FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1099: Briathrachas Fhuaimean (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Briathrachas Fhuaimean (1)

Gaelic Gàidhlig

Dè am fuaim a bhios luchag a’ dèanamh? Am bi i a’ beucaich no a’ comhartaich? No am bi i a’ crònan, no a’ donnalaich? A bheil e gu diofar ma tha an luchag toilichte seach mì-thoilichte? No misneachail an àite eagallach? Uill, feumaidh mi aideachadh nach eil mi ro eòlach air cainnt nan luchag. Ach faodaidh mi a ràdh, an ìre mhath le cinnt, nach bi luchag a’ beucaich no a’ comhartaich!

A bheil sibh eòlach air a’ bhriathrachas co-cheangailte ri fuaim? Anns an Litir seo, tha mi a’ dol a dh’innse feadhainn dhiubh dhuibh. Anns a’ chiad dol a-mach, chanamaid bìogail no bìdil ris an fhuaim a bhios luchag a’ dèanamh – squeaking no chirping ann am Beurla. Bidh eòin bheaga a’ bìogail cuideachd.

Dè th’ ann am beucaich, ma-thà? Ann am Beurla, canaidh sinn roaring no bellowing ris. ʼS e beucaich am fuaim a nì a’ mhuir air latha stoirmeil – beucaich na mara. Nam biodh sibh a’ tighinn car faisg air eas mòr mòr, mar Eas Niagara no Eas Bhictòria, bhiodh sibh a’ cluinntinn beucaich an easa. Ge-tà, bidh sinn cuideachd ag ràdh ‘beucaich’ ris an fhuaim a bhios boc-earba a’ dèanamh.

Agus comhartaich? ʼS e sin am fuaim a nì cù, seach luchag. Agus crònan? Uill, seo agaibh pìos bàrdachd anns a bheil am facal: sei l lein riabhacha, breaca, srianach, len crònan cianail as fiadhta srann ‘brindled, speckled, striped bees, with their mournful droning of the wildest buzz’. Tha seo às an dàn Coire a’ Cheathaich le Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir. Seillein riabhacha, breaca, srianach, len crònan cianail as fiadhta srann.

Tha crònan a’ ciallachadh ‘the buzzing of a fly or bee’. Tha e cuideachd a’ ciallachadh fuaim a nì allt – ‘purling’ ann am Beurla. Cha bhi luchag a’ dèanamh crònan fhad ʼs as aithne dhomh. Ach nan cluinneadh luchag crònan, ʼs dòcha gum biodh i a’ gabhail eagail. Carson? Uill, ʼs e sin am fuaim a nì cat nuair a tha e toilichte. Crònan cait ‘the purring of a cat ’. Tha seanfhacal ann: ʼS ann air a shon fhèin a nì an cat crònan ‘it’s for itself the cat purrs. ʼS ann air a shon fhèin a nì an cat crònan.

Tha dùrdan cuideachd a’ seasamh airson purring. Seo seanfhacal eile: Nuair a bhios nì aig a’ chat, nì e dùrdanwhen the cat has got hold of something, it purrs’. Bidh sinn ag ràdh sin mu dhaoine beartach a bhios a’ bruidhinn gu tric mun cuid ionmhais. Nuair a bhios nì aig a’ chat, nì e dùrdan.

Dè mu dheidhinn donnal no donnalaich? ʼS e sin am fuaim àrd a bhios cù a’ dèanamh nuair a tha e ann am pian. Howling. Bidh madaidhean-allaidh a’ donnalaich gu nàdarrach.

Agus dè chanas sinn ris an fhuaim mhòr a bhios daimh a’ dèanamh? ʼS e sin langanaich. Lowing, bellowing. Langanaich. Aig àm na dàra, canaidh sinn bùirich ris. Bùirich – loud bellowing. Dè am beathach eile, a bharrachd air damh, a bhios a’ bùirich? Chanainn fhèin – tarbh. Mar sin leibh an-dràsta.

Faclan< na Litreach: : beucaich na mara: the roar [thunder] of the sea; boc earba:roebuck; Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir:Duncan Ban MacIntyre; langanaich: lowing, bellowing .

Abairtean na Litreach: Dè am fuaim a bhios luchag a’ dèanamh?: what sound does a [little] mouse make?; a bheil e gu diofar ma tha an luchag toilichte seach mì-thoilichte?: does it make a difference if the mouse is happy or unhappy?; no misneachail an àite eagallach?: or confident instead of fearful?; feumaidh mi aideachadh nach eil mi ro eòlach air cainnt nan luchag: I must admit that I’m not too familiar with the speech of [the] mice; faodaidh mi a ràdh, an ìre mhath le cinnt: I can say, pretty much with certainty; nach bi luchag a’ beucaich no a’ comhartaich: that a mouse doesn’t roar or bark; bidh eòin bheaga a’ bìogail: little birds chirp; nan cluinneadh luchag crònan, ʼs dòcha gum biodh i a’ gabhail eagail: if a mouse heard purring, perhaps it would become scared; bidh sinn ag ràdh sin mu dhaoine beartach a bhios a’ bruidhinn gu tric mun cuid ionmhais: we say that about rich people who often talk about their riches; nuair a tha e ann am pian: when it is in pain; dè chanas sinn ris an fhuaim mhòr a bhios daimh a’ dèanamh?: what do we call the great noise that stags make?; aig àm na dàra, canaidh sinn bùirich ris: at the time of the rut, we call it bùirich; chanainn fhèin – tarbh: I would say – a bull.

Puing-chànain na Litreach: Cha bhi luchag a’ dèanamh crònan fhad ʼs as aithne dhomh. A mouse doesn’t purr, as far as I know. You will also hear cho fad ʼs as aithne dhomh . It’s a really useful phrase and can be applied in almost any situation, even if words like fios and eòlas (rather than aithne ) are being used for ‘knowledge’ in the conversation. ʼS ann aigesan a bhios fios, fhad ʼs as aithne dhomh he will know, as far as I am aware’.

Seanfhaclan na Litreach: ʼS ann air a shon fhèin a nì an cat crònan it’s for itself the cat purrs. Nuair a bhios nì aig a’ chat, nì e dùrdanwhen the cat has got hold of something, it purrs .

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 795

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean