FaclairDictionary EnglishGàidhlig

887: Ceit Mhòr na Sròine (2)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Ceit Mhòr na Sròine (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh na seann eachdraidh mu Cheit Mhòr na Sròine a bhuineadh do dh’Obar Gheallaidh ann am Màrr. Bha i fhèin is Dòmhnall Biorach à Athall air leth math air dannsadh còmhla. Chuir sin fearg air fir Mhàrr oir bha iad dhen bheachd gun robh iadsan fada na b’ fheàrr air dannsadh na muinntir Athall. Bha Dòmhnall is Ceit a’ dannsadh aig cuirm an dèidh banais. Bha fear mòr à Màrr agus Dòmhnall a’ dannsadh ruidhle. Thilg am fear mòr Dòmhnall don teine a dh’aona-ghnothach, agus e ag ràdh, ‘Bodaich dhubh Shrath Àrdail, gun crathainn anns an luaith iad!’

Leum Dòmhnall a-steach don t-seat a-rithist, a’ dol le ruitheam a’ chiùil mar nach robh dad air tachairt. Cha do sheall e gun robh fearg air no gun robh e a’ dol a dh’fhaighinn dìoghaltas air an fhear eile. Nuair a bha am fear mòr agus Dòmhnall an gàirdeanan a chèile a-rithist, thilg Dòmhnall am fear eile le uile neart, a’ cur a ghualainn a-mach, agus ga fhàgail na laighe fo bhòrd. Thuirt e, ‘Bodaich mhòra, bhoga Mhàrr, gun crathainn às a’ ghualainn iad!’

Bha am fear à Màrr a’ sgreuchail le pian. Tharraing e a bhiodag a-mach agus rinn e air Dòmhnall leatha. Bha an cuthach air agus bha e a’ dol a mharbhadh Dhòmhnaill. Ach leum Ceit Mhòr na Sròine eatarra. Shàbhail sin beatha Dhòmhnaill ach gu mì-fhortanach chaidh an t-sròn mhòr aig Ceit a ghearradh dheth. Bha ùpraid mhòr ann, agus daoine a’ tarraing an cuid bhiodagan. Ach chaidh aig a’ Ghòrdanach agus am Baran Ruadh air a h-uile duine a shocrachadh.

Chaidh a h-uile duine timcheall air Ceit Mhòr. Bha iad a’ sealltainn truas dhi airson a sròn a chall. Bha i fhèin troimhe-chèile. Bha i ag ràdh nach fhaigheadh i duine cèile a-nise oir bha i air a bòidhchead a chall le a sròin.

Ach cha b’ e sin beachd Dhòmhnaill. ‘Bidh thu eadhon nas fheàrr mar dhannsair a-nise,’ thuirt e, ‘agus tu às aonais do shròine mòire. Oir bidh thu nas aotruime.’ Shaoileadh tu gun robh beachd faoin mar sin air Ceit a chur troimhe-chèile buileach. Ach dh’obraich e anns an dòigh eile. Sguir i a ghal. ’S dòcha gun do thuig i gun robh nòisean aig Dòmhnall dhi.

Chaidh Dòmhnall a bhruidhinn ris a’ Ghòrdanach, an ceann-cinnidh aice. ‘Bhiodh e math dhomh,’ thuirt Dòmhnall, ‘nam biodh banarach làidir mar sin agam air an àirigh aig Cam a’ Choire, gu h-àraidh nuair a thig ceatharnaich an rathad sin.’ Thuirt an Gòrdanach gun robh Dòmhnall ceart. Dh’iarr e air an t-sagart a thilleadh.

Bha dàrna banais ann air an oidhche sin, agus rinneadh fear is bean de Dhòmhnall agus Ceit. Tha iad ag ràdh gun robh an danns an dèidh làimhe air leth math, ged a bhithinn an dùil gun robh Ceit bhochd ro ghoirt airson mòran dannsaidh a dhèanamh!

Bha pòsadh toilichte eadar Dòmhnall agus Ceit Mhòr. Gu mì-fhortanach, ge-tà, mhair e dìreach naoi bliadhna. Ann an còig ceud deug is trì-deug (1513), chaidh Dòmhnall le arm na h-Alba gu ruige Blàr Flodden ann an Sasainn. Chaidh Dòmhnall a mharbhadh an sin, cuide ri a cheann-cinnidh, Iarla Athall. Agus bha Ceit bhochd air a fàgail na banntrach.

Faclan na Litreach : ruidhle: reel; a dh’aona-ghnothach: deliberately; ruitheam: rhythm; biodag: dirk; cuthach: rage; ùpraid:uproar; faoin: silly; ceann-cinnidh: clan leader; ceatharnaich: freebooters; sagart: priest; mhair e: it lasted.

Abairtean na Litreach : Ceit Mhòr na Sròine: Big Kate of the Nose; a bhuineadh do dh’Obar Gheallaidh ann am Màrr: who belonged to Abergeldie in Mar; chuir sin fearg air fir Mhàrr: that angered the men of Mar; na b’ fheàrr air dannsadh na muinntir Athall: better at dancing than the people of Atholl; aig cuirm an dèidh banais: at a feast after a wedding; bodaich dhubh Shrath Àrdail, gun crathainn anns an luaith iad: black men of Strathardle, I’d shake them in the fire ash; leum Dòmhnall a-steach don t-seat a-rithist:Donald jumped into the set again; an gàirdeanan a chèile a-rithist: with arms linked again; a’ dol a dh’fhaighinn dìoghaltas air:going to get revenge on; le uile neart, a’ cur a ghualainn a-mach: with all his strength, putting out his shoulder; na laighe fo bhòrd:lying under a table; bodaich mhòra, bhoga Mhàrr, gun crathainn às a’ ghualainn iad: big, soft men of Mar, I’d shake them from their shoulders; a’ sgreuchail le pian: screaming in pain; chaidh an t-sròn mhòr aig Ceit a ghearradh dheth: Kate’s big nose was cut off; a’ tarraing an cuid bhiodagan: drawing their dirks; chaidh aig X air a h-uile duine a shocrachadh: X managed to settle everybody; a’ sealltainn truas dhi: showing her pity; bha i air a bòidhchead a chall:she had lost her beauty; bidh thu nas aotruime: you will be lighter; gun do thuig i gun robh nòisean aig Dòmhnall dhi:that she understood that Donald fancied her; nam biodh banarach làidir mar sin agam air an àirigh: if I had a strong milkmaid like that at the shieling; bha Ceit bhochd air a fàgail na banntrach: poor Kate was left a widow.

Puing-chànain na Litreach : às aonais do shròine mòire: without your big nose. Às aonais, being a compound preposition, commands a noun in the genitive case, certainly when it is a definite noun (with an article). In this case the article is the possessive article or adjective do. Sròn , being a feminine noun, slenderises and (being of one syllable) adopts a terminal ‘e’. The terminal ‘e’ in turn negates the lenition that would be applied to the adjective in the nominative and dative cases (eg an t-sròn mhòr, air an t-sròin mhòir) and mòir becomes mòire, matching the terminal ‘e’ of the noun.

Gnàthas-cainnt na Litreach : Sguir i a ghal : she stopped crying.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 583

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean