FaclairDictionary EnglishGàidhlig

122: Dè a’ Ghàidhlig a th’ air… ?

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Dè a’ Ghàidhlig a th’ air… ?

Gaelic Gàidhlig

Bidh sibh eòlach air faclan Beurla a thàinig às a’ Ghàidhlig bho thùs – rudan mar whisky, bard, cairn, ben, loch, kerfuffle is mar sin air adhart. Kerfuffle? Uill, a rèir an fhaclair Bheurla agam, a tha ag innse dhomh gu bheil an gnìomhair kerfuffle a’ ciallachadh “to put into disorder or disarray”, thàinig pàirt co-dhiù dhen fhacal bhon Ghàidhlig. Tuilleadh mu dheidhinn sin ro dheireadh na Litreach.

An là eile, chuir fear as aithne dhomh, aig a bheil fìor dheagh Ghàidhlig, ceist orm. “Dè a’ Ghàidhlig,” thuirt e, “a th’ air slogan?”

“’S e ceist a tha sin,” fhreagair mi. “Nach eil fios agad gu bheil a h-uile faclair Beurla ag ràdh gur ann às a’ Ghàidhlig a thàinig am facal slogan?”

“Uill,” fhreagair mo charaid, “cha robh fios agam. Agus dè a’ Ghàidhlig a bh’ ann às an tàinig e?”

“A, uill, ma ’s breug bhuam e, is breug thugam e,” thuirt mi, “ach thàinig e à “sluagh-ghairm” – mar a bhios sluagh neo feachd a’ gairm mus tèid iad gu cath – ‘Beatha neo bàs!’, ‘Fear eil’ airson Eachainn!’, ‘Cruachan!’ is gnothaichean mar sin. Sluagh-ghairm.”

“Uhuh,” fhreagair e, “agus dè chanas mi airson slogan, ma-thà, agus mi ag eadar-theangachadh pìos Beurla, nuair a tha slogan a’ ciallachadh rudeigin a tha sgrìobhte air sanas air botal neo poca plastaig?” Deagh cheist.

Uaireannan tha duilgheadas againn ann an Gàidhlig le bhith ag eadar-theangachadh faclan Beurla a thàinig bho thùs bhon chànan againne. Tha e gu cinnteach fìor mu ainmean-àite. Mar eisimpleir, cluinnear uaireannan daoine a’ bruidhinn mu dheidhinn “Beanntan a’ Chuilthinn” mar eadar-theangachadh air “The Cuillin Hills” nuair is e dìreach “An Cuiltheann” a’ Ghàidhlig cheart. Tha fios againn gur e beanntan a th’ anns a’ Chuiltheann.

Bho àm gu àm cluinnear cuideachd An Càrn Gorm mar eadar-theangachadh air “The Cairngorms” nuair is e “Am Monadh Ruadh” a’ Ghàidhlig cheart air na beanntan sin. Chan eil anns “a’ Chàrn Ghorm” ach aon bheinn anns a’ Mhonadh Ruadh – a’ bheinn far a bheilear a’ togail rathad-iarainn a bhios deiseil airson sgithearan an ceann dà mhìos. Agus tha Dualchas Nàdair na h-Alba air “am Monadh Ruadh” aithneachadh gu h-oifigeil. Tha a’ bhuidheann air moladh don Riaghaltas gum bi ainm dà-chànanach air a’ phàirce nàiseanta a thèid a stèidheachadh ann a sin a dh’aithghearr – Cairngorms National Park ann am Beurla, agus Pàirce Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh ann an Gàidhlig. Bidh sinn an dòchas gun gabh an Riaghaltas ris a’ mholadh sin.

A bharrachd air ainmean-àite, bidh sinn uaireannan a’ dìochuimhneachadh nam faclan a chaidh don Bheurla bhon Ghàidhlig. Dh’fhaighnich fear, a bha ag ionnsachadh a’ chànain, dhìom turas dè a’ Ghàidhlig a bh’ air bog. Cha robh e air mothachadh gur ann às a’ Ghàidhlig “bog” a thàinig bog. Feuch “boglach” thuirt mi ris.

Smaoinich e airson mionaid air faclan eile rudeigin coltach ri sin. “Mmm,” thuirt e, “is dè a’ Ghàidhlig a th’ air shut your gob? ‘Dùin do ghob’?”

Cha robh mi buileach cinnteach co-dhiù ’s ann ri mì-mhodh a bha e gus nach ann, ach bha e glè cheart, ged is e “dùin do chab” as trice a chanadh daoine – ma tha iad cho mì-mhodhail ’s gu feum iad a leithid a ràdh idir. Ach tha deagh choltas ann gun tàinig gob às a’ Ghàidhlig “gob”.

Ach kerfuffle? Chaidh mi a dh’ionnsaigh Faclair Nàiseanta na h-Alba agus, ga rèir, dh’èirich am facal bhon Ghàidhlig “car”, a twist or turn, agus fuffle, facal às a’ Bheurla Albannaich a tha a’ ciallachadh “to handle roughly”. Agus dè a’ Ghàidhlig a chuireadh sibh air kerfuffle? Fàgaidh mi sin agaibh airson meòrachadh air anns an t-seachdain a tha romhainn.

Faclan na Litreach: bho thùs: originally; gnìomhair: verb; sluagh-ghairm: slogan (lit. host-cry); uaireannan: sometimes; an Cuiltheann:The Cuillins, Cuillin Hills; an Càrn Gorm: Cairn Gorm; Dualchas Nàdair na h-Alba: Scottish Natural Heritage; boglach: bog, morass.

Abairtean na Litreach: tuilleadh mu dheidhinn sin ro dheireadh na Litreach: (there will be) more about that before the end of the Litir; ma ’s breug bhuam e, is breug thugam e: I am only relating what I have heard (see Litir 24, 29.10.99); mar a bhios sluagh neo feachd a’ gairm must tèid iad gu cath: as a host or fighting force cries out before they go into battle; rudeigin a tha sgrìobhte air sanas air botal neo poca plastaig: something that is written on an advertisement on a bottle or plastic bag; tha e gu cinnteach fìor mu ainmean-àite: it is certainly true about place names; cluinnear uaireannan daoine a’ bruidhinn mu dheidhinn X: sometimes people are heard speaking about X; a’ bheinn far a bheilear a’ togail rathad-iarainn a bhios deiseil airson sgithearan an ceann dà mhìos: the mountain where a railway is being built, which will be ready for skiers in two months’ time; cha robh mi buileach cinnteach co-dhiù ’s ann ri mì-mhodh a bha e gus nach ann: I wasn’t totally sure whether he was being (deliberately) rude or not; ’s gu feum iad a leithid a ràdh idir: that they must say the like at all; fàgaidh mi sin agaibh airson meòrachadh air: I’ll leave you to contemplate that.

Puing-ghràmair na Litreach: An là eile, chuir fear as aithne dhomh, aig a bheil fìor dheagh Ghàidhlig, ceist orm: the other day, a man I know, who has excellent Gaelic, asked me (posed me a question). Note the idiomatic use of the preposition air – in Gaelic we “put a question on somebody” eg chaidh ceist a chur air (he was questioned), chuir na poilis ceist orra (the police questioned them). Note also the use of the verb cuir with ceist, rather than faighnich eg faighnich de Thormod (ask Norman) but cuir a’ cheist air Tormod (ask Norman the question). Other examples: cò bhios a’ cur nan ceistean? (who will be posing the questions?); ’s e Alasdair a chuireas na ceistean (it’s Alasdair that asks the questions); ’s e mi-fhìn a chuireas na ceistean agus tu fhèin a bheir na freagairtean! (it’s me that asks the questions and you that gives the answers!)

Gnàthas-cainnt na Litreach: dùin do chab!: shut your mouth! Not to be used unless you are being deliberately rude!

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean