FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1061: An Gàidheal – Lèirmheas

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

An Gàidheal – Lèirmheas

Gaelic Gàidhlig

An t-seachdain sa chaidh, thug mi dhuibh tòimhseachain a nochd ann an clò anns a’ Ghàidheal anns na seachdadan dhen naoidheamh linn deug. Bha mo shròn anns an dearbh phàipear-naidheachd an t-seachdain seo, agus mhothaich mi lèirmheas de leabhar a bha inntinneach. Bha an leabhar air a sgrìobhadh le James Erasmus Phillips, agus air eadar-theangachadh gu Gàidhlig le Eobhan MacColla.

Sgrìobh Seumas Erasmus Phillips dà leabhar le tiotal inntinneach agus a tha iad car a’ dol còmhla. A’ chiad fhear – Seven Common Faults: Grumbling, Temper, Thoughtlessness, Selfishness, Over-Anxiety, Indolence and Self-will . Agus an dàrna fear – Things Rarely Met With: Patience, Unworldliness, Resignation, Meekness, Humility, the Love of Enemies . Agus saoil cò am fear dhiubh a chaidh eadar-theangachadh gu Gàidhlig? Seadh – na Seven Common Faults! Faodaidh sibh ur beachd fhèin a thoirt air sin!

Agus an tiotal air an leabhar ann an Gàidhlig? Seven Common FaultsSeachd Coireachan a Ta Cumanta. Grumbling – Gearan. Temper – Droch Nàdar. Thoughtlessness – Neo-shuimealachd. Selfishness – Fèin-chùiseachd.Over-Anxiety – Anbharr Iomagain. Indolence – Leisg. Agus Self-will – Fèin-thoil. B’ e an tiotal gu lèir – Seachd Coireachan a Ta Cumanta – Gearan, Droch Nàdar, Neo-shuimealachd, Fèin-chùiseachd, Anbharr Iomagain, Leisg agus Fèin-thoil. Cha chreid mi gum biodh e a’ leum far nan sgeilpichean an-diugh!

Tuigidh sibh gun robh an t-ùghdar a’ cur air adhart modhan Crìosdachd mar dhòigh gus na seachd coireachan a sheachnadh. Mu ‘Gearan’, tha an t-ùghdar a’ sgrìobhadh nach ‘bu chòir gun cluinnte fuaim gearain ann an teaghlach Crìosdail air bith.’

‘Cronaichibh ur clann air a shon,’ tha an t-ùghdar ag ràdh, ‘ ... agus nuair a tha cothrom freagarrach [ann], cronaichibh ur càirdean [airson a bhith a’ gearain]; oir, mar a tha Gnàth-fhacal Sholaimh ag ràdh – an tì a chronaicheas duine, na dhèidh sin, gheibh e nas motha de dheagh-ghean na esan a nì miodal le a theangaidh.’

Tha Seumas Erasmus Phillips a’ leantainn le tuilleadh air ‘Gearan’. ‘Tha nàdar gearanach,’ tha e ag ràdh, ‘fìor chronail don chaitheamh-beatha dhiadhaidh. Tha e a’ cur mòr-bhacadh air meudachadh gràis. Tha e a’ toirt oirnn dìochuimhneachadh gu bheil sinn daonnan fo chùram Freastal Dhè. Tha gearan gar dèanamh mì-iomchaidh airson ùrnaigh.’

Tha e a’ moladh gun lean sinn eisimpleir Ìosa Chrìosda. ‘Tha fhios agaibh gur e ar Slànaighear Beannaichte ar n-eisimpleir anns an nì seo, cho math ri gach nì eile. Dh’fhuiling Esan ann an iomadh dòigh, agus ann an caochladh inbhe – seadh, ged bu tàireil, sgainnealach an gnàthachadh a fhuair E bitheanta, gidheadh aon uair cha tàinig gearan o bhilean Ìosa Chrìosda.’

Agus tha an t-ùghdar a’ toirt dhuinn rabhadh mu Leisg. ‘Bha na naoimh bho shean,’ tha e a’ sgrìobhadh, ‘ag èirigh gu moch ... B’ ann moch sa mhadainn a chunnaic Abram ... an smùid a bha ag èirigh suas gu nèamh à luaithre bailtean a’ chòmhnaird ... B’ ann moch sa mhadainn a chuir Iacob suas an carragh cloiche air an do leig e a cheann rè na h-oidhche, chum gum biodh i na cuimhneachan taingealais air a’ bheannachadh ʼs air na sochairean a gheall Dia dha.’

Uill, sin agaibh Gearan agus Leisg. Tha fhios gum bi sibh fhèin gan seachnadh, cho math ri Droch Nàdar, Neo-shuimealachd, Fèin-chùiseachd, Anbharr Iomagain agus Fèin-thoil!

Faclan na Litreach: tòimhseachain: riddles; Gnàth-fhacal Sholaimh:Solomon’s Proverb; ar Slànaighear Beannaichte: our Blessed Saviour.

Abairtean na Litreach: a nochd ann an clò: that appeared in print; bha mo shròn anns an dearbh phàipear-naidheachd: my nose was in the same newspaper; mhothaich mi lèirmheas de leabhar: I noticed a review of a book; cha chreid mi gum biodh e a’ leum far nan sgeilpichean: I don’t think it would be leaping off the shelves; a’ cur adhart modhan Crìosdachd mar dhòigh gus na seachd coireachan a sheachnadh: proposing Christian ways in order to avoid the seven faults; cronaichibh ur clann air a shon: censure your children for it; an tì a chronaicheas duine: whosoever censures a man; gheibh e nas motha de dheagh-ghean na esan a nì miodal le a theangaidh: he will receive more goodwill than the man who flatters with his tongue ; fìor chronail don chaitheamh-beatha dhiadhaidh: very damaging to a pious life; a’ cur mòr-bhacadh air meudachadh gràis: putting a big barrier in the way of the expansion of grace; gu bheil sinn daonnan fo chùram Freastal Dhè: that we are always in the care of God’s Providence; ged bu tàireil, sgainnealach an gnàthachadh a fhuair E bitheanta; although He was often dealt with in a contemptuous and scandalous manner; cha tàinig gearan o bhilean Ìosa Chrìosda: no complaint came from the lips of Jesus Christ; b’ ann moch sa mhadainn a chunnaic Abram: it was early in the morning that Abraham saw; an smùid a bha ag èirigh suas gu nèamh à luaithre bailtean a’ chòmhnaird: the smoke that was rising to heaven from the ashes of the villages of the plains; air a’ bheannachadh ʼs air na sochairean a gheall Dia dha: of [on] the blessing and benefits that God promosed to him.

Puing-chànain na Litreach: : Seachd Coireachan a Ta Cumanta: seven faults that are common. Did you wonder why the verb is ‘Ta’ and not ‘Tha’? It’s basically old-fashioned (the verb became lenited in Scotland but has retained its unlenited form in Irish Gaelic). The older form of Ùrnaigh an Tighearna ‘The Lord’s Prayer’ in Scottish Gaelic starts Ar n-athair a Ta air nèamh but today it is usually Ar n-athair a Tha air nèamh to reflect modern usage.

Gnàthas-cainnt na Litreach: : nach ‘bu chòir gun cluinnte fuaim gearain ann an teaghlach Crìosdail air bith: it can be read on the internet: the noise of grumbling should not be heard in any Christian family.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 757

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean