FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1180: Seanadh Whitby (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Seanadh Whitby (1)

Gaelic Gàidhlig

An t-seachdain sa chaidh, bha mi ag innse dhuibh mu Naomh Fìonan. Bha e na Easbaig ann an Lindisfarne. Bha mi cuideachd ag innse dhuibh mu Sheanadh Whitby ann an sia ceud, seasgad ʼs a ceithir (664). Bha sin air a chumail airson co-dhùnadh a dhèanamh air cuin dìreach a bhiodh an Eaglais a’ cumail fèill na Càisge.

Tha cuid dhen bheachd gun deach an seanadh sin a chur dheth gu às dèidh bàs Fhìonain. Carson? Uill, bha Fìonan gu tur an aghaidh a’ Chàisg atharrachadh.

An-diugh, tha mi airson sùil a thoirt air Seanadh Whitby fhèin agus ceann-latha na Càisge. Bha an co-dhùnadh a rinneadh ann an Whitby cudromach ann an eachdraidh na h-Eaglaise agus ann an eachdraidh Shasainn ʼs na h-Alba.

Anns an t-seachdamh linn, bha muinntir Northumbria a’ gabhail ris a’ chreideamh Chrìosdail mean air mhean. Bha miseanaraidhean air a dhol ann a bhuineadh do dhà dhiofar ‘sgoil’. Air an dàrna làimh, bha feadhainn ann a bha dìleas do chleachdaidhean na Ròimhe. Air an làimh eile, bha na Ceiltich – na Gàidheil – le ceanglaichean do dh’Eilean Ì. Bha iadsan dìleas do na cleachdaidhean anns na h-eaglaisean co-cheangailte ri Ì ann an Alba agus Èirinn.

B’ e an diofar a bu mhotha a bh’ ann eadar an dà sgoil an latha a bh’ air a chomharrachadh mar a’ Chàisg – Didòmhnaich na Ceusta. Airson seo a mhìneachadh, tha mi airson a dhol don t-Soisgeul aig Eòin anns a’ Bhìoball. Ann an Eòin Caibideil 19 tha Pìleat air Ìosa a chur an grèim. Tha e a’ dol ga shaoradh ach tha na ceannardan Iùdhach ag iarraidh air Ìosa a cheusadh. ʼS e ceusadh a thachair.

Ann an rann ceithir-deug tha seo: Agus b’ e latha ullachaidh na Càisge e, agus mu thimcheall na siathamh uaire. Tha sin a’ ciallachadh mu mheadhan-latha oir bhathar a’ cunntadh nan uairean bho shia uairean sa mhadainn nuair a bhiodh na manaich ag èirigh. Ach dè thathar a’ ciallachadh le latha ullachaidh na Càisge?

Anns na dreachan Beurla dhen Bhìoball, thathar ga eadar-theangachadh mar ‘the day of preparation of the Passover’. Tha na faclan Passover, Paschal agus Càisg uile ceangailte ri chèile. Ann an Gàidhlig ʼs e ‘Càisg nan Iùdhach’ a chanas sinn airson Passover. Bha daoine a’ comharrachadh latha-ceusaidh Ìosa a rèir fèill Iùdhach. Agus bha na h-Iùdhaich a’ tomhas cuin a bhiodh sin ann a rèir staid na gealaich.

Ann am mìosachan nan Iùdhach, bidh gach mìos a’ tòiseachadh leis a’ ghealaich ùir. Ceala-deug an dèidh sin bidh a’ ghealach làn. Bidh Càisg nan Iùdhach a’ tòiseachadh air latha na gealaich làin anns a’ chiad mhìos dhen Earrach. Canaidh na h-Iùdhaich ‘Nisan’ ris a’ mhìos sin.

Cha robh na Crìosdaidhean ag iarraidh a’ Chàisg a chomharrachadh air an aon latha ri Càisg nan Iùdhach. Agus bha iad airson ʼs gum biodh i an-còmhnaidh air Didòmhnaich. Mar sin, aig Nicaea, baile Greugach faisg air Constantinople, bha co-labhairt air a cumail anns a’ bhliadhna trì cheud, fichead ʼs a còig (325). Rinn na h-easbaigean co-dhùnadh air cuin dìreach a bhiodh a’ Chàisg air a cumail. An ath thuras, chì sinn dè an co-dhùnadh a bh’ aca, agus chì sinn dè thachair aig Seanadh Whitby.

Faclan na Litreach: Naomh Fìonan: Saint Finan; Seanadh Whitby: The Synod of Whitby; Didòmhnaich na Ceusta: Easter Sunday [Sunday of the Crucifixion]; Càisg nan Iùdhach: Passover; co-labhairt: conference; baile Greugach: a Greek town.

Abairtean na Litreach: Bha e na Easbaig ann an Lindisfarne: he was a Bishop in Lindisfarne; bha sin air a chumail airson co-dhùnadh a dhèanamh air cuin dìreach a bhiodh an Eaglais a’ cumail fèill na Càisge: that was held to make a decision on when exactly the Church would celebrate the feast of Easter; gun deach an seanadh sin a chur dheth gu às dèidh bàs Fhìonain: that that synod was postponed until after the death of Finan; gu tur an aghaidh: completely against; bha muinntir Northumbria a’ gabhail ris a’ chreideamh Chrìosdail mean air mhean: the people of Northumbria were gradually accepting the Christian religion; dìleas do chleachdaidhean na Ròimhe: loyal to Roman practices; anns na h-eaglaisean co-cheangailte ri Ì: in the churches connected to Iona; tha mi airson a dhol don t-Soisgeul aig Eòin anns a’ Bhìoball: I want to go to the Gospel of John in the Bible; ann an Eòin Caibideil 19 tha Pìleat air Ìosa a chur an grèim: in John Chapter 19 Pilate has arrested Jesus; tha na ceannardan Iùdhach ag iarraidh air Ìosa a cheusadh: the Jewish leaders want him to crucify Jesus; bha daoine a’ comharrachadh latha ceusaidh Ìosa a rèir fèill Iùdhach: people were marking the day of Jesus’s crucifixion according to a Jewish festival; a rèir staid na gealaich: according to the state of the moon; bidh gach mìos a’ tòiseachadh leis a’ ghealaich ùir: every month starts with a new moon; ceala-deug an dèidh sin bidh a’ ghealach làn: a fortnight after that, the moon is full; bha iad airson ʼs gum biodh i an-còmhnaidh air Didòmhnaich: they wanted it always to be on a Sunday.

Puing-chànain na Litreach: a bhuineadh do dhà dhiofar ‘sgoil’: that belonged to two different ‘schools’. ‘two’ is lenited here following the preposition do. Diofar is lenited because it is commanded by the numeral dhà. Sgoil is in the dual case (with the same form as the singular) following the numeral .

Gnàthas-cainnt na Litreach: Bha an co-dhùnadh a rinneadh ann an Whitby cudromach: the conclusion that was made in Whitby was important.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 876

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean