FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1066: Muileann Bheannchair (2)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Muileann Bheannchair (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mun mhallachd a bh’ air Muileann Bheannchair ann am Bàideanach. Bha muinntir Ghleann Bheannchair agus Bhail’ Ùr an t-Slèibh a’ cleachdadh a’ mhuilinn. Chaidh buidheann dhiubh gu taigh na bana-bhuidsich airson bruidhinn rithe. Dh’iarr iad oirre a mallachd a thogail gus am biodh comas aig daoine a bhith ag obrachadh a’ mhuilinn.

Dh’aontaich a’ bhana-bhuidseach sin a dhèanamh ach a-mhàin air Latha Fèill Brìde. Air an latha sin gach bliadhna, duine sam bith a bhiodh ag obair sa mhuileann, bhiodh e a’ fulang gu dubh.

Air sàillibh sin, cha do rinn muillear Ghleann Bheannchair obair sam bith air Latha Fèill Brìde. Sin mar a bha airson greis mhòr. Ach thàinig muillear ùr, agus bha esan dhen bheachd nach robh anns a’ ghnothach ach saobh-chràbhadh gun bhrìgh. Dh’inns e do mhuinntir a’ ghlinne gum biodh am muileann fosgailte, agus ag obair, air Latha Fèill Brìde.

Thàinig an latha sin, agus cha do nochd aon duine aig a’ mhuileann. Ach bha arbhar aig a’ mhuillear fhèin agus chuir e sin tron mhuileann. Fhad ʼs a bha na clachan-brà a’ tionndadh, bha fuaim uabhasach mar dhìosgan a’ tighinn bhuapa. Nuair a thug am muillear sùil air a’ mhin, fhuair e a-mach gun robh i measgaichte le gainmheach, agus gun fheum sam bith mar bhiadh do dhuine no beathach.

Nuair a thug e sùil air na clachan-brà, lorg e tè a bha sgàinte. Chuir e an tè sin am falach agus chuir e tè ùr na h-àite. Dh’inns e do mhuinntir Ghleann Bheannchair gun robh am muileann ag obair ceart gu leòr, a dh’aindeoin ʼs gun robh e air a bhith a’ dol Latha Fèill Brìde.

Ge-tà, nuair a thàinig daoine eile le arbhar, cha b’ urrainn don mhuillear am muileann a chur air dol. Agus bha an sìol-lann – far an robh gràn air a stòradh – làn radan. Dh’ith na radain an gràn air fad. Dh’fhalbh am muillear mus robh a’ bhliadhna seachad. Ach loisg am muileann ùr aige gu làr, agus chaochail am muillear ann am bochdainn.

An ceann ùine, thàinig muillear ùr a Mhuileann Bheannchair. Bha uchd-mhac aige a bhuineadh don luchd-siubhail. Ruith an dithis am muileann airson grunn bhliadhnaichean, ga chumail dùinte air Latha Fèill Brìde. Cha robh duilgheadas sam bith aca.

Nuair a chaochail an duine seo, agus nuair a thàinig fear eile na àite, cha b’ urrainn dha am muileann a chur air dol. Chuir e fios don uchd-mhac aig an t-seann mhuillear. Dh’iarr e taic air airson am muileann a chur air dol. Dh’aontaich an gille a chuideachadh ach bha e airson a bhith leis fhèin anns a’ mhuileann. Bha pìos fiodha sònraichte aige am falach anns a’ mhuileann. Le bhith a’ cleachdadh sin ann an dòigh dhìomhair, cha b’ fhada gus an robh am muileann ag obair a-rithist.

Dhiùlt an gille an rùn-dìomhair aige innse do dhuine sam bith eile. Cha robh roghainn aig muinntir an àite ach e fhèin fhastadh mar mhuillear. Ach, ged a bha am muileann ag obair, cha robh an gille math mar mhuillear, agus dhùin am muileann. Chan eil ann am Muileann Bheannchair a-nise ach tobhta. Ach tha cuimhne fhathast aig muinntir Bhail’ Ùr an t-Slèibh air mar a bhiodh na seann daoine a’ diùltadh am muileann obrachadh air Latha Fèill Brìde.

Faclan na Litreach: Muileann Bheannchair: The Banchor Mill; Bàideanach: Badenoch; Bail’ Ùr an t-Slèibh: Newtonmore; Latha Fèill Brìde: St Bride’s Feast Day; arbhar:unmilled corn [cereal]; sìol-lann: granary; radain: rats; rùn-dìomhair: secret.

Abairtean na Litreach: Chaidh buidheann dhiubh gu taigh na bana-bhuidsich airson bruidhinn rithe: a group of them went to the witch’s house to speak to her; dh’iarr iad oirre a mallachd a thogail:they asked her to lift her curse; bhiodh e a’ fulang gu dubh:he would suffer badly; sin mar a bha airson greis mhòr: that’s how it was for quite some time; bha esan dhen bheachd nach robh anns a’ ghnothach ach saobh-chràbhadh gun bhrìgh: he was of the opinion that the matter was simply meaningless superstition; fhad ʼs a bha na clachan-brà a’ tionndadh: while the quernstones were turning; nuair a thug am muillear sùil air a’ mhin: when the miller examined the meal; gun robh i measgaichte le gainmheach: that it was mixed with sand; gun fheum sam bith mar bhiadh do dhuine no beathach:useless as food for man or beast; lorg e tè a bha sgàinte:he found one that was split; chuir e tè ùr na h-àite: he put a new one in its place; cha b’ urrainn don mhuillear am muileann a chur air dol: the miller couldn’t get the mill going; chaochail am muillear ann am bochdainn: the miller died in poverty; bha uchd-mhac aige a bhuineadh don luchd-siubhail: he had an adopted son who belonged to the travelling people; dh’aontaich an gille a chuideachadh ach bha e airson a bhith leis fhèin anns a’ mhuileann: the lad agreed to help him but he wanted to be alone in the mill; mar a bhiodh X a’ diùltadh am muileann obrachadh air Latha Fèill Brìde: how X would refuse to work the mill on St Bride’s Feast Day.

Puing-chànain na Litreach: gus am biodh comas aig daoine a bhith ag obrachadh a’ mhuilinn: so that people were able to work the mill. In mainland Scotland and many islands, muileann is a masculine noun; in the genitive singular with the article it is a’ mhuilinn [here following the verbal noun ag obrachadh ]. In Lewis and Harris, however, it is often a feminine noun with the genitive singular form na muilne.

Gnàthas-cainnt na Litreach: bha fuaim uabhasach mar dhìosgan a’ tighinn bhuapa:a terrible sound like grating [eg teeth grating on each other] was coming from them.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 762

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean