FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Going on holiday A’ falbh air saor-làithean

Càirdeas (Friendship)Càirdeas

Consolidate what you have learnt in this episode of Càirdeas.

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Bill Iain, fàilte.
Tha mi uabhasach toilichte gu bheil thu an seo.
John, welcome.
I’m very happy that you’re here.
Iain Uill, cha robh mi airson tighinn idir. Well, I didn’t want to come at all.
Bill Tha mi a’ tuigsinn.
A’ chiad oidhche.
Tha thu a’ smaoineachadh gum bi e doirbh.
A bheil mi ceart?
I understand.
The first night.
You think that it will be difficult.
Am I right?
Iain Tha.
Ciamar a tha fhios agaibh?
Yes.
How do you know?
Bill Sin mar a bha mi fhìn nuair a thòisich mi air Càirdeas.
Agus, cha robh e furasta.
Carson a thàinig thu ma-thà?
That’s how I was myself when I started at Càirdeas.
And, it wasn’t easy.
Why did you come then?
Iain Thuirt Anna rium tighinn. Anna told me to come.
Bill Anna? Anna?
Iain Tha sinn a' dol a phòsadh. We are going to marry.
Bill Glè mhath.
Tha mi toilichte sin a chluinntinn.
Mealaibh ur naidheachd.
Thugainn.
Trobhad a-steach.
Gabhaidh sinn cupa cofaidh mus tòisich am fòn.
Very good.
I’m happy to hear that.
Congratulations.
Come on.
Come in.
We’ll have a cup of coffee before the calls start.
Ceit A Mhurchaidh. Murdo.
Murchadh Uill, am faod mi a thighinn a-steach? Well, may I come in?
Ceit Faodaidh, faodaidh! Yes, yes!
Iain Tha an t-eagal orm nach bi mi a’ dèanamh an rud ceart. I’m afraid that I won’t do the right thing.
Bill Anns an obair seo, chan eil ceart is ceàrr ann.
Èist riutha, Iain.
Sin na tha iad ag iarraidh.
In this job, there is no right or wrong.
Listen to them, John.
That’s what they want.
Iain Bha mi a’ smaoineachadh gun robh càirdean aig a h-uile duine ann an Glaschu. I thought that everyone in Glasgow had friends.
Bill Chan eil, Iain.
Thàinig tòrr dhaoine a Ghlaschu airson obair.
Tha cuimhne agamsa nuair a bha na Gàidheil a’ fuireach ann am Partaig, no ann an Kinning Park ’s Cardonald.
Bha na h-eaglaisean làn, agus bha càirdean ann.
Ach tha na Gàidheil a’ fuireach anns gach pàirt den bhaile a-nise, ’s chan eil iad còmhla.
Càit an tèid iad airson bruidhinn ri Gàidheil eile?
No, John.
Many people came to Glasgow for work.
I remember when the Gaels lived in Partick, or in Kinning Park and Cardonald.
The churches were full, and there were friends there.
But the Gaels stay in every part of the city now, and they are not together.
Where may they go to speak to other Gaels?
Iain Cha do smaoinich mi air sin.
Chan eil duine ann a dh’èisteas riutha.
Tha e duilich, nach eil?
I didn’t think of that.
There’s no one there to listen to them.
It’s sad, isn’t it?
Bill Faodaidh iad bruidhinn ri Càirdeas.
Agus feumaidh sinne èisteachd riutha.
They may speak to Càirdeas.
And we need to listen to them.
Iain Ciamar a thòisich sibh fhèin air an obair seo? How did you start doing this job yourself?
Bill Uill, bha mi pòsta agus bha sinn a’ fuireach a-muigh ann an Clarkston.
Chaill mi mo bhean agus cha robh càirdean agam.
Agus, bha mi gu math ìseal fad ùine mhòr.
Agus, thòisich mi air Càirdeas. Agus tha mi ag obair an seo bhon uair sin.
Siuthad, Iain.
’S e obair latha tòiseachadh.
Well, I was married and we lived out in Clarkston.
I lost my wife and I didn’t have any friends.
And I was very depressed for a long time.
And , I started at Càirdeas.
And I’ve been working here since then.
Go on, John.
It’s a day’s work to start.
Ceit Ceart.
Tìoraidh.
Ok.
Cheerio.
Murchadh A bheil thu duilich nach do ghabh thu an obair ann an Tiriodh? Are you sad that you didn’t take the job in Tiree?
Ceit Chan eil.
Ach tha mi toilichte gu bheil mi an seo far a bheil thusa.
No.
But I’m happy that I’m here where you are.
Murchadh A bheil thu airson Tiriodh fhaicinn? Do you want to see Tiree?
Ceit O, tha. Uaireigin. Oh yes, sometime.
Murchadh Carson nach tèid sinn ann an ath-sheachdain ma-thà? Why don’t we go there next week then?
Ceit An ath-sheachdain?
Chan urrainn dhuinn..bidh thusa ag obair anns a’ gharaids.
Next week?
We can’t...you’ll be working in the garage.
Murchadh Faodaidh mi saor-làithean a ghabhail. I may take a holiday.
Ceit Chan eil mi cinnteach. I’m not sure.
Iain B’ àill leibh?
Tha mi an dòchas gum bi... ò tapadh leibh, tapadh leibh.
Oidhche mhath, ma-thà.
Bha siud uabhasach.
Pardon?
I hope that ...oh thank you, thank you.
Good night, then.
That was terrible.
Man Ciamar? How?
Iain Cha robh fios agam dè bha mi a’ dèanamh.
Bha am boireannach ag òl.
Agus cha do rinn mise feum sam bith.
Tha mi a’ falbh dhachaigh.
I didn’t know what I was doing.
The woman was drinking.
And I was of no use.
I’m going home
Man Chan eil.
Rinn thu glè mhath, Iain.
Dh’èist thu ris a’ bhoireannach.
Agus sin a bha i ag iarraidh.
Rinn thu math, a bhalaich.
Chan eil thu a’ falbh dhachaigh idir.
Chan eil an oidhche seachad fhathast.
No.
You did very well, John.
You listened to the woman.
And that’s what she wanted.
You did well, boy.
You’re not going home at all.
The night’s not over yet.