FaclairDictionary EnglishGàidhlig

255: Naochadair Chlach na Cùdainn (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Naochadair Chlach na Cùdainn (1)

Gaelic Gàidhlig

Tha mi gu mòr an comain Iain MhicIlleathain, ged nach b’ aithne dhomh e, is ged nach robh e càirdeach dhomh. Tha mi na chomain a chionn ’s gun do sgrìobh e mu dheidhinn a’ bhaile agam fhìn – Inbhir Nis. Uill ’s dòcha nach eil sin buileach ceart, oir ’s e fear eile a sgrìobh an leabhar aige, ach ’s e guth Iain fhèin a tha a’ nochdadh air na duilleagan.

Tha e aithnichte do mhuinntir Inbhir Nis mar “Naochadair Chlach na Cùdainn” oir ’s e ainm an leabhair aige Reminiscences of a Clachnacuddin Nonagenarian. Chaidh an leabhar a chur ri chèile ann an ochd ceud deug, ceathrad ’s a dhà (1842) nuair a bha MacIlleathain naochad ’s a sia bliadhna a dh’aois, agus tha e a’ toirt dealbh dhuinn de dh’Inbhir Nis nuair a bha e mòran na bu lugha, agus mòran na bu Ghaidhealaiche, na tha e an-diugh.

Dhuibhse nach eil eòlach air Inbhir Nis, ’s e a th’ ann an Clach na Cùdainn ach clach a tha suidhichte ri taobh Talla a’ Bhaile. Fhuair i a h-ainm leis gum biodh boireannaich a’ cur an cuid chùdainnean air a’ chloich nuair a bha iad air an rathad a dh’ionnsaigh na h-aibhne airson aodach a nighe. Agus tha mi cinnteach gun stadadh iad aig a’ chloich air an rathad dhachaigh cuideachd.

’S ann aig Clach na Cùdainn a chluinneadh iad naidheachdan a’ bhaile. Is tha an “Naochadair” ag innse dhuinn gum biodh gillean is nigheanan Inbhir Nis a’ suiridhe anns a’ cheàrnaidh sin cuideachd. Nuair a bha iad taobh a-muigh a’ bhaile aca, bhiodh muinntir Inbhir Nis a’ bruidhinn orra fhèin mar mhuinntir Chlach na Cùdainn, no “Clachnacuddin Lads and Lasses”.

Rugadh Iain MacIlleathain pìos beag a-mach à Inbhir Nis ann an Cnoc Mhoire air an t-seachdamh là dhen Fhaoilleach, seachd ceud deug, ceathrad ’s a sia (1746) – trì mìosan ro Bhlàr Chùil Lodair. Chaochail athair nuair a bha Iain òg, agus ’s e sheanair a thog an gille. Bha cuimhne mhath aig Iain agus, a bharrachd air sin, chuala e mòran naidheachdan aig a sheanair agus, mar sin, bha fiosrachadh aige mu dheidhinn rudan a thachair aig deireadh an t-seachdamh linn deug.

Anns na litrichean romhainn, bu mhath leam naidheachd no dhà innse dhuibh a nochdas anns an leabhar aige. Ach an-dràsta, bheir mi sùil aithghearr air tuairisgeul a rinn fear eile de MhacIlleathain fhèin. B’ esan Iain Friseal agus anns an leabhar aige Reminiscences of Inverness, tha e a’ dèanamh tuairisgeul de MhacIlleathain, agus e na bhodach de chòrr is naochad bliadhna a dh’aois.

Seo an t-aodach a bh’ air: bonaid ghorm, còta geàrr, briogais ghorm, stocainnean dubha, agus brògan is bucaill. ’S dòcha gun do rinn e fhèin cuid dhen aodach aige, oir bha e na thàillear fad a bheatha. Thachair Iain Friseal ris nuair a bha e air rathad a dh’ionnsaigh na h-aibhne còmhla ri ogha. “Ciamar a tha sibh an-diugh, a Mhaighstir MhicIlleathain?” thuirt am Frisealach ris. “Aig m’ aois,” fhreagair am bodach, “chan eil adhbhar agam a bhith a’ gearan.”

Bhruidhinn iad airson greis mu chuimhne air a’ bhaile. “Chan eil ach aon bhùth a b’ aithne dhomh nuair a bha mi òg fhathast ann am bith,” thuirt e, “ .. bha am baile gu math eadar-dhealaichte an uair sin … Cha robh ceanglaichean ann leis a’ cheann a deas mar a th’ aca an-diugh len coidsichean is mar sin air adhart. ’Eil fhios agad, bha mi còrr is seasgad bliadhna a dh’aois mus do thòisich a’ chiad choidse air ruith eadar seo agus Peairt.” Saoil dè chanadh Iain MacIlleathain nam faiceadh e Inbhir Nis mar a tha e an-diugh?!

Faclan na Litreach: duilleagan: pages; naochadair: nonagenarian; Clach na Cùdainn: lit. Stone of the Tub (Clachnacuddin); a’ suiridhe: courting, wooing, chatting up; Cnoc Mhoire: Kirkhill; am Faoilleach: January; Blàr Chùil Lodair: Battle of Culloden; Iain Friseal: John Fraser; cota geàrr: short coat; bucaill: buckles; am Frisealach: Fraser [informal].

Abairtean na Litreach: tha mi gu mòr an comain X (genitive): I am very much indebted to X; ged nach b’ aithne dhomh e: although I didn’t know him; ged nach robh e càirdeach dhomh: though he was not related to me; leis gum biodh boireannaich a’ cur an cuid chùdainnean air a’ chloich:because women would put [rest] their tubs on the stone; a dh’ionnsaigh na h-aibhne: on the way to the river; airson aodach a nighe:to wash clothes; ’s e sheanair a thog an gille: it was his grandfather that raised the lad; bheir mi sùil aithghearr air: I’ll take a quick look at; agus e na bhodach de chòrr is naochad bliadhna a dh’aois: who was an old man of more than 90 years; bha e na thàillear fad a bheatha: he was a tailor all his life; còmhla ri ogha: with his grandson; chan eil aon bhùth ... fhathast ann am bith: there is not one shop ... still existing; len coidsichean is mar sin air adhart: with their coaches and what not; bha mi còrr is seasgad bliadhna a dh’aois: I was over sixty years of age; mus do thòisich a’ chiad choidse: before the first coach started; saoil dè chanadh Iain MacIlleathain?: what would John Maclean say; nam faiceadh e Inbhir Nis mar a tha e an-diugh: if he saw Inverness as it is today.

Puing-ghràmair na Litreach: Dhuibhse nach eil eòlach air Inbhir Nis: [to/for] those of you who don’t know Inverness. Dhuibhse is the emphatic form of dhuibh which is a prepositional pronoun made from the preposition do and the second person plural sibh, meaning “to/for you” (plural). I have used it here because I want to address a number of listeners so I am speaking directly to them. It is a slightly formal manner of address more likely to be used in a speech than in informal conversation. I could similarly use the same prepositional pronoun but with other persons, eg dhomhsa agus mo leithid (to/for myself and others like me); dhutsa, tha rudan mar sin furasta (for you, things like that are easy); dhasan, aig an robh athair ainmeil (to/for him, who had a famous father); dhise, a tha air leth sgileil(to/for her, who is very skilful); dhuinne a rugadh ann an Alba (for/to those of us born in Scotland); dhaibhsan nach gabh deoch làidir (for/to those [of them] who don’t drink).

Gnàthas-cainnt na Litreach: chan eil adhbhar agam a bhith a’ gearan: I have no reason to complain. Phrases of this sort are commonplace at the start of a conversation between two people who know each other: eg “Ciamar a tha thu?” “O, chan eil adhbhar [agam] a bhith a’ gearan”.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean