FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1200: Gaelic in Your Gob

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Gaelic in Your Gob

Gaelic Gàidhlig

Bidh sibh eòlach air an fhacal boogie, a tha car cumanta ann am Beurla nan Stàitean Aonaichte. Tha e a’ ciallachadh grunn rudan, a’ gabhail a-steach danns, agus tha cuid de sgoilearan dhen bheachd gun tàinig e a-nall don Bheurla bho chànan Afraganach. Ach a bheil ceangal ann ris an fhacal Ghàidhlig bogadh?

Tha mi a’ cur na ceist oir tha an sgoilear Gàidhlig Mìcheal Newton ga togail anns an leabhar aige Gaelic in Your Gob a nochd ann an clò an-uiridh. Tha Mìcheal còir air tòrr a dhèanamh airson na Gàidhlig agus seo leabhar beag tarraingeach a tha làn neamhnaidean. Agus – math dh’fhaodte – ʼs e an gnothach aig bunait a’ chàirdeis eadar boogie agus bogadh – feise.

Dè tha faclair Dwelly ag ràdh mun fhacal bogadh? Uill, tha e a’ ciallachadh ‘softening, mollifying, steeping, dipping, moistening, state of sticking fast in the mire, wagging, bobbing, softness, tenderness, mellowness, floating.’ Airson ‘the dog is wagging its tail’ canaidh sinn ‘tha an cù a’ bogadh earbaill’.

ʼS dòcha gun robh Eideard Dwelly ro ‘mhodhail’ airson ciall eile dhen fhacal a chur anns an fhaclair aige. Ach tha Mìcheal Newton ag innse dhuinn gun robh bàird anns an t-seachdamh is ochdamh linn deug a’ cleachdadh ‘bogadh’ mar thruaill-chainnt airson feise. Tuigidh sibh mar a dh’fhaodadh sin a bhith. Tha an t-ùghdar a’ toirt eisimpleirean de a leithid anns an leabhar aige. Tha e dhen bheachd gur dòcha gu bheil am facal Gàidhlig bogadh am measg na chuir ri boogie anns na Stàitean Aonaichte.

Tha cha mhòr leth-cheud facal Gàidhlig a thug buaidh air a’ Bheurla anns an leabhar. Bheir sinn sùil air eisimpleir no dhà. Bidh sibh eòlach air an fhacal bean-sìthe no bean-shìthe ann an Gàidhlig. Fairy woman. Leis gur e ‘banshee’ a chanas daoine ann am Beurla, tha beachd ann gun tàinig am facal bho Ghàidhlig na h-Èireann far an canar ‘ban’ airson bean.

Ge-tà, tha Mìcheal Newton ag innse dhuinn gun tàinig am facal a-steach an toiseach bho Ghàidhlig na h-Alba. Tha e a’ nochdadh ann an clò ann an seachd ceud deug, seachad ʼs a h-aon (1771) mar ‘Benshi or the Fairies wife’ ann an Alba. ʼS ann às dèidh sin a thug an dreach Èireannach buaidh air an fhacal ann am Beurla.

Ann an Gàidhlig, canaidh sinn màl dubh airson blackmail. Tha Mìcheal Newton ag innse dhuinn gur dòcha gun do dh’èirich am facal Beurla bhon Ghàidhlig, ged a thàinig màl a-steach don Ghàidhlig an toiseach bhon t-seann Bheurla. B’ e màl dubh sùim airgid a bhiodh tuathanach a’ pàigheadh don uachdaran no ceann-cinnidh mu choinneamh gach mart aige. Bha sin mar àrachas an aghaidh feadhainn eile a bhith a’ togail creach – a’ goid na sprèidhe. Bhiodh an t-uachdaran a’ faighinn nam beathaichean air ais no a’ lorg feadhainn eile nan àite. B’ e sin am màl dubh no blackmail.

Agus dè mu dheidhinn peata? A pet, tame animal. Peata. Tha am facal a’ nochdadh ann an Gàidhlig cho fada air ais ris an ochdamh linn ann an làmh-sgrìobhainn Èireannach. Agus cò chanas am facal anns an sgeul ach Cù Chulainn fhèin!

Faclan na Litreach: ceangal: link, tie; math dh’fhaodte: perhaps; ro mhodhail: too polite; truaill-chainnt: slang; ge-tà: however; peata: a pet, tame animal; làmh-sgrìobhainn Èireannach: an Irish manuscript.

Abairtean na Litreach: Beurla nan Stàitean Aonaichte: US English; grunn rudan, a’ gabhail a-steach danns: a few things, taking in dance; gun tàinig e a-nall don Bheurla bho chànan Afraganach: that it came over into English from an African language; tha an sgoilear X ga togail: the scholar X raises it; a nochd ann an clò an-uiridh: which appeared in print last year; leabhar beag tarraingeach a tha làn neamhnaidean: a small attractive book that is full of gems [pearls]; ʼs e an gnothach aig bunait a’ chàirdeis eadar X agus Y – feise: the matter that is the basis of the relationship between X and Y is sexual intercourse; bàird anns an t-seachdamh is ochdamh linn deug: poets in the seventeenth and eighteenth centuries; tuigidh sibh mar a dh’fhaodadh sin a bhith: you’ll understand how that might be; cha mhòr leth-cheud facal: almost fifty words; a thug buaidh air a’ Bheurla: which influenced the English language; bheir sinn sùil air eisimpleir no dhà: we’ll have a look at an example or two; b’ e màl dubh sùim airgid a bhiodh tuathanach a’ pàigheadh don uachdaran no ceann-cinnidh: blackmail was a sum of money that a farmer would pay to the landlord or clan chief; mar àrachas an aghaidh feadhainn eile a bhith a’ togail creach: as insurance against others lifting cattle; a’ goid na sprèidhe: stealing the livestock/cattle; bhiodh an t-uachdaran a’ faighinn nam beathaichean air ais no a’ lorg feadhainn eile nan àite: the landlord would get the beasts back or would find replacements; cho fada air ais ris an ochdamh linn: as far back as the eighth century; cò chanas am facal anns an sgeul ach Cù Chulainn fhèin: who says the word in the story but Cuchullin himself.

Puing-chànain na Litreach: mu choinneamh gach mart aige: corresponding to each of his cows. Mu choinneamh means ‘opposite, facing’ but can be used idiomatically in this way to mean ‘meeting’ or ‘corresponding to’. Dwelly’s dictionary gives the example tha airgead agam mu choinneamh a’ mhàil ‘I have money to meet the rent’. This màl, by the way, is the same word that appears in the text in màl dubh ‘blackmail’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: tha an cù a’ bogadh earbaill: the dog is wagging its tail.

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 896

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean