FaclairDictionary EnglishGàidhlig

659: Am Brisgean (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Am Brisgean (1)

Gaelic Gàidhlig

Tha sinn a’ tighinn a-steach gu ràith an acrais. Uill, chan eil sin fìor don chuid mhòir againn an-diugh. Faodaidh sinne a dhol don bhùth agus biadh sam bith a cheannach. Ma tha airgead gu leòr againn. Ach bha e fìor uaireigin. An t-Earrach – ràith a bha a’ gealltainn gu leòr. Ach àm nuair a bhiodh an stòras de bhiadh a’ fàs beag, agus greis fhathast ri feitheamh mus tigeadh àm na buana.

Dè am biadh a chumadh daoine a dol as t-Earrach anns na seann làithean, ma-thà? Uill, nam biodh iad faisg air na cladaichean, am maorach. Tha seanfhacal ann “As t-Earrach, nuair a bhios a’ chaora caol, bidh am maorach reamhar”. Canaidh mi a-rithist e – As t-Earrach, nuair a bhios a’ chaora caol, bidh am maorach reamhar. Ma tha an t-acras oirbh, faodaidh sibh falbh a bhuain maorach. Dè b’ fheàrr leibh? Feusgain? Bàirnich? Coilleagan ’s dòcha? No muirsgianan?

Ge bith dè an seòrsa as fheàrr leibh, cha dèan sibh an gnothach ma bhios an làn ann. Feumaidh tràigh a bhith ann. Mar a tha seanfhacal eile ag innse dhuinn, buain maorach nuair a tha an tràigh ann. Chan eil sin a’ buntainn a-mhàin ri gnothaichean a’ chladaich, ge-tà. Tha e co-ionann ris a’ Bheurla, make hay while the sun shines. Buain maorach nuair a tha an tràigh ann.

Co-dhiù, gu leòr dhen mhaorach. Tha mi airson sùil a thoirt air lus, seach maorach, an t-seachdain seo. Dè an lus a bhiodh daoine ag ithe an t-seann aimsir an àm seo dhen bhliadhna nuair a bha biadh gann? Tha mi a’ ciallachadh lus a tha dùthchasach do dh’Alba. Agus tha mi a’ smaoineachadh gu sònraichte air coimhearsnachdan a bha a’ fuireach faisg air a’ chladach, gu sònraichte air an taobh an iar.

Tha an lus beag is rudeigin ìosal, agus tha duilleagan airgid air, le flùraichean brèagha buidhe as t-samhradh. Tha e gu math pailt air a’ mhachair agus àiteachan eile far a bheil gainmheach gu leòr ann. A bheil e agaibh fhathast?!

’S e an t-ainm saidheansail a th’ air Potentilla anserina. Ann am Beurla – silverweed. Agus ann an Gàidhlig brisgean. Tha an t-ainm a’ tighinn bhon phairt dhen lus a bu chudromaiche a bh’ ann do na seann Ghàidheil – am freumh. Tha am freumh brisg.

Agus carson a bha na freumhan feumail? Bha, a chionn ’s gum b’ urrainnear an ithe. Bha mi a’ leughadh pìos bho agallamh, ann am Beurla, leis a’ bhana-Ghàidheal, Mòr NicLeòid, Mòr Bhrù, nach maireann, à Leòdhas. Agus seo na thuirt ise: “Bhiodh iad a’ cleachdadh an fhreumh’ a bha seo a bha, can, sia òirlich a dh’fhaid, agus bhiodh iad ga bhuain le ràcan no spaid, ga ghlanadh agus ga ròstadh air teine fosgailte. Bhiomaid ga dhèanamh nuair a bha sinn nar cloinn. Chan e gun robh an t-acras oirnn ach bhiomaid ga dhèanamh agus chòrdadh e rinn. Tha blas math cnòthach air. Cha chreid mi gun robh sinn a’ cleachdadh an duillich airson dad, ach biathadh a’ chruidh. Bhiomaid ga thiormachadh airson feur a’ gheamhraidh agus bhiodh [an crodh] a’ dol seachad air feòir eile airson faighinn dhan bhrisgean.”

Sin am brisgean. Innsidh mi tuilleadh mu dheidhinn an-ath-sheachdain. Anns an eadar-àm, ma tha an t-acras oirbh, mholainn maorach no, ma tha an làn ann – teòclaid!

Faclan na Litreach: An t-Earrach: Spring (season); a’ gealltainn: promising; feusgain: mussels; bàirnich: limpets: coilleagan: cockles; muirsgianan: razor shells, spoutfish; gann: scarce; dùthchasach: native; brisgean: silverweed; nach maireann: deceased; teòclaid: chocolate.

Abairtean na Litreach: ràith an acrais: the season of hunger; faodaidh sinne dhol don bhùth: we can go to the shop; bha e fìor uaireigin:it was true at one time; an stòras de bhiadh: the store of food; greis ri feitheamh mus tigeadh àm na buana:some time to wait before the harvest; cha dèan thu an gnothach ma bhios an làn ann: you won’t manage it if the tide is in; gu sònraichte:particularly; tha duilleagan airgid air, le flùraichean brèagha buidhe as t-samhradh: it has silver leaves, and beautiful yellow flowers in summer; tha am freumh brisg: the root is brittle; a chionn ’s gum b’ urrainnear an ithe: because they could be eaten; pìos bho agallamh: part of an interview; sia òirlich a dh’fhaid: six inches long; bhiodh iad ga bhuain le ràcan no spaid: they would harvest it with a rake or spade; ga ròstadh air teine fosgailte: roasting it on an open fire; blas cnòthach: a nutty taste; cha chreid mi gun robh sinn a’ cleachdadh an duillich airson dad: I don’t think we used the foliage for anything; ach biathadh a’ chruidh: except for feeding the cattle; ga thiormachadh airson feur a’ gheamhraidh: drying it for winter hay; seachad air feòir eile airson faighinn dhan bhrisgean: past other hay to get to the silverweed.

Puing-chànain na Litreach: Maorach means shellfish in general and like iasg can be used as a collective, while being grammatically singular. Tha maorach air an tràigh – there are shellfish on the beach. There is a bay called Camas a’ Mhaoraich at the mouth of Loch Broom, seen by passengers plying the Minch on the Isle of Lewis, that demonstrates the singular usage; it was presumably a place where fishermen gathered bait and the populace gathered shellfish for food. There are also places on the west coast called Tràigh a’ Mhaoraich or Port a’ Mhaoraich. The plural form maoraich can be used but is likely to refer to more than one species of shellfish.

Seanfhaclan na Litreach: As t-Earrach, nuair a bhios a’ chaora caol, bidh am maorach reamhar: in Spring, when the sheep is thin, the shellfish are fat. buain maorach nuair a tha an tràigh ann: harvest shellfish when the tide is out (an equivalent to ‘make hay while the sun shines’). You will also hear the verb dèan used eg rinn e maorach (he gathered shellfish).

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 355

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean