FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1059: Dòmhnall Bàn MacCruimein

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Dòmhnall Bàn MacCruimein

Gaelic Gàidhlig

Dh’ainmich mi Dòmhnall Bàn MacCruimein an t-seachdain sa chaidh nuair a bha mi a’ bruidhinn mu Ruaig na Mòighe. B’ esan an aon duine, a rèir aithris, a chaidh a mharbhadh anns an Ruaig.

Bhuineadh Dòmhnall do chinneadh a tha ainmeil ann an eachdraidh na pìobaireachd. Bha Clann ’ic Cruimein nam pìobairean do chinn-chinnidh Clann ʼic Leòid Dhùn Bheagain. Ann am Bliadhna a’ Phrionnsa, bha Dòmhnall Bàn na phìobaire do cheann-cinnidh nan Leòdach. Bha a cheannard air taobh an riaghaltais. Mar sin, bha Dòmhnall Bàn gu tric air blàr catha an aghaidh nan Seumasach.

Dà latha ron Nollaig ann an seachd ceud deug, ceathrad ’s a còig (1745), chaill na Hanoibhèirianaich an aghaidh nan Seumasach ann am Blàr Inbhir Uaraidh ann an Siorrachd Obar Dheathain. Chaidh Dòmhnall Bàn a chur an grèim. Chaidh a leigeil mu sgaoil, ge-tà. Ged a bha e na nàmhaid, bha spèis mhòr aig na Gàidheil air pìobaireachd agus pìobairean. Thathar ag ràdh gun robh pìobairean nan Seumasach a’ diùltadh a bhith a’ seinn na pìoba, fhad ’s a bha Dòmhnall Bàn ann an grèim aca.

Ge-tà, cha robh Dòmhnall beò fada às dèidh sin. Ann am meadhan a’ Ghearrain, nas lugha na dà mhìos an dèidh Blàr Inbhir Uaraidh, bha e anns a’ Mhòigh, ri taobh ceann-cinnidh nan Leòdach. Chaidh peilear a losgadh anns an dorchadas le fear dhen chòignear a bha a’ dìon na Mòighe. Bhuail e Dòmhnall, agus thuit am pìobaire marbh. An uair sin, theich am mìle gu leth saighdear aig a’ Mhorair Loudon air ais a dh’Inbhir Nis. Shàbhail sin beatha Theàrlaich Òig Stiùbhairt.

A rèir beul-aithris, ’s e Dòmhnall Bàn a chruthaich a’ phìobaireachd – agus an t-òran – ainmeil Cumha MhicCruimein no Cha Till MacCruimein. Thathar ag ràdh gun robh an t-òran a’ dèanamh ro-aithris air a bhàs fhèin. Tha an t-sèist – co-dhiù mar a thathar a’ seinn an òrain an-diugh – a’ dol mar seo:

Cha till, cha till, cha till MacCruimein; An cogadh no sìth, cha till e tuilleadh; Le airgead no nì cha till MacCruimein; Cha till e gu bràth gu Latha na Cruinne.

Seo aon dreach anns an latha an-diugh air a’ chòrr dhen òran. Seo a’ chiad rann:

Tha ceò nan stùc mu aodann a’ Chuilthinn; Is sheinn a’ bhean-shìth a torman mulaid; Gorm-shùilean ciùin san Dùn a’ sileadh; On thriall thu bhuainn ’s nach till thu tuilleadh.

Le ‘an Dùn’, thathar a’ ciallachadh ‘Caisteal Dhùn Bheagain’. Seo agaibh an dàrna rann: Tha ’n fhairge fa dheòigh làn bròin is mulaid; Tha ’m bàta fo sheòl ach dhiùlt i siubhal; Tha gàirich nan tonn le fuaim neo-shubhach; Ag ràdh gun do dh’fhalbh ’s nach till thu tuilleadh.

Agus seo an treas rann: Cha chluinnear do cheòl san Dùn mu fheasgar; ’S mac-talla nam mùr le mùirn ga fhreagairt; Gach fleasgach is òigh, gun cheòl, gun bheadradh; On thriall thu bhuainn, ’s nach till thu tuilleadh.

Agus an t-sèist aon turas eile: Cha till, cha till, cha till MacCruimein; An cogadh no sìth, cha till e tuilleadh; Le airgead no nì cha till MacCruimein; Cha till e gu bràth gu Latha na Cruinne.

Faclan na Litreach:: Dòmhnall Bàn MacCruimein: Donald Ban MacCrimmon; Ruaig na Mòighe: The Rout of Moy; Clann ʼic Leòid Dhùn Bheagain: the MacLeods of Dunvegan; Blàr Inbhir Uaraidh: The Battle of Inverurie.

Abairtean na Litreach: Bhuineadh X do chinneadh a tha ainmeil ann an eachdraidh na pìobaireachd: X belonged to a family line that was famous in the history of piping; gu tric air blàr catha an aghaidh nan Seumasach: often on a battlefield in opposition to the Jacobites; dà latha ron Nollaig: two days before Christmas; chaidh a leigeil mu sgaoil, ge-tà: he was released, however; a’ diùltadh a bhith a’ seinn na pìoba, fhad ’s a bha Dòmhnall Bàn ann an grèim aca: refusing to play the bagpipes, while Donald Ban was in their custody; chaidh peilear a losgadh anns an dorchadas le fear dhen chòignear a bha a’ dìon na Mòighe: a bullet was fired in the darkness by one of the five men who were protecting Moy; ro-aithris air a bhàs fhèin: a prediction of his own death; le airgead no nì cha till MacCruimein: with money nor possessions, MacCrimmon will not return; cha till e gu bràth gu Latha na Cruinne: he’ll never return until Judgement Day; tha ceò nan stùc mu aodann a’ Chuilthinn: the mist of the peaks is on the face of the Cuillin; sheinn a’ bhean-shìth a torman mulaid; the fairy woman sang her song of sadness; gorm-shùilean ciùin san Dùn a’ sileadh: mild blue eyes in Dunvegan Castle letting down tears; on thriall thu bhuainn: since you departed from us; gàirich nan tonn le fuaim neo-shubhach: the roaring of the waves with its joyless sound; cha chluinnear do cheòl: your music is not heard; mac-talla nam mùr le mùirn ga fhreagairt: the echo [from] the ramparts replied to with joy; gach fleasgach is òigh, gun cheòl, gun bheadradh: every young man and woman, without music, without playfulness.

Puing-chànain na Litreach: Ag ràdh gun do dh’fhalbh ’s nach till thu tuilleadh: saying that you [have] left and will never return. Did you pick up the different tenses in these two verbal forms? Gun do dh’fhalbh is past tense – shown by the particle do and the dh’ in front of the lenited root of the verb (falbh). Nach till, on the other hand, is clearly a future tense form – the equivalent past tense form of the same verb would be nach do thill.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Tha ’n fhairge fa dheòigh làn bròin is mulaid: the sea is at last full of great sadness.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 755

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean