FaclairDictionary EnglishGàidhlig

548: Bana-bhuidseach Bhaile a’ Chlaidh

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Bana-bhuidseach Bhaile a’ Chlaidh

Gaelic Gàidhlig

Tha dà bhaile bheag ann an Gallaibh air a bheil Baile a’ Chlaidh – the township of the cemetery. Tha aon Bhaile a’ Chlaidh faisg air Dùn Bheithe. Tha e rudeigin ainmeil oir lorg airceòlaichean seann rudan inntinneach ann.

Ach tha mi airson stòiridh innse dhuibh a tha a’ tighinn bhon Bhaile a’ Chlaidh eile. Tha sin anns a’ mhonadh letheach-slighe eadar Dùn Bheithe agus Bhatan. Tha an stòiridh a’ tighinn bho bheul-aithris Ghàidhlig na sgìre, agus ’s e an t-ainm a th’ air “Bana-bhuidseach Bhaile a’ Chlaidh”.

Bha boireannach uaireigin air an robh Am Fitheach mar far-ainm. Nise, do na seann daoine, bhiodh fitheach a’ riochdachadh droch rudan. Chanadh iad “Bàs an Fhithich Ort!” mar mhallachd. Bhathar a’ creidsinn gum biodh fithich òga a’ marbhadh nan seann fhitheach. Co-dhiù, cha robh deagh bheachd aig muinntir an àite air an t-seann bhoireannach.

Bha i a’ fuireach ann am bothag faisg air Baile a’ Chlaidh. Bha muinntir an àite gu mòr an urra ri math na bà aig an àm ud. Agus cha robh cùisean a’ dol gu math do chuid. Cha robh mòran bainne no càise aca. Ge-tà, bha gu leòr de na dhà aig teaghlaichean aig an robh càirdeas math don Fhitheach. Bha an fheadhainn nach robh a’ dèanamh gu math dhen bheachd gu robh am Fitheach air an cur fo dhroch gheasaibh.

Latha a bha seo, air Latha na Bealltainne, thàinig boireannach à Meaghrath a chèilidh air a’ bhana-bhuidsich airson a comhairle fhaighinn. Ach lorg i am Fitheach ri taobh allt. Bha i a’ ràcadh an fheòir le sìoman; ceangailte ris an t-sìoman bha badan fraoich. Bha am Fitheach ri buidseachd an aghaidh nan tuathanach.

Gu tric bhiodh daoine a’ faicinn geàrr am measg a’ chruidh. Chaidh coin a chur an tòir oirre. Ach cha deach aig na coin air a’ gheàrr a ghlacadh. Bhiodh a’ gheàrr a’ faighinn air falbh le bhith a’ ruith a dh’ionnsaigh a’ chlaidh.

Aig amannan bhiodh daoine a’ faicinn na geàrra ann am Camstar – an sgìre gu sear air Baile a’ Chlaidh, thairis air a’ mhonadh. Tha aon chnoc gu deas air Baile a’ Chlaidh air a bheil “Cnoc na Geàrra” ach chan urrainn dhomh a ràdh co-dhiù chaidh ainmeachadh airson na geàrra seo.

Mhothaich na daoine gum biodh a’ gheàrr an-còmhnaidh a’ ruith anns na frith-rathaidean aig na caoraich. Chuir fear dhiubh ribe ann am frith-rathad. Airson an ribe a dhìon an aghaidh buidseachd, rinn e an cnagan de dh’fhiodh caorainn. Bidh fios agaibh uile gu bheil a’ chraobh-chaorainn ag obair an aghaidh buidseachd.

Co-dhiù, chaidh geàrr a ghlacadh anns an ribe. Ach nuair a ràinig an duine i, cha b’ e geàrr a bh’ innte ach boireannach. Am Fitheach. Bhon latha sin a-mach, bha droch fhortan aig an duine. Beagan mhìosan às dèidh sin, chaidh a bhàthadh ann an Uisge Theòrsa.

Tha crìoch neònach air an stòiridh. Bha dà thursa mhòr nan seasamh faisg air làimh. Chaidh am Fitheach don chiad tursa. Ruith i timcheall air seachd tursan deiseil, an uair sin seachd tursan tuathail. Rinn i an aon rud aig an tursa eile. Shuidh i air mullach na cloiche is thàinig i sìos. Rinn i sin seachd tursan. Agus rinn i an dearbh rud air an tursa eile.

Dà latha às dèidh sin, chunnacas i a’ coiseachd a dh’ionnsaigh a’ chinn a deas. Shuidh i greis air àirde a chaidh ainmeachadh Creag an Fhithich às a dèidh. Agus lean i oirre. Chaidh i tarsainn an Ùird Ghallaich agus cha chuala muinntir Ghallaibh guth oirre tuilleadh.

Faclan na Litreach Baile a’ Chlaidh: Ballachly; bana-bhuidseach: witch; fitheach: raven; bothag: small bothy; Latha na Bealltainne: the day of Beltane; geàrr: hare; ribe: snare; deiseil: sunwise; tuathail: anti-sunwise; chunnacas: was seen.

Abairtean na Litreach: lorg airceòlaichean seann rudan inntinneach: archaeologists found interesting old things; anns a’ mhonadh letheach-slighe eadar Dùn Bheithe agus Bhatan: on the hill country halfway between Dunbeath and Watten; bhiodh fitheach a’ riochdachadh droch rudan: a raven would represent bad things; bhathar a’ creidsinn gum biodh fithich òga a’ marbhadh nan seann fhitheach: it was believed that young ravens would kill the old ravens; cha robh deagh bheachd aig X air Y: X did not have a good opinion of Y; an urra ri math na bà aig an àm ud: dependent upon dairy products at that time; bha gu leòr de na dhà aig X: X had enough of both; teaghlaichean aig an robh càirdeas math do X: families that had a good relationship with X; air an cur fo dhroch gheasaibh: had put them under a bad spell; thàinig boireannach à Meaghrath a chèilidh air: a woman came from Reay to visit; airson a comhairle fhaighinn: to get her advice; a’ ràcadh an fheòir le sìoman: raking the grass with a heather rope; badan fraoich: clumps of heather; buidseachd an aghaidh nan tuathanach: witchcraft against the farmers; am measg a’ chruidh: among the cattle; chaidh coin a chur an tòir oirre: dogs were set after it; cnagan de dh’fhiodh caorainn: a peg of rowan wood; chaidh a bhàthadh ann an Uisge Theòrsa: he was drowned in the Thurso River; tarsainn an Ùird Ghallaich: over the Ord of Caithness.

Puing-chànain na Litreach: dà bhaile bheag: two small settlements. This is a revision of a point made in a couple of earlier Litrichean – how to deal with an adjective qualifying a noun that is in the dual case following . It is lenited (if it can be). That is why I also said dà thursa mhòr (two large standing stones), and it is the reason we say dà X dheug for 12 x’s regardless of the gender of the noun x – eg dà bhogsa dheug (masc) and dà bhròig dheug (fem). Deug works like an adjective and it is always lenited in the dual case. Here are some other examples: dà bhonnach bheag (two small cakes), dà chù dhubh (two black dogs), dà ubhal mhòr (two large apples).

Gnàthas-cainnt na Litreach: bàs an Fhithich Ort!: death of the raven be upon you! A curse.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 244

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean