FaclairDictionary EnglishGàidhlig

38: Rann-cunntaidh (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Rann-cunntaidh (1)

Gaelic Gàidhlig

Gheall mi dhuibh an t-seachdain ’s a chaidh gun toirinn dhuibh facal eile airson meur-craoibhe. Uill seo e – geug. Thuirt mi cuideachd gun innsinn dhuibh rann shnog a bhios freagarrach do chloinn, a bharrachd air luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Seo e a-nise, agus cumaibh cluas ri claisneachd airson an fhacail geug. ’S e rann-cunntaidh a th’ ann, agus tha e a’ tòiseachadh le aon agus a’ dol suas gu aon-deug.

Aon, dhà, trì

An cat, an cù ’s mi fhìn

A’ ruith ’s a’ leum air feadh a’ ghàrraidh

Gus am fàs sinn sgìth.

Ceithir, còig, sia

Uisg’ neo gaoth neo fèath

Togaidh sinne bothan beag

Le clachan agus crèadh.

Seachd, ochd, naoi

Gheibh mi slat is sreang

’S thèid mi dh’iasgach anns an abhainn

Gus an tig an oidhch’.

Deich is a h-aon deug

Chan e facal brèig

Gun do chunnt mi fichead starrag

Is iad nan suidh’ air geug.

Bidh sibh a’ mothachadh gun tuirt mi “a h-aon deug” is chan e “a h-aon deug” mar a bhiodh nàdarrach dhomh. Rinn mi sin gus am biodh e a’ dèanamh rann le brèig. Ach ann an cuid de dh’àiteachan, leithid Earra-Ghaidheal, ’s e sin a chanas na daoine gu nàdarrach co-dhiù. Aon-deug, dhà-dheug, tri-deug is mar sin air adhart. Agus an àite “sia”, canaidh iad “sè”. Airson sia-deug, canaidh iad sè-deug. Ach na gabhaibh dragh. Tuigidh daoine air feadh na Gàidhealtachd thu ma chanas tu “sia-deug”.

Chan eil fhios a’m am bi sibh eòlach air an fhacal fèath. Chan eil e uabhasach feumail aig an àm seo dhen bhliadhna! Tha e a’ ciallachadh aimsir chiùin, nuair nach eil gaoth ann. Ma dh’èisteas sibh ri ro-shealladh na h-aimsir, neo na sìde, air na programan-naidheachd air Radio nan Gàidheal, cluinnibh sibh rudan mar – “bidh i na fèath an-diugh”, a’ ciallachadh nach bi gaoth mhòr sam bith ann. ’S truagh nach eil sinn ga chluinntinn nas trice!

Tha mi cinnteach gum bi sibh eòlach, ge-tà, air an fhacal bothan. Tha amharas agam gun tàinig e bhon fhacal Beurla booth bho thùs mar both. Bothan – both beag. Tha e fhathast againn ann an cruth rudeigin eadar-dhealaichte mar bùth, ach tha bothan, a-rèir choltais, air a dhol air ais don Bheurla a-rithist mar bothy.

Seo an rann a-rithist, beagan nas luaithe an turas seo:

Aon, dhà, trì

An cat, an cù ’s mi fhìn

A’ ruith ’s a’ leum air feadh a’ ghàrraidh

Gus am fàs sinn sgìth.

Ceithir, còig, sia

Uisg’ neo gaoth neo fèath

Togaidh sinne bothan beag

Le clachan agus crèadh.

Seachd, ochd, naoi

Gheibh mi slat is sreang

’S thèid mi dh’iasgach anns an abhainn

Gus an tig an oidhch’.

Deich is a h-aon deug

Chan e facal brèig

Gun do chunnt mi fichead starrag

Is iad nan suidh’ air geug.

An do mhothaich sibh am facal geug, aig an fhìor dheireadh? Agus dè bha oirre? Fichead starrag. ’S e a th’ ann an starrag – eun mòr dubh is glas. Canaidh feadhainn feannag ghlas ris neo hooded crow ann am Beurla. Cluinnidh tu “Starrag” mar fhrith-ainm neo far-ainm air daoine ann an cuid de cheàrnaidhean na Gàidhealtachd.

Ach ma tha thu a’ leughadh seann stòiridh neo bàrdachd Ghàidhlig, bithibh faiceallach nuair a thig sibh tarsainn air an fhacal “geug”. A bharrachd air branch, tha e, neo bha e, cuideachd a’ ciallachadh “boireannach òg bòidheach”. Is ma tha sibh a’ sgrìobhadh bàrdachd sibh fhèin, thoiribh an aire. Ma sgrìobhas sibh gu robh sibh nur “laighe fo gheugan brèagha” ’s dòcha nach tuig an luchd-leughaidh gu robh sibh dìreach a’ gabhail fois ann an coille air latha samhraidh!

Faclan na Litreach: meur-craoibhe,geug: branch; rann-cunntaidh: a counting rhyme; cruth: form; slat: rod; sreang: string; facal brèig: a lie (untruth); a’ mothachadh: noticing; fèath: calm weather; nas luaithe: faster; stòiridh: story; faiceallach: careful; bàrdachd: poetry .

Abairtean na Litreach: gheall mi…gun toirinn dhuibh: I promised that I would give you; a’ ruith ’s a’ leum air feadh a’ ghàrraidh: running and jumping throughout the garden; gus am fàs sinn sgìth: until we get tired; togaidh sinne bothan beag:we will build a little bothy; gun do chunnt mi fichead starrag: that I counted twenty hoodies; nàdarrach dhomh: natural for (to) me; mar sin air adhart: and so on; bidh i na fèath an-diugh: it will be calm today; ’s truagh nach eil sinn ga chluinntinn nas trice: it’s a pity we don’t hear it more often; an do mhothaich sibh X?: did you notice X?; aig an fhìor dheireadh:at the very end; ann an cuid de cheàrnaidhean na Gàidhealtachd: in some parts of the Gàidhealtachd; nuair a thig sibh tarsainn air: when you come across; thoiribh an aire: be careful (look out); ’s dòcha nach tuig an luchd-leughaidh gu robh sibh dìreach a’ gabhail fois ann an coille air latha brèagha samhraidh: perhaps the readers will not understand that you were just resting in a wood on a beautiful summer’s day.

Puing ghràmair na Litreach: Is iad nan suidh’ air geug: who were sitting on a branch. Using agus or isin this manner sometimes allows you to avoid the full verbal form which, in this case, would have been “a bha nan suidh’ air geug”and is useful in poetry and other literary forms. Here are some other examples: chunnaic mi dà bhò, agus cuileagan timcheall orra (I saw two cows which were surrounded by flies); lorg mi an cat air a’ mhòintich, is e fuar is fliuch(I found the cat on the moor; it was cold and wet); bha an car air stad, agus e air a ruith a-mach à peatral (the car had stopped because it had run out of petrol).

Gnàthas-cainnt na Litreach: cumaibh cluas ri claisneachd: keep your ears open (lit. keep your ear to hearing). Claisneachd means “sense of hearing.” Chaill i a (cuid) claisneachd o chionn ghoirid (she lost her sense of hearing recently).

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean