FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Gregor Mendel

Dè tha na litrichean “GM” a’ ciallachadh dhuibhse? Don chuid

Audio is playing in pop-over.

Gregor Mendel

Dè tha na litrichean “GM” a’ ciallachadh dhuibhse? Don chuid as motha de mhuinntir Bhreatainn, tha iad a’ ciallachadh mar a bhios biadh air atharrachadh le bhith ag atharrachadh nan gineachan – neo “genes. Genetically Modified, mar a chanas iad.

Ach tha ceangal nas sine aig na litrichean GM do ghineachan agus don t-saidheans a bh’ air a chruthachadh timcheall ghineachan – saidheans ris an canar “gintinneachd” – neo genetics. ’S e am fear a dh’ionnsaich an toiseach mar a bhios gineachan ag obair – fear air an robh na litrichean G agus M mar a’ chiad litir anns gach ainm aige. Gregor Mendel.

’S e manach a bh’ ann an Mendel agus bha e a’ fuireach ann am manachainn anns an Ostair – a tha a-nise mar phairt de Phoblachd nan Teagach. Rugadh e anns a’ bhliadhna ochd ceud deug is a dha ar fhichead (1822). Aig aois ceithir deug ar fhichead (34), thòisich e air rannsachadh air lusan – air peasraichean a bha e a’ cur ann an leas na manachainn.

Bha an rannsachadh aige sìmplidh gu leòr, ach ’s e a bha math mu dhèidhinn gu robh Mendel gu math cùramach. Aig an toiseach, bha e a’ coimhead air dìreach aon rud – cho àrd ’s a bha an lus. Fhuair e lusan àrda agus lusan beaga, an dà chuid gun seòrsa sam bith eile nan sinnsearachd. An uairsin chuir e poilean bho fhlùraichean an darna fhir air flùraichean an fhir eile. Chuir e na sìl – na peasraichean – a thàinig às a sin, agus rinn e tomhas air cho àrd ’s a bha na lusan ùra – an ath ghinealach, neo “F a h-aon” (F1) mar a chanas iad. Agus bha iadsan air fad àrd.

An uairsin, dh’obraich Mendel leis an F a h-aon, agus rinn e an aon rud, a’ cur poilean bho chuid de lusan air na flùraichean aig lusan eile. Agus dè thachair anns an ath ghinealach? Uill, rud a bha iongantach ’s dòcha. Bha feadhainn aca àrd a-rithist, dìreach mar a bha am pàrantan, ach bha feadhainn eile ann a bha beag – dìreach mar a bha na lusan beaga nan sinnsireachd.

’S dòcha gu robh feadhainn eile a bharrachd air Gregor Mendel air rudan mar sin fhaicinn. Ach rinn Mendel rudeigin sìmplidh nach do rinn duine sam bith eile roimhe. Chunnt e na lusan. Bha tri cairteal dhiubh àrd, is cairteal dhiubh beag. Thuig Mendel an uairsin gun gabhadh seo mìneachadh nan robh dà rud ann – dà ghine – airson àirde, le fear aca nas làidire nan fhear eile. Agus ’s ann às a sin a thàinig na riaghailtean bunaiteach air gintinneachd ris an canar an-diugh “Na Laghan Mendealach”, às deidh a’ mhanaich.

Ach dè am beachd a bhiodh aig GM – Gregor Mendel – air biadh GM an-diugh, agus air an deasbad ann am Breatainn mu dhèidhinn? Nuair a bha e a’ dèanamh rannsachadh air na lusan aige, an robh beachd aige gum biodh luchd-saidheans ceud bliadhna as dèidh a bhàis a’ cur gineachan bhon aon seòrsa luis ann an lusan de sheòrsa eile? Neo, gu dearbh, bho bheathaichean gu lusan, is bho lusan gu beathaichean? Chanainn nach robh. Ach a bheil sin a’ ciallachadh gum biodh e mi-thoilichte mu dhèidhinn?

Tha an seanfhacal ag ràdh, “Nuair a bhriseas aon bhò an gàrradh, thèid a dhà-dheug a-mach air.” Bhris Gregor Mendel gàrradh aineolais o chionn còrr math is ceud bliadhna. ’S e an t-eagal a th’ air mòran gun dean an dusan bò eile cron mòr fhad ’s a tha iad a’ ruith mun cuairt gun smachd orra. Ge bith dè thachras, tha mi ’n dòchas nach gabh an sluagh droch bheachd air an t-saidheans a chruthaich Mendel. Càit’ am bitheamaid an-diugh as aonais?

Litir 6 Litir 6 Litir 8 Litir 8

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!