FaclairDictionary EnglishGàidhlig

792: Na Bodaich Chrotach agus na Sìthichean

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Na Bodaich Chrotach agus na Sìthichean

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mar a thàinig na sìthichean gu bith. Cha robh cead aca falbh a-mach às na tuill aca bho Dhiardaoin gu Didòmhnaich oir bha na làithean sin naomh do Chrìosdaidhean. Chuir e nam chuimhne seann sgeulachd a chuala mi o chionn bhliadhnaichean. ’S e an t-ainm a th’ oirre Na Bodaich Chrotach agus na Sìthichean.

Bha dithis bhodach a’ fuireach anns an aon ghleann. Bha iad le chèile crotach. Bhiodh iad a’ gabhail turas mu seach gach Didòmhnaich a dhol a chèilidh air a chèile. Ach, air an rathad eatarra, bha coille mhòr dhorcha.

Didòmhnaich a bha seo, bha fear de na bodaich air chuairt mar a b’ àbhaist. Nuair a bha e faisg air cnoc gorm ann am meadhan na coille, chuala e guthan. Bha na sìthichean am broinn an t-sìthein a’ gabhail òran. Seo mar a chaidh e: Diluain, Dimàirt, Diluain, Dimàirt, Diluain, Dimàirt. Sheinn iad an aon rud a-rithist agus a-rithist. Chaidh am bodach na b’ fhaisge. Chuir e a cheann a-steach. Chunnaic na sìthichean e agus sguir iad a’ seinn.

‘Dè tha thu ag iarraidh?’ thuirt fear dhiubh gu crosta.

‘Tha mi a’ cluinntinn,’ ars am bodach, ‘nach eil sibh eòlach air na faclan gu lèir airson an òrain sin. Tha iad agam, ge-tà. Ma bheir sibh a’ chroit far mo dhroma, innsidh mi dhuibh an ath phìos dhen òran.’

‘Siuthad, ma-thà!’ thuirt na sìthichean còmhla. Agus thòisich am bodach air seinn: Diluain, Dimàirt, Diluain, Dimàirt, Diluain, Dimàirt, Diciadain.

Bha na sìthichean air leth toilichte agus thug iad taing mhòr don bhodach. Fhad ’s a bha e a’ coiseachd air falbh bhon t-sìthean, thòisich a dhruim air fàs aotrom. Dh’fhalbh a’ chroit agus bha am bodach a-nise cho dìreach ri saighead. Choisich e a-mach às a’ choille a-null gu taigh a charaid. Cha b’ urrainn don bhodach eile an gnothach a chreidsinn. Bha e fhèin airson faighinn cuidhteas na croite aige fhèin anns an aon dòigh.

An ath Dhidòmhnaich chaidh an dàrna bodach air chuairt tron choille, agus e fhathast a’ giùlain croit mhòr air a dhruim. Nuair a ràinig e an sìthean, bha na sìthichean a’ gabhail òran: Diluain, Dimàirt, Diluain, Dimàirt, Diluain, Dimàirt, Diciadain. Cha robh faclan eile ann ach sin. A-rithist ’s a-rithist. Chuir am bodach a cheann a-steach air an doras aca.

‘De tha thu ag iarraidh?’ thuirt fear dhiubh.

‘Tha mi a’ cluinntinn,’ ars esan, ‘nach eil sibh eòlach air na faclan gu lèir airson an òrain sin. Tha iad agam, ge-tà. Agus ma bheir sibh a’ chroit far mo dhroma, innsidh mi dhuibh an ath phìos dhen òran.’

‘Siuthad, ma-thà!’ thuirt na sìthichean.

Agus sheinn am bodach: Diluain, Dimàirt, Diluain, Dimàirt, Diluain, Dimàirt, Diciadain, Diardaoin ’s Dihaoine.

Ach cha do chòrd sin ris na sìthichean idir. ‘Mhill thu an t-òran againn,’ dh’èigh iad. ‘A-mach à seo leat!’ Agus nuair a theich am bodach fhuair e a-mach nach robh a’ chroit aige air fàs na bu lugha idir. Gu dearbh, bha croit a’ bhodaich eile air a dhol air a dhruim-san cuideachd. Bha e a-nise dà-chrotach agus cha robh e ann an sunnd idir.

Faclan na Litreach: crotach: humpbacked; mìorbhail: marvel; dà-chrotach: two-humped.

Abairtean na Litreach: mar a thàinig na sìthichean gu bith: how the fairies came into being; bho Dhiardaoin gu Didòmhnaich: from Thursday to Sunday; chuir e nam chuimhne seann sgeulachd: it reminded me of an old story; air an rathad eatarra, bha coille mhòr dhorcha:on the road between them, there was a large dark forest; nuair a bha e faisg air cnoc gorm ann am meadhan na coille: when he was near a green hill in the middle of the forest; chuala e guthan: he heard voices; bha na sìthichean am broinn an t-sìthein a’ gabhail òran: the fairies inside the fairy hillock were singing a song; chunnaic na sìthichean e agus sguir iad a’ seinn: the fairies saw him and they stopped singing; nach eil sibh eòlach air na faclan gu lèir: that you don’t know all the words; ma bheir sibh a’ chroit far mo dhroma: if you take the hump off my back; siuthad, ma-thà!: go on, then!; thug iad taing mhòr don bhodach:they warmly thanked the old man; thòisich a dhruim air fàs aotrom: his back began to get light; cho dìreach ri saighead: as straight as an arrow; bha e fhèin airson faighinn cuidhteas na croite aige fhèin: he was wanting to get rid of his own hump; cha do chòrd sin ris na sìthichean idir: the fairies didn’t like that at all; mhill thu an t-òran againn: you wrecked our song; a-mach à seo leat!: get out of here!; nach robh a’ chroit aige air fàs na bu lugha idir: that his hump hadn’t got smaller at all; cha robh e ann an sunnd idir: he was not at all happy.

Puing-chànain na Litreach: bha croit a’ bhodaich eile air a dhol air a dhruim-san cuideachd: the other bodach’s hump had gone on his back as well. Don’t forget the use of the emphatic suffixes after a noun. People are tending towards saying (eg) air an druim aigesan rather than air a dhruim-san , creating emphasis through the use of the prepositional pronoun. But this is not necessary!

Gnàthas-cainnt na Litreach: a’ gabhail turas mu seach gach Didòmhnaich: taking turn about every Sunday.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 488

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean