FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1096: Raibeart Armstrong (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Raibeart Armstrong (1)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu Raibeart Armstrong à Siorrachd Pheairt a chuir faclair Gàidhlig ri chèile ann an ochd ceud deug, fichead ʼs a còig (1825). Bha athair, air an robh Raibeart mar ainm cuideachd, na mhaighstir-sgoile anns a’ Cheannmhor aig ceann an ear Loch Tatha. An dèidh dha sgoil athar fhàgail, chaidh Raibeart don oilthigh, an toiseach ann an Dùn Èideann, agus an uair sin ann an Cill Rìmhinn. Thàinig e a-mach mar sgoilear air leth de Sheann Ghreugais agus Laidinn.

An dèidh dha ceumnachadh, bha Raibeart na oide aig Archibald Butter à Fas Choille, faisg air Baile Chloichridh. Bha e cho measail air Butter ʼs gun do ghabh e ainm an duin-uasail air fhèin. Bha e aithnichte a-nise mar ‘R. A. Armstrong’ – Robert Archibald. Ann an Gàidhlig, ghabh e ‘Raibeart Gilleasbuig Armstrong’ air fhèin.

Bha Armstrong a-nise deiseil airson a bhith na mhinistear, agus chaidh e cho fada ʼs gun do dh’fhoillsich e dà shearmon. Ge-tà, an àite a bhith a’ cur a-staigh airson a bhith na mhinistear paraiste, dh’fhalbh e a Lunnainn. Bha e airson sgoil a chur air dòigh, anns am biodh e ag oideachadh mic dhaoin-uaisle.

Bha e a’ fuireach an toiseach ann an Chelsea. An dèidh sin, bha e ann an ceàrnaidhean eile dhen chathair-bhaile. Airson còrr is fichead bliadhna, bha e a’ ruith an South Lambeth Grammar School. Bha Armstrong gu math soirbheachail mar neach-teagaisg agus maighstir-sgoile. ʼS iomadh gille a fhuair oideachadh bhuaithe, agus a chaidh air adhart gu dreuchd cudromach.

Fhad ʼs a bha Raibeart ann an Lunnainn, chuala e gun robh Comunn Gàidhealach na h-Alba – The Highland Society of Scotland – am beachd faclair Gàidhlig a chur ri chèile. Bha iad air triùir sgoilearan fhastadh airson na h-obrach. Uill, bha ar laoch, Raibeart, dhen bheachd gun dèanadh esan faclair a cheart cho math, agus a cheart cho luath, riutha.

Bha e trang leis an obair làitheil aige, agus cha robh cus ùine aige airson faclair a chur ri chèile. Ach, a dh’aindeoin sin, rinn e adhartas math. Ge-tà, nuair a bha e air a dhol cho fada ris an litir ‘M’, chaidh togalach an fhoillsicheir a losgadh gu làr. B’ fheudar do Raibeart an obair aige a thòiseachadh às ùr.

Bha e gu math dìcheallach, agus chaidh am faclair aige fhoillseachadh ann an ochd ceud deug, fichead ʼs a còig (1825). Agus ciamar a bha dol don triùir sgoilearan aig Comunn Gàidhealach na h-Alba? Obh obh ... bha trì bliadhna eile gu bhith ann mus nochdadh am faclair acasan!

Bha fèill air faclair Armstrong, a rèir choltais. Bha e gu math mòr. Bha còrr is mìle duilleag ann. Bha caibideil ann mu ghràmar na Gàidhlig. Agus b’ e a’ chiad fhaclair Gàidhlig a thug sùil air bunachas fhaclan.

Sgrìobh an Literary Gazette gum bu chòir don a h-uile cànanaiche anns an Roinn Eòrpa lethbhreac fhaighinn, oir bha Armstrong air a shùil a thoirt air seachdad cànan, agus mar sin gun robh an obair aige airidh air moladh mòr. Sgrìobh an Athenaeum gun robh e na b’ fheàrr na faclair sam bith eile a bhuineadh do na cànanan Ceilteach. Agus chaidh Armstrong ainmeachadh mar am Faclairiche Gàidhlig Rìoghail do Rìgh Seòras IV dhan robh an leabhar aige air ainmeachadh. Ach cha robh cùisean buileach rèidh dha, mar a chì sinn an-ath-sheachain.

Faclan na Litreach: Siorrachd Pheairt: Perthshire; Cill Rìmhinn:St Andrews; aithnichte: known, recognised; Lunnainn:London; dìcheallach: conscientious; obh obh: oh dear; na cànanan Ceilteach: the Celtic languages.

Abairtean na Litreach: Bha athair ... na mhaighstir-sgoile anns a’ Cheannmhor aig ceann an ear Loch Tatha: his father ... was a schoolmaster in Kenmore at the eastern end of Loch Tay ; sgoilear air leth de Sheann Ghreugais agus Laidinn: a fine scholar of Ancient Greek and Latin; an dèidh dha ceumnachadh, bha Raibeart na oide: after graduating, Robert was a tutor; deiseil airson a bhith na mhinistear: ready to be a minister; chaidh e cho fada ʼs gun do dh’fhoillsich e dà shearmon: he went as far as to publish two sermons; anns am biodh e ag oideachadh mic dhaoin-uaisle: in which he would be instructing the sons of gentlemen; bha e ann an ceàrnaidhean eile dhen chathair-bhaile: he was in other parts of the city; soirbheachail mar neach-teagaisg agus maighstir-sgoile: successful as a teacher and schoolmaster; chuala e gun robh X am beachd faclair Gàidhlig a chur ri chèile: he heard that X was intending to put together a Gaelic dictionary; bha iad air triùir sgoilearan fhastadh airson na h-obrach: they had hired three scholars for the work; bha ar laoch dhen bheachd gun dèanadh esan faclair a cheart cho math, agus a cheart cho luath, riutha: our ‘hero’ reckoned he could create just as good a dictionary, and just as quick as them; chaidh togalach an fhoillsicheir a losgadh gu làr: the publisher’s building was burned to the ground; bha còrr is mìle duilleag ann: it contained more than a thousand pages; bha X air a shùil a thoirt air seachdad cànan: X had looked at seventy languages; cha robh cùisean buileach rèidh dha: things weren’t entirely harmonious for him.

Puing-chànain na Litreach: : chaidh Armstrong ainmeachadh mar am Faclairiche Gàidhlig Rìoghail do Rìgh Seòras IV dhan robh an leabhar aige air ainmeachadh: Armstrong was named as Gaelic Lexicographer Royal to King George IV to whom they book was dedicated. It is rather the tendency for us today to use the term Deòrsa for royal personages, even though George is more commonly Seòras. Why, then, did I choose Seòras on this occasion? Because Armstrong did! In his dedication, he wrote: ‘CHUM A MHORALACHD RIOGHAIL, SEÒRUS IV.’

Gnàthas-cainnt na Litreach: : ciamar a bha dol don triùir sgoilearan?: how were the three scholars getting on?

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 792

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean