FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Customary activities Gnìomhan àbhaisteach

If you have the money, you may as well spend itMa tha an t-airgead agad, tha e cho math dhut a chosg

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

anns a’ gheamhradh in the winter

as t-samhradh in the summer

aig a’ bhliadhn’ ùir at new year

To ask if someone usually does something use ’s àbhaist do …

an àbhaist dhut …? do you usually ...?

an àbhaist dhut a bhith a’ falbh? do you usually go away?

a’ gabhail na grèine sunbathing

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Anndra Haidh, a Mhàrtainn.
Dè th’ agad an sin?
Hi, Martin.
What do you have there?
Màrtainn Bileagan mu shaor-làithean. Holiday brochures.
Anndra Saor-làithean?
An àbhaist dhut a bhith a’ falbh anns a’ gheamhradh?
Holiday?
Do you usually go away in the winter?
Màrtainn ’S àbhaist.
Tha an geamhradh cho fuar agus cho fliuch ann an Alba.
Tha mi airson a bhith a’ gabhail na grèine.
Yes.
The winter is so cold and wet in Scotland.
I want to go sunbathing.
Anndra ’S ann as t-samhradh a bhios mise a’ gabhail na grèine. I go sunbathing in summer.
Màrtainn Mise cuideachd, ach ’s toigh leam a’ ghrian anns a’ gheamhradh cuideachd. Me too, but I like the sun in the winter too.
Anndra ’S toigh leamsa a’ ghrian aig àm sam bith. I like the sun anytime.
Màrtainn An àbhaist dhutsa a bhith a’ falbh anns a’ gheamhradh? Do you usually go away in the winter?
Anndra Chan àbhaist.
’S fheàrr leam a bhith an seo aig an Nollaig ’s aig a’ Bhliadhn’ Ùir.
No.
I prefer to be here at Christmas and at New Year.
Màrtainn Tha mise a’ fàs searbh dhen Nollaig ’s dhen Bhliadhn’ Ùir.
B’ fheàrr leam a bhith ann an àite fad’ air falbh, a’ gabhail na grèine ann an àite brèagha.
I am getting fed up of Christmas and of New Year.
I’d rather be in a place far away, sunbathing in a beautiful place.
Anndra Càit a bheil thu a’ dol? Where are you going?
Màrtainn Chan eil mi cinnteach fhathast.
’S dòcha Tunisia, no na Seychelles, no Barbados – còmhla ri Ealasaid, an leannan agam.
I’m not sure yet.
Maybe Tunisia, or the Seychelles, or Barbados – with Elizabeth, my girlfriend.
Anndra Nach buidhe dhuibh. Lucky for you.
Màrtainn Uill, Anndra, tha mi a’ creidsinn ma tha an t-airgead agad, gu bheil e cho math a chosg. Well, Andrew, I think that if you have the money, you may as well spend it.
Anndra Tha mi an dòchas gum bi na saor-làithean math.
Feumaidh tu cairt a chur thugam.
I hope that the holiday is good.
You must send me a card.
Màrtainn An aithne dhut Ealasaid? Do you know Elizabeth?
Anndra Chan aithne.
Ciamar a tha thu?
No.
How are you?
Ealasaid Tha gu math, tapadh leat. I’m well, thank you.
Màrtainn An dòchas gun còrd na saor-làithean ribh. I hope that you enjoy the holiday.
Ealasaid Còrdaidh.
Bidh an carabhan car fuar.
Tha Blackpool snog agus saor.
We will.
The caravan will be quite cold.
Blackpool is nice and cheap.