FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1015: Frank Gardiner

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Frank Gardiner

Gaelic Gàidhlig

Halò a-rithist. Cha mhòr nach eil sinn aig deireadh bliadhna eile. Agus bu toigh leam an Litir a thòiseachadh le ceist. Càite ann an Siorrachd Rois a rugadh Frank Gardiner? Ma tha fios agaibh, bu toigh leam cluinntinn bhuaibh.

Nise, chan eil mi a’ ciallachadh an fhir a bhios ag aithris air tèarainteachd airson a’ BhBC. Tha mi a’ smaoineachadh air Frank Gardiner – G-A-R-D-I-N-E-R – a bha na eucoireach ainmeil ann an Astràilia anns an naoidheamh linn deug.

Bha e beò mun aon àm ʼs a bha Ned Kelly. Tha Kelly ʼs dòcha nas ainmeile an-diugh na Gardiner oir fhuair e bàs an dèidh batail ainmeil aig Glenrowan ann a’ Bhictoria ann an ochd ceud deug is ochdad (1880).

Tha na cunntasan-beatha ag innse dhuinn gun do rugadh Gardiner ann an ochd ceud deug, fichead ʼs a naoi (1829) no ochd ceud deug is trithead (1830) ann an Siorrachd Rois, ach chan eil iad ag innse dhuinn càite. Aig aois òg, rinn e eilthireachd gu Astràilia cuide ri a phàrantan. Agus cha b’ e Gardiner an t-ainm ceart aige, a rèir choltais, ach Christie. Bhiodh e a’ gabhail Gardiner, Christie no Clarke air fhèin agus uaireannan ‘ Francis Gardiner, the Highwayman’.

Nuair a bha e fhathast na dhuine òg, bha e ag obair le crodh ann am meadhan Bhictoria. Còmhla ri feadhainn eile, ghoid e treud each, ach chaidh a ghlacadh agus chuir e seachad ùine sa phrìosan.

Nuair a fhuair e a-mach, ʼs ann ri eucoir a bha e gu cunbhalach – mèirle cruidh agus mèirle òir. Ann an ochd ceud deug, seasgad ʼs a dhà (1862), chaidh e an sàs le sàr-mhèirlich eile agus chuir iad stad air gluasad òir is airgid ann an Cuimrigh Nuadh a Deas. Ghoid iad ulaidh air am biodh luach an-diugh de chòig-deug millean doilear. Rinn seo Gardiner ainmeil air feadh Astràilia agus eadhon ann am Breatainn is na Stàitean Aonaichte.

Theich e gu tuath, gu Tìr na Banrigh. Cha robh an còrr dhen ghràisg aige cho fortanach. Bha iad air an glacadh no air am marbhadh leis na poilis.

Ann an Tìr na Banrigh, bha Gardiner a’ ruith bùth ann am baile Rockhampton ach chaidh aithneachadh le cuideigin. Chaidh a ghlacadh, agus fhuair e binn de chòrr is deich bliadhna fichead sa phrìosan, agus obair chruaidh na cois. Ge-tà, an dèidh deich bliadhna fhuair e maitheanas, stèidhichte air a’ chumha gum fàgadh e Astràilia. Mar bu trice, bhiodh eucoirich à Breatainn is Èirinn air an cur a-null gu Astràilia. A-nise, bha Astràila a’ cur fear a-mach às an dùthaich.

Ann an ochd ceud deug, seachdad ʼs a ceithir (1874), chaidh Gardiner gu Hong Kong agus an uair sin gu Calafoirnia, far an do sheatlaig e ann an San Francisco. Cheannaich e taigh-seinnse faisg air a’ chala.

Chan eil e soilleir mar a fhuair e bàs, oir chaill San Francisco mòran de na clàraidhean baile aca anns a’ chrith-thalmhainn ann an naoi ceud deug is sia (1906). Co-dhiù, uaireigin eadar ochd ceud deug, ochdad ʼs a dhà (1882) agus naoi ceud deug is ceithir (1904), fhuair Gardiner bàs, a rèir choltais – ʼs dòcha le fiabhras-clèibhe no ann an còmhstri le gunnaichean ann an taigh-seinnse. Agus co-dhiù fhuair e air ais gu dùthaich a bhreith ann an Siorrachd Rois, chan eil càil a dh’fhios a’m.

Faclan na Litreach: eucoireach: criminal (‘bushranger’); cunntasan-beatha: biographies; Tìr na Banrigh: Queensland.

Abairtean na Litreach: Cha mhòr nach eil sinn aig deireadh bliadhna eile: we’re almost at the end of another year; càite ann an Siorrachd Rois a rugadh X?: where in Ross-shire was X born?; bu toigh leam cluinntinn bhuaibh: I’d like to hear from you; fhuair e bàs an dèidh batail ainmeil: he died after a famous battle; rinn e eilthireachd gu Astràilia cuide ri a phàrantan:he emigrated to Australia with his parents; ghoid e treud each: he stole a herd of horses; chaidh a ghlacadh agus chuir e seachad ùine sa phrìosan: he was caught and he spent time in [the] prison; ʼs ann ri eucoir a bha e gu cunbhalach: he was involved in crime habitually; chaidh e an sàs le sàr-mhèirlich eile: he got involved with other famous robbers; chuir iad stad air gluasad òir is airgid ann an Cuimrigh Nuadh a Deas: they stopped a transfer of gold and money in New South Wales; ghoid iad ulaidh air am biodh luach an-diugh de chòig-deug millean doilear: they stole treasure which would be worth fifteen million dollars today; fhuair e binn de chòrr is deich bliadhna fichead sa phrìosan, agus obair chruaidh na cois: he got a sentence of more than thirty years in prison, with hard labour; an dèidh deich bliadhna fhuair e maitheanas: after ten years, he received a pardon; stèidhichte air a’ chumha gum fàgadh e Astràilia: based on the condition that he would leave Australia; far an do sheatlaig e: where he settled; chaill X mòran de na clàraidhean baile aca anns a’ chrith-thalmhainn: X lost many of its city records in the earthquake; ʼs dòcha le fiabhras-clèibhe no ann an còmhstri le gunnaichean ann an taigh-seinnse: perhaps with pneumonia or in a shootout in a bar; co-dhiù fhuair e air ais gu dùthaich a bhreith: whether [or not] he got back to the country of his birth.

Puing-chànain na Litreach: chaidh aithneachadh le cuideigin: he was recognised by somebody. Compare this with chaidh a thogail ‘he was raised’. Because aithneachadh starts with a vowel, we elide the third personal singular masculine possessive pronoun (‘a’) in speech (and we don’t write it either). If Gardiner had been female, I would have said chaidh a h-aithneachadh ‘she was recognised’, using the feminine possessive pronoun.

Gnathas-cainnt na Litreach: chan eil càil a dh’fhios a’m : I have no idea.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 711

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean