FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1241: Bàrd Mhealaboist (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Bàrd Mhealaboist (1)

Gaelic Gàidhlig

ʼS fhada leam an oidhche gheamhraidh,
ʼS fhada, ʼs fhada, ʼs fhada leam i,
Is chan fhaic ach prèiridh lom mi,
Cha chluinn tonn a’ tighinn gu tràigh mi.

Fàili, fàili, fàili, hó ró
Fàili, fàili, fàili, hó ró
Fàili, fàili, fàili, hó ró
ʼS cian nan cian on dh’fhàg mi Leòdhas.

Tha mi cinnteach gum bi feadhainn agaibh eòlach gu leòr air na briathran sin. ʼS e òran ainmeil a th’ ann air a bheil “ʼS Fhada Leam an Oidhche Gheamhraidh” mar thiotal. Chaidh a sgrìobhadh le Bàrd Mhealaboist, Murchadh MacPhàrlain nach maireann. Tha mi airson beagan innse dhuibh mun òran agus mu Mhurchadh fhèin.

Thàinig leabhar mòr, brèagha a-mach an-uiridh mu bheatha is dìleab Mhurchaidh. ʼS e an t-ainm a th’ air Doras gun Chlàimhean. Tha clàimhean a’ ciallachadh ‘door bolt no latch’. Chaidh an leabhar a chur ri chèile le Catriona Mhoireach. Abair an obair ionmholta a rinn i.

Bhuineadh Murchadh do Mhealabost, baile beag pìos a-mach à Steòrnabhagh ann an sgìre an Rubha. Rugadh e ann sa bhliadhna naoi ceud deug ʼs a h-aon (1901). B’ e am fear a b’ òige ann an teaghlach de shianar.

Mar a bha cumanta ann an Leòdhas anns na ficheadan, rinn Murchadh eilthireachd gu ruige Canada. Sheòl e à Grianaig ann an naoi ceud deug, fichead ʼs a ceithir (1924). Ach cha b’ e eilthireachd mhaireannach a bh’ ann. Ged a bha dithis pheathraichean aige ann an Ameireagaidh a Tuath, thill e dhachaigh a Leòdhas. Mar a tha Catrìona Mhoireach a’ sgrìobhadh anns a’ chunntas mu a bheatha, ‘b’ e an cianalas a bu mhotha a bha ga lèireadh.’ Tha am bàrd fhèin a’ mìneachadh a’ ghnothaich anns an òran aige “ʼS Fhada Leam an Oidhche Gheamhraidh”. Thill Murchadh dhachaigh a Mhealabost ochd bliadhna an dèidh dha fhàgail.

Air ais don òran, ma-thà. A bheil sibh eòlach air an abairt a nochdas aig deireadh na sèist? ʼS cian nan cian on dh’fhàg mi Leòdhas. It’s a long long time since I left Lewis. Tha am facal cian a’ ciallachadh ‘fad air falbh’, ann an tìm agus/no ann an astar. Tha blas de bhròn air, mar a chì sinn anns an fhacal cianail a tha a’ ciallachadh ‘brònach’ no ‘muladach’. Tha cianalas a’ ciallachadh ‘homesickness’ ach tha e nas làidire na ʼm facal Beurla. Gu cinnteach, bha an cianalas air Murchadh nuair a sgrìobh e an t-òran.

Tha an abairt o chian nan cian a’ ciallachadh ‘since time immemorial’. Anns an òran, tha an loidhne mu dheireadh dhen t-sèist a’ dol mar seo: ʼS cian nan cian on dh’fhàg mi Leòdhas. Tuigidh sibh gun robh am bàrd air a bhith ro fhada – fada ro fhada – air falbh o eilean a bhreith, on taigh-chèilidh agus on àite dham buineadh e.

Anns a’ chiad rann, tha am bàrd a’ sgrìobhadh: Is chan fhaic ach prèiridh lom mi, Cha chluinn tonn a’ tighinn gu tràigh mi. Tha sin a’ ciallachadh nach fhaic e, far a bheil e, ach am prèiridh. Tha prèiridh Mhanitòba nas fhaide bhon mhuir ʼs a ghabhas a bhith ann an Alba. Tha am bàrd ag ionndrainn na mara. Far a bheil e, cha chluinn e sluaisreadh nan tonn air tràigh. Is chan fhaic ach prèiridh lom mi, Cha chluinn tonn a’ tighinn gu tràigh mi.

Anns an ath Litir, bheir sinn sùil a bharrachd air an òran seo, “ʼS Fhada Leam an Oidhche Gheamhraidh”, agus air beatha Bàrd Mhealaboist.

Faclan na Litreach: Bàrd Mhealaboist: the Melbost Bard; Murchadh MacPhàrlain: Murdo MacFarlane; An Rubha: Point; eilthireachd mhaireannach: long-lasting emigration; dithis pheathraichean: two sisters; brònach: sad; muladach: melancholy, sorrowful.

Abairtean na Litreach: ʼS fhada leam an oidhche gheamhraidh: the winter night is so long to me; chan fhaic ach prèiridh lom mi: I can only see a bare prairie; cha chluinn tonn a’ tighinn gu tràigh mi: I can’t hear a wave coming on the shore; gum bi feadhainn agaibh eòlach gu leòr air na briathran sin: that some of you will be very familiar with those words; thàinig leabhar a-mach an-uiridh mu bheatha is dìleab Mhurchaidh: a book came out last year about Murdo’s life and legacy; abair an obair ionmholta a rinn i: what amazing work she did; mar a bha cumanta ann an Leòdhas anns na ficheadan: as was common in Lewis in the twenties; rinn Murchadh eilthireachd gu ruige Canada: Murdo emigrated to Canada; sheòl e à Grianaig: he sailed from Greenock; b’ e an cianalas a bu mhotha a bha ga lèireadh: it was homesickness that was of greatest torment to him; ochd bliadhna an dèidh dha fhàgail: eight years after leaving it; a nochdas aig deireadh na sèist: that appears at the end of the refrain; tha blas de bhròn air: it has a flavour of sadness; on taigh-chèilidh: from the ceilidh house; on àite dham buineadh e: from the place he belonged to; tha prèiridh Mhanitòba nas fhaide bhon mhuir ʼs a ghabhas a bhith ann an Alba: the Manitoba prairie is further from the sea as it is possible to be in Scotland; ag ionndrainn na mara: missing the sea; sluaisreadh nan tonn air tràigh: the swishing of the waves on a beach.

Puing-chànain na Litreach: B’ e am fear a b’ òige ann an teaghlach de shianar: he was the youngest in a family of six. B’ e (for bu e) is the past tense form of ʼs e. With this verbal form, the comparative adjectival form is b’ òige. The present tense form of the sentence would be ʼs e am fear as òige ‘he is the youngest’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: fada ro fhada: much too far.

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 937

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean