FaclairDictionary EnglishGàidhlig

45: Lusan bith-bheò

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Lusan bith-bheò

Gaelic Gàidhlig

An t-seachdain sa chaidh, chuir mi ceist oirbh: dè a’ Ghàidhlig a th’ air perennial plant, an seòrsa a bhios beò fad grunn bhliadhnaichean neo iomadh bliadhna. Uill, dh’fhaodadh tu ràdh lus bith-bheò ris. Tha bith-bheò na bhuadhair a tha a’ ciallachadh beò airson ùine mhòir neo beò gu sìorraidh. Uill, chan eil rud sam bith beò gu sìorraidh. Ach tha lusan bith-bheò beò airson ùine mhòir.

Nuair a bha mi a’ fuireach ann an Astràilia bha mi gu math measail air lus beag a tha a’ fàs gu h-àrd anns na beanntan. Tha flùr air a tha uabhasach snog. Tha e buidhe agus, leis gu bheil e tioram mar phàipear, tha e a’ maireachdainn airson ùine mhòir mhòir fiù ’s nuair a tha e air a spìonadh.

Canaidh daoine, ann am Beurla, everlasting daisy ris. Agus dè a’ Ghàidhlig a chuireamaid air? Uill, ’s i a’ Ghàidhlig air daisyneòinean. Agus dè a’ Ghàidhlig airson everlasting? Uill, chanainn gun deanadh dà fhacal a’ chùis – sìorraidh, neo bith-bhuan. Dh’fhaodadh gur i a’ Ghàidhlig as fheàrr air a lus – neòinean bith-bhuan.

Canaidh sinn buan ri rudan a bhios a’ seasamh airson ùine mhòir. Chanadh na seann daoine air a’ Ghàidhealtachd cruaidh mar an fhraoch is buan mar a’ ghiuthas. Uaireannan, cluinnidh sibh an dà fhacal, sìorraidh agus buan, còmhla. Mar eisimpleir, nuair a tha thu a’ ciallachadh for ever and ever, dh’fhaodadh tu ràdh gu sìorraidh buan.

Chan eil flùraichean nan neòineanan Albannach bith-bhuan, ged a tha na lusan fhèin bith-bheò. Agus tha an t-ainm air an lus ann an Laidinn ag innse gu bheil an lus bith-bheò. ’S e Bellis perennis a th’ air; tha sin a’ ciallachadh bòidhchead bhith-bheò. Ainm snog, nach e?

Tha na h-ainmean airson an luis seo, ann am Beurla agus Gàidhlig, gu math inntinneach cuideachd. Tha daisy a’ tighinn bho day’s eye; tha mi a’ dèanamh dheth gur e is coireach airson sin gu bheil am flùr a’ fosgladh anns a’ mhadainn agus a’ dùnadh aig ciaradh an fheasgair, agus gu bheil e car coltach ri sùil. Ann an Gàidhlig tha an t-ainm neòinean co-cheangailte ris an t-seann fhacal Gàidhlig nòin a tha a’ ciallachadh meadhan-latha neo noon ann am Beurla. An neòinean – the noon flower.

Ach ann an Eirinn tha nòin a’ ciallachadh feasgar. Agus canaidh muinntir na h-Eireann tráthnóna – àm an fheasgair – far an canamaid fhèin feasgar.

Ach nach eil e car annasach gu bheil nòin a’ ciallachadh feasgar ann an Eirinn agus meadhan-latha an seo? Uill, tha e coltach gur iad na h-Eireannaich a tha nas fhaisg’ air an t-seann chiall. Thàinig nòin bhon fhacal Laidinn nona a tha a’ ciallachadh an naoidheamh uair. Sin an naoidheamh uair air an uaireadair bho thoiseach an latha. Agus, anns an t-seann aimsir, bha an naoidheamh uair dhen latha aig trì uairean feasgair.

Ach mus fhàg sinn nòin, dè a’ Ghàidhlig a th’ air solar eclipse? Bha a leithid againn an-uiridh, agus ’s e dubhadh na grèine a bha daoine ag ràdh. Ach, o shean, bha facal eile ann – nòin-dhorchadh – the noon-darkening. Chan eil an dorchadh ann fada don chuid as motha de dhaoine. Ach tha do aon bhuidheann – an fheadhainn a th’ air an dèanamh dall le bhith a’ coimhead air a’ ghrèin. Dhaibhsan, gu mi-fhortanach, tha an nòin-dhorchadh bith-bhuan.

Faclan na Litreach: lus bith-bheò: perennial plant; neòinean: daisy; neòinean bith-bhuan: everlasting daisy; buan: lasting,durable; dubhadh na grèine,nòin-dhorchadh: solar eclipse.

Abairtean na Litreach: fad grunn bhliadhnaichean neo iomadh bliadhna: over several years or many years; tha bith-bheò na bhuadhair:bith-bheò is an adjective; tha e a’ maireachdainn airson ùine mhòir mhòir fiù ’s nuair a tha e air a spìonadh:it lasts for a long long time even when it is picked; dè a’ Ghàidhlig a chuireamaid air?: what would we call it in Gaelic (lit. what is the Gaelic we would put on it)?; gu sìorraidh buan: forever and ever; tha mi a’ dèanamh dheth gur e is coireach airson sin gu bheil am flùr a’ fosgladh anns a’ mhadainn…:I reckon that it is that the flower opens in the morning that is responsible…; gu bheil X a’ dùnadh aig ciaradh an fheasgair:that X closes at dusk; gur iad na h-Eireannaich a tha nas fhaisg’ air an t-seann chiall:that it is the Irish who are closer to the old meaning; an naoidheamh uair air an uaireadair bho thoiseach an latha:the ninth hour on the watch from the beginning of the day; anns an t-seann aimsir, bha an naoidheamh uair dhen latha aig trì uairean feasgair:in olden times, the ninth hour of the day was at 3 pm; an fheadhainn a th’ air an dèanamh dall le bhith a’ coimhead air a’ ghrèin:the ones who are made blind by looking at the sun; Dhaibhsan, gu mi-fhortanach, tha an nòin-dhorchadh bith-bhuan: for them, unfortunately, the darkening of the noon is everlasting.

Puing ghràmair na Litreach: You may think the word sìorraidh(eternal, everlasting) is entirely new to you, but it probably isn’t, because in all likelihood you will have already met a related word sìor which means continual or perpetual. It can precede a noun or a vowel (in which case it lenites a lenitable consonant) eg tha e a’ sìor dhol am meud (it is continually getting bigger); tha i a’ sìor amharc air (she is perpetually staring at him). Tha e sìor-iarraidheach(he is always asking for things). And sìor-bhuan means the same as bith-bhuan,ie eternal, everlasting. Another word with the same meaning is sìor-mhaireannach. The noun, sìorraidheachd,is a good word for eternity or immortality. Remember that in all these words the first “i” is a long one. Sìorraidh(SHEE-uh-ree) should not be confused with the word siorraidh (SHIR-ee) which is used for “sheriff” in some dialects; the “i” in the latter is short.

Seanfhacal na Litreach: Cruaidh mar an fhraoch is buan mar a’ ghiuthas : hard as the heather, lasting as the pine.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean