dhomh às a’ Chomraich. ’S e a’ chiad ainm a bh’ air –
Fearchar. ’S e an cinneadh a bh’ aige “Mac an Lèigh” agus mus deach e gu sgoil, bha e a’ smaoineachadh gur e an t-ainm “ceart” a bh’ air - “Fearchar Mac an
Lèigh”. “Aaa!” thuirt an tidsear ris air a’ chiad latha aig sgoil, agus e fhathast gun fhacal Beurla na cheann, “’s e “Farquhar Livingstone” a bhios ort
ann am Beurla ma tha!”
Uill, cha do thuig Fearchar bhon latha sin gu latha a bhàis carson is e Livingstone a’ Bheurla airson Mac an Lèigh. Cha do thuig neo mise - chun
an latha an-diugh.
Ach air ais do dh’ainm na bana-ghaisgich – Fionnaghal neo Flòraidh Dhòmhnallach. ’S dòcha gu robh an t-ainm Flòraidh timcheall nuair a bha i fhèin beò. Tha
fios againn gun do sgrìobh i a h-ainm ann am Beurla uaireannan F-L-O-R-Y, le Y aig an deireadh an àite A. Tha Flòraidh neo dhà eile ann às na h-Eileanan
Siar a tha cuideachd ainmeil, leithid an t-seinneadair Flòraidh NicNèill. Ach chanainn fhèin gur i Flòraidh Dhòmhnallach an tè as ainmeile.
Agus dh’fhàg sin gu do rinn mi mearachd o chionn ghoirid. Bidh mi uaireannan a’ ceannach leabhraichean a-mach à catalog le bhith dìreach a’ coimhead air na
tiotalan. Agus anns a’ chatalog chunnaic mi an tiotal – Flora of the Western Isles. Bha mi cinnteach gur e a bh’ ann leabhar mu dhèidhinn Flora MacDonald fhèin. Bha i cho ainmeil ’s nach leigeadh iad a leas MacDonald a chur anns an tiotal. Dheanadh Flora a’ chùis
leis fhèin.
Ach gu mi-fhortanach nuair a thàinig an leabhar, cha robh sgeul air Flòraidh. Cha robh ann ach rudan mar Plantago lanceolata agus Ranunculus bulbosus!