FaclairDictionary EnglishGàidhlig

898: Alasdair Mòr Mac an Rìgh

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Alasdair Mòr Mac an Rìgh

Gaelic Gàidhlig

Tha ceathramh de sheann bhàrdachd Ghàidhlig ann an Leabhar Deathain Lios Mòr – làmh-sgrìobhainn a bhuineas don t-siathamh linn deug. Nam biodh e sgrìobhte anns an latha an-diugh, bhiodh e a’ dol rudeigin mar seo:

Ceathrar a bha aig uaigh an fhir

Tuam Alaxandair Uaibhrigh

Thuirt iad briathran gun bhreug

Os cionn an fhlaith on Fhionn Ghrèig

Cò mu dheidhinn a tha an ceathramh? Flath air choreigin. Bha ceathrar cruinn còmhla aig uaigh no tuam aige. Bha iad ‘os cionn an fhlaith on Fhionn Ghrèig’. Tha flath a’ ciallachadh ‘prionnsa’ no ‘ceannaire’. ʼS e seann fhacal a th’ ann agus mar as trice cluinnear e a-mhàin ann an seann sgeulachdan. Agus bha e às an Fhionn Ghrèig – fair no beauteous Greece. B’ e ainm Gàidhlig an duine, aig an àm sin, Alaxandair Uaibhreach no, le dreach ginideach air, Alaxandair Uaibhrigh.

Tha mi a’ dèanamh dheth a-nise gu bheil fios agaibh cò th’ anns an fhlath sin – Alexander the Great, Rìgh Greugach Rìoghachd Mhacedon. Gu tric, bithear a’ gabhail ‘Alasdair’ air Alexander ann an Gàidhlig. Mar sin, ʼs e ‘Alasdair Uaibhreach’ a chanas mi ris. Tha uaibhreach a’ ciallachadh ‘proud’ no ‘haughty’.

ʼS e rud follaiseach anns a’ Ghrèig gu bheil fionn-chlach no clach bhàn cho bitheanta ann. ʼS iad dathan na Grèige dhòmhsa – geal agus gorm. Geal na creige, agus gorm an adhair ʼs na mara. Tha bratach na dùthcha mar sin gu math freagarrach.

Co-dhiù, air ais do dh’Alasdair Uaibhreach. Tha mi a’ beachdachadh air an t-seann rìgh Ghreugach sin air sàillibh ʼs gun robh mi a’ leughadh alt a sgrìobh an sgoilear Gàidhlig – agus ‘Alasdair’ air fhèin – Alasdair MacIlleBhàin. Tha e mu dheidhinn Bhàideanach, an sgìre dhan do bhuin e. Agus tha e mu dheidhinn Alasdair eile – treas fear – Alasdair Mòr Mac an Rìgh, a bhuineadh do Bhàideanach.

Seo na sgrìobh an t-ùghdar ann am Beurla: [Alasdair] gets confused with his famous namesake of Macedon, also Alasdair Mòr, but the more accurate of tradition-mongers differentiate them easily, for they call Alexander the Great ‘Alasdair Uaibhreach Mac Rìgh Philip.’ Chan eil fhios agam a bheil mi nam ‘thradition monger’ ach ʼs e Alasdair Uaibhreach a ghabhas mi fhìn air an Rìgh Ghreugach, seach Alasdair Mòr. ʼS iomadh croitear Gàidhealach air an robh, no air a bheil, Alasdair Mòr mar ainm!

ʼS e an ath cheist, ma-thà, cò bh’ ann an Alasdair Mòr Mac an Rìgh? Uill, ʼs e Albannach a bh’ ann, agus tha e aithnichte ann am Beurla mar ‘ The Wolf of Badenoch’. B’ e mac Rìgh Raibeirt II a bh’ ann agus bha urram air a bhuileachadh air le athair no tro phòsadh – mar Thighearna Bhàideanach, Iarla Bhuchain agus Iarla Rois. B’ e am fear a bu chumhachdaiche ann an ceann a tuath na h-Alba ri a linn. ʼS e duine foghainteach a bh’ ann. Ach bha e borb cuideachd.

Chaidh Alasdair Mòr agus Easbaig Mhoireibh a-mach air a chèile gu dubh mu fhearann is gnothaichean eile. Aig a’ cheann thall, ghabh Alasdair grèim air fearann an Easbaig agus air sgàth sin bha e air ascaointeachadh bhon Eaglais. An uair sin, loisg Alasdair bailtean Farrais is Eilginn – agus Cathair-eaglais Eilginn –

gu làr. Aig a’ cheann thall, an robh e cho diofraichte sin bho Alasdair Uaibhreach?

Faclan na Litreach: ginideach: genitive; ùghdar: author; seach: rather than, instead of; croitear: crofter; Easbaig Mhoireibh: the Bishop of Moray; air ascaointeachadh: excommunicated; cathair-eaglais: cathedral.

Abairtean na Litreach: Leabhar Deathain Lios Mòr: The Book of the Dean of Lismore; nam biodh e sgrìobhte anns an latha an-diugh: if it were written today; bhiodh e a’ dol rudeigin mar seo: it would go something like this; ceathrar a bha aig uaigh an fhir: four people that were at the grave of the man; briathran gun bhreug: words without a lie; flath air choreigin: some prince or other; mar as trice cluinnear e a-mhàin ann an seann sgeulachdan:most often it is heard only in old stories; gu bheil fionn-chlach cho bitheanta ann: that white stone is so common there ; ʼs iad dathan na Grèige dhòmhsa – geal agus gorm: the colours of Greece for me are white and blue; tha bratach na dùthcha mar sin gu math freagarrach: the country’s flag is thus very suitable; air sàillibh ʼs gun robh mi a’ leughadh alt:because I was reading an article; mu dheidhinn Bhàideanach, an sgìre dhan do bhuin e: about Badenoch, the area he belonged to ; tha e aithnichte ann am Beurla: he is known [recognised] in English; mar Thighearna Bhàideanach, Iarla Bhuchain agus Iarla Rois: as the Lord of Badenoch, the Earl of Buchan and the Earl of Ross; aig a’ cheann thall, ghabh Alasdair grèim air fearann X:finally, Alasdair expropriated X’s land; loisg X bailtean Farrais is Eilginn gu làr: X burned the towns of Forres and Elgin to the ground.

Puing-chànain na Litreach: B’ e am fear a bu chumhachdaiche ann an ceann a tuath na h-Alba: he was the most powerful man in the north of Scotland. Are you comfortable with this structure? It is the past tense equivalent of ʼs e am fear as cumhachdaiche. The bu appears in both the (assertive) verb and the comparative (adjective). In the first case Bu e becomes B’ e because of the adjacent vowels.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Chaidh X agus Y a-mach air a chèile gu dubh: X and Y fell out with each other big time.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 594

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean