FaclairDictionary EnglishGàidhlig

223: Mèinne-iarainn ann an Ratharsair

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Mèinne-iarainn ann an Ratharsair

Gaelic Gàidhlig

Anns a’ bhliadhna naoi-deug is sia-deug (1916), thug atharrachadh anns a’ Chogadh Mhòr buaidh air obair na mèinne-iarainn ann an Ratharsair. Cha robh e furasta don chompanaidh a bha a’ ruith na mèinne, Bairds, an obair aca a dhèanamh air sgàth cion luchd-obrach. Cha robh muinntir an àite pailt co-dhiù, agus leugh mi gu robh trithead ’s a sia dhiubh air falbh ann am feachdan na rìoghachd. Gu dearbh, chaidh fichead ’s a dhà dhiubh a mharbhadh.

Bha sin dona gu leòr ach, gu nàiseanta, bha cùisean duilich ann an naoi-deug is sia-deug (1916), oir ’s ann an uair sin a thòisich cogadh nam bàtaichean-aiginn. Bha na bàtaichean sin a’ cur fodha mòran de na soithichean-cargo a bha a’ toirt stuth a-nall a Bhreatainn à dùthchannan thall thairis. Agus am measg a’ chargo a tha sin, bha clach-iarainn a bhiodh air a toirt thar a’ chuain ann an cruth amh, agus an uair sin air a giollachd ann am Breatainn airson iarainn agus stàilinn a dhèanamh.

Aig àm a’ chogaidh, bha iarrtas a bharrachd nan àbhaist ann airson iarainn – airson armachd is uidheamachd-cogaidh. Mar sin, chuir Ministrealachd na h-Armachd sgeama air chois airson tuilleadh iarainn is stàilinn a dhèanamh bho chlach a bh’ air a mèinneadh ann am Breatainn. Ach ciamar a bha Bairds a’ dol a dhèanamh barrachd iarainn à clach à Ratharsair, mura robh luchd-obrach gu leòr aca?

Bheachdaich iad air mèinneadairean a thoirt a-nall à Portagal, às an Spàinnt no à Nirribhidh ach, aig a’ cheann thall, shaoil iad gur e prìosanaich-chogaidh Ghearmailteach a b’ fhasa dhaibh. Sgrìobh fear de cheannardan na companaidh chun na Ministrealachd, ag ràdh gu robh trithead ’s a dhà taigh anns an eilean a ghabhadh cuairteachadh le uèir bhiorach, airson priosanaich a chumail nam broinn air an oidhche, agus gu robh fichead taigh falamh eile ann, anns am faodadh na geàird a bhith a’ fuireach.

Dh’obraich Bairds a’ mhèinn as leth an Riaghaltais agus dh’aontaich an Riaghaltas riutha suas ri dà cheud prìosanach Gearmailteach a thoirt dhaibh airson obair a dhèanamh innte. Chaidh feachd bheag de dhusan saighdear a chur a Ratharsair airson smachd a chumail air na prìosanaich. B’ e an commandair aca fear air an robh “an Caiptean MacLeòid”, ged nach urrainn dhomh dearbhadh co-dhiù bha ceangal aige do Ratharsair. ’S dòcha nach robh. Bha e air a bhith na sgoilear aig Colaiste Fettes ann an Dùn Eideann.

Ach rinn na h-ùghdarrasan mearachd leis a’ chiad bhuidhinn de Ghearmailtich a thagh iad. Bha iad air a bhith nam maraichean còmhla air soitheach-cogaidh, am Blücher, anns a’ Chuan a Tuath, nuair a chaidh a cur fodha leis na Breatannaich anns an Fhaoilleach, naoi-deug ’s a còig-deug (1915). Nuair a chaidh na longan Breatannach a dh’ionnsaigh a’ Bhlücher airson cobhair a dhèanamh air na maraichean Gearmailteach, airson an togail far na mara, nochd plèana agus Zeppelin Gearmailteach os an cionn. Feumaidh gu robh an fheadhainn a bh’ air bòrd nan itealan dhen bheachd gur e soitheach Breatannach, seach Gearmailteach, a bh’ ann an èiginn agus thug iad ionnsaigh oirre. Cha deach a shàbhaladh ach dà cheud is seasgad (260) duine a-mach à còrr is mìle agus ceud.

Chaidh ochd duine deug de na maraichean sin a Ratharsair ann an naoi-deug ’s a sia-deug (1916), ach bha iad anns an eilean dìreach deich là. ’S e a bu choireach ri sin an t-eagal a bh’ ann gum biodh buidheann de mharaichean a bh’ air fulaing còmhla buailteach oidhirp a dhèanamh gus teicheadh thar na mara bhon eilean.

Faclan na Litreach: pailt: plentiful; gu nàiseanta: nationally; Ministrealachd na h-Armachd: Ministry of Munitions; bheachdaich iad:they considered; mèinneadairean: miners; nam broinn: inside them; falamh: empty; geàird: guards; as leth: on behalf of; dusan: a dozen; maraichean: seamen; an Cuan a Tuath: the North Sea; os an cionn: above them.

Abairtean na Litreach: air sgàth cion luchd-obrach: because of a lack of workers; gu robh trithead ’s a sia dhiubh air falbh: that 36 of them were away; ’s ann an uair sin a thòisich cogadh nam bàtaichean-aiginn: it is then that the submarine war started; a bhiodh air a toirt thar a’ chuain ann an cruth amh: which would be brought over the ocean in a raw state; air a giollachd airson iarainn agus stàilinn a dhèanamh: processed in order to make iron and steel; iarrtas a bharrachd nan àbhaist: more demand than usual; gur e prìosanaich-chogaidh Ghearmailteach a b’ fhasa dhaibh: that it was German prisoners-of-war that was easiest for them; a ghabhadh cuairteachadh le uèir bhiorach:which could be surrounded by barbed wire; bha e air a bhith na sgoilear: he had been a student; nuair a chaidh a cur fodha:when she was sunk; airson cobhair a dhèanamh air X: to provide assistance to X; airson an togail far na mara:to pick them up from the sea; cha deach a shàbhaladh ach X: only X were saved; gum biodh iad buailteach oidhirp a dhèanamh gus teicheadh: that they would be likely to make an effort to escape.

Puing-ghràmair na Litreach: a’ cur fodha mòran de na soithichean-cargo: sinking many of the cargo vessels. You will be aware that the Gaelic word cargois derived from the English “cargo” and is a relatively recent addition to the language. It is sometimes spelled carago, reflecting the pronunciation, but mostly it is not. Why not? The reason is that the word cargo just asks to be pronounced “carago” in Gaelic because of a phenomenon known as the Svarabhakti Vowel (try saying it ten times quickly and it sounds like a severe medical condition!) The name originates in Sanskrit, a language in which it also occurs. Put most simply, it is the (unwritten) repetition of a (written) vowel sound. A good example is gorm. This is pronounced “gorom” but the second vowel is not written. Other examples (with approximate pronunciations) are dearg (“jerek” or “jeruk”, red); morghan (“moroghan”, shingle); anmoch (“anamoch”, late); searbh (“sherev”, sour); crannchur (“kranachur”, lottery). But why not simply write the vowels? There is a historical issue here, but also an orthographic one related to the change in vowel quality because of inflexion. For example, gorm in its slenderised form is guirm eg còmhdach an leabhair ghuirm (the cover of the blue book). Guirm is pronounced “gooroom” because the second vowel faithfully repeats the first. If we were to write the Svarabhakti Vowel, “gorom” would become “guiruim” which is orthographically problematical. It is easier and more supportive of orthographic conventions to leave the vowel unwritten. It is a pitfall for learners only in their early days, and is fairly quickly understood and mastered.

Gnàthas-cainnt na Litreach: thug atharrachadh anns a’ Chogadh Mhòr buaidh air obair na mèinne-iarainn: a change in the Great War influenced the work of the iron mine. Tha X a’ toirt buaidh air Y: X has an effect/influence upon Y.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean