FaclairDictionary EnglishGàidhlig

550: Bodach Dubh na Mòr-bheinne (2)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Bodach Dubh na Mòr-bheinne (2)

Gaelic Gàidhlig

Halò a-rithist. Tha mi a’ dol a chur crìoch air an sgeulachd thraidiseanta às a’ Bhràigh Mhòr ann an Gallaibh – Bodach Dubh na Mòr-bheinne. Bha na fir an tòir air a’ Bhodach air an t-seachdamh latha dhen Iuchar. Ruith am Bodach air falbh aig peilear a bheatha a dh’ionnsaigh na Mòr-bheinne. Dh’èigh e faclan neònach ann an Gàidhlig, feuch an ceò a thoirt a-nuas. Ach cha tàinig an ceò an turas seo. Cha robh cumhachd mar sin aige air an t-seachdamh latha dhen t-seachdamh mìos.

Chunnaic na daoine am Bodach, agus e a’ dol à sealladh tro fhosgladh air cliathaich na beinne. Nuair a chaidh na fir faisg air an fhosgladh, chuala iad am Bodach. Bha e fhathast ag èigheach faclan dìomhair ann an Gàidhlig, feuch an ceò a thoirt a-nuas.

Bha am Bodach air clach uachdarach a’ mhuilinn a chur thairis air an fhosgladh. Chuir sin stad air na daoine. Agus bha e cunnartach dhaibh tighinn faisg, oir bha am Bodach a’ losgadh saighdean tro shùil na bràthan – ’s e sin an toll anns a’ chloich. Mu dheireadh, fhuair na fir faisg gu leòr. An uair sin thilg am Bodach a’ chlach don taobh agus leum e a-mach. Ach cha robh e a’ gluasad gu siùbhlach. Bha e cuagach. Chaidh e air falbh agus chaidh na fir a-steach don uaimh aige.

Abair an sealladh! Bha an uamh làn seudan is rudan prìseil de gach seòrsa. Chuir na fir saighead anns an talamh gus nach cailleadh iad am fosgladh, agus ruith iad às dèidh a’ Bhodaich. Loisg iad saighdean air, ach cha d’ fhuair na saighdean tro a chraiceann. Ge-tà, bha na fir air ròpan a chur anns an fhraoch. Thuit am Bodach thairis air fear de na ròpan. Chuir na fir an grèim e agus cheangail iad e leis an ròp.

Dh’iarr am Bodach orra a bhith tròcaireach dha. “Thoir m’ ionmhas ach na toir mo bheatha,” thuirt e. “Ma mharbhas sibh mi, chan fhaigh sibh m’ ionmhas gu bràth.” “Amaideas!” thuirt na fir. “Ciamar a bheir e an t-ionmhas bhuainn nuair a tha e marbh?”

“Thug mi crodh, biadh is ionmhas bhuaibh, ceart gu leòr,” thuirt am Bodach, “ach cha do mharbh mi aon duine. ’S e beatha duine an rud as prìseile fon ghrèin agus am fear a bheir beatha duine air falbh, cha bhi e beartach a-chaoidh. Tha na cnuic agus na beanntan a’ toirt biadh dhuibh agus, mar dhìoladh, tha mi air a bhith a’ toirt cuid de ur n-ionmhas.”

Bha am Bodach, a rèir choltais, a’ riochdachadh spiorad na beinne. Ach cha robh fir a’ Bhràigh Mhòir airson èisteachd ris. Rinn iad teine mòr agus thilg iad am Bodach ann.

Ach nuair a thill iad a dh’uamh a’ Bhodaich, far an robh an saighead a’ stobadh anns an talamh, cha do lorg iad aon saighead. Bha na ceudan saighdean ann air feadh na beinne, agus cha robh sgeul air a’ chloich mhuilinn no air an uaimh. Agus cha do lorg iad an t-ionmhas.

Bhon uair sin chunnaic grunn luchd-coiseachd a’ chlach mhuilinn air a’ bheinn. Ach, nuair a thug iad muinntir an àite ann airson a faicinn, cha robh sgeul oirre. Agus tha ceithir fichead bliadhna air a dhol seachad bhon turas mu dheireadh a chunnacas i. Ach, nuair a chluinnear tàirneanaich air a’ Mhòr-bheinn, tuigidh sibh gur e sin guth a’ Bhodaich Dhuibh. Tha e a’ toirt rabhadh do dhaoine gun a bhith a’ dol faisg air an ionmhas a bhuineas – chan ann dhaibhsan – ach dha fhèin agus don bheinn.

Faclan na Litreach: Am Bràigh Mòr: Braemore; cunnartach: dangerous; cuagach: limping; tròcaireach: merciful; amaideas: foolishness; bhuaibh: from you; ceudan: hundreds; luchd-coiseachd: walkers.

Abairtean na Litreach: tha mi a’ dol a chur crìoch air: I’m going to finish; an tòir air: in pursuit of; feuch an ceò a thoirt a-nuas: in an attempt to bring the mist down; à sealladh tro fhosgladh air cliathaich na beinne: out of sight through an opening in the side of the mountain; ag èigheach faclan dìomhair: shouting mysterious words; bha X air clach uachdarach a’ mhuilinn a chur thairis air: X had put the upper quern stone over; a’ losgadh saighdean: firing arrows; an toll anns a’ chloich: the hole in the stone; thilg X a’ chlach don taobh: X threw the stone aside; a’ gluasad gu siùbhlach: moving fluidly; a-steach don uaimh aige: into his cave; làn seudan is rudan prìseil: full of jewels and valuable things; gus nach cailleadh iad am fosgladh: so they wouldn’t lose the opening; tro a chraiceann: through his skin; bha na fir air ròpan a chur anns an fhraoch: the men had put ropes in the heather; thoir m’ ionmhas ach na toir mo bheatha: take my treasure but don’t take my life; ’s e beatha duine an rud as prìseile fon ghrèin: a man’s life is the most valuable thing there is; cha bhi e beartach a-chaoidh: he will never be rich; mar dhìoladh, tha mi air a bhith a’ toirt cuid de ur n-ionmhas: in compensation, I’ve been taking some of your riches; a’ riochdachadh spiorad na beinne: representing the mountain spirit; airson a faicinn: to see it; cha robh sgeul oirre: there was no sign of it; nuair a chluinnear tàirneanaich: when thunder is heard; a bhuineas do: which belongs to.

Puing-chànain na Litreach: tro shùil na bràthan: through the hole in the millstone. The hole in the millstone is literally “the eye of the quern”. Bràthan is the (irregular) genitive singular form of brà , a quern. The upper stone, which I have referred to in the Litir as a clach uachdarach can also be called a brà àrd ; the lower stone on which the clach uachdarach moves is the clach ìochdarach or brà ìosal. If you’d like to know more about the Gaelic vocabulary associated with traditional milling of grain, looking under “brà” in Dwelly’s dictionary.

Gnàthas-cainnt na Litreach: ruith am Bodach air falbh aig peilear a bheatha: the Bodach ran for his life [lit. at the bullet of his life].

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 246

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean