FaclairDictionary EnglishGàidhlig

934: Tràilleachd agus Alba (2)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Tràilleachd agus Alba (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi a’ bruidhinn mu dheidhinn tràilleachd agus mar a phòs fir às a’ Ghàidhealtachd boireannaich dhubha – cuid dhiubh nan tràillean – anns na h-Innseachan an Iar. Chaidh corra duine cloinne aca a chur chun na Gàidhealtachd airson an cuid foghlaim. Mar sin, bha clann dubha ann an sgoiltean air a’ Ghàidhealtachd tràth anns an naoidheamh linn deug.

Tha deagh eachdraidh agus droch eachdraidh aig Alba ann an co-cheangal ri tràilleachd. Rinn cuid de dh’Albannaich coiteachadh an aghaidh a leithid. Ann an seachd ceud deug, seachdad ʼs a h-ochd (1778) rinneadh mì-laghail e a bhith a’ cumail tràill ann an Alba. Rinn Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte mì-laghail e a bhith a’ reic no a’ ceannach thràillean air feadh na h-Ìmpireachd ann an ochd ceud deug ʼs a seachd (1807).

Ach cha do chuir sin stad sa mhionaid air cumail thràillean. Cha do thachair sin gu ochd ceud deug, trithead ʼs a trì (1833). An uair sin, phàigh an Riaghaltas fichead millean not don fheadhainn a chaill an cuid thràillean mar airgead dìolaidh. Bha na ceudan dhiubh às Alba.

Bha Albannaich am measg nan uachdaran a bu bhrùideile aig an robh tràillean ann an Iameuga. Bha an treas cuid de thràillean ann an Iameuga air oighreachdan a bha le Albannaich. Bha eadhon am fear a sgrìobh ‘ A Man’s a Man for A’ That’ – òran ainmeil mu cho-ionannachd – a’ beachdachadh air a dhol a-null mar oifigear air tuathanas-siùcair ann an Iameuga far an robh tràillean. Tha mi a’ ciallachadh – tuigidh sibh – Raibeart Burns.

Ann an ochd ceud deug, ceathrad ʼs a trì (1843), rugadh eaglais ùr ann an Alba – An Eaglais Shaor. Bha i ann an suidheachadh duilich oir bha mòran uachdaran fada na h-aghaidh. Bha i gann de dh’airgead agus chaidh teachdairean a dh’Ameireagaidh airson airgead a thogail dhi. Am measg na thàinig air ais a dh’Alba mar thaic, bha airgead à feadhainn a bha fhathast a’ cumail thràillean anns na stàitean sa cheann a deas.

Cha b’ fhada gus an robh an Eaglais Shaor ann am meadhan connspaid mun airgead a fhuair i. Ann an ochd ceud deug, ceathrad ʼs a sia (1846) thàinig tràill ainmeil air turas a dh’Alba. A rèir an lagh, bha Frederick Douglass fhathast na thràill. Bha e air teicheadh gu a shaorsa anns a’ cheann a tuath de na Stàitean Aonaichte. Chuir e seachad dà bhliadhna ann am Breatainn is Èirinn, a’ toirt òraidean mu thràilleachd.

Bha Douglass dhen bheachd gum b’ e Dùn Èideann am baile a bu bhrèagha a chunnaic e riamh. Bha e air a dhòigh ann an Alba oir cha robh daoine a’ dèanamh dì-meas air air sàillibh dath a chraicinn. Bha a h-uile càil fosgailte dha agus bha daoine a’ toirt urram dha.

Ach bhruidhinn e a-mach gu làidir mun airgead a bha an Eaglais Shaor a’ gabhail. Bha daoine aig na coinneamhan aige ag èigheachd ‘Cuiribh an t-Airgead Air Ais!’ Dhìon an Eaglais i fhèin, ag ràdh, nam biodh daoine airson a bhith a’ seachnadh airgead à tràilleachd, nach cuireadh iad aodach cotain orra, nach itheadh iad rus ʼs nach smocadh iad tombaca oir bha iad uile air an dèanamh le tràillean. Agus cha tug iad an t-airgead air ais. Thàinig aon rud math às an deasbad, ge-tà – taic airson na h-iomairt aig Frederick Douglass an aghaidh tràilleachd. Mar sin leibh an-dràsta.

Faclan na Litreach: Na h-Innseachan an Iar: The West Indies; airgead dìolaidh:compensation; an treas cuid: a third; co-ionannachd: equality; An Eaglais Shaor: The Free Church.

Abairtean na Litreach: mar a phòs fir às a’ Ghàidhealtachd boireannaich dhubha: how men from the Highlands married black women; cuid dhiubh nan tràillean: some of them slaves; airson an cuid foghlaim: for their education; deagh eachdraidh agus droch eachdraidh: good history and bad history; rinneadh mì-laghail e a bhith a’ cumail tràill: it was made illegal to keep a slave; a bhith a’ reic no a’ ceannach thràillean air feadh na h-Ìmpireachd: to sell or buy slaves throughout the Empire; am measg nan uachdaran a bu bhrùideile aig an robh tràillean ann an Iameuga: among the most brutal estate owners in Jamaica who had slaves; a’ beachdachadh air a dhol a-null mar oifigear air tuathanas-siùcair: considering going over as an officer on a sugar plantation; bha mòran uachdaran fada na h-aghaidh:many landlords were resolutely opposed to it; gann de dh’airgead:short of money; chaidh teachdairean a dh’Ameireagaidh: messengers went to America; a bha fhathast a’ cumail thràillean anns na stàitean sa cheann a deas: who were still keeping slaves in the southern states; ann am meadhan connspaid: in the midst of a controversy; bha e air teicheadh: he had fled; gum b’ e Dùn Èideann am baile a bu bhrèagha a chunnaic e riamh: that Edinburgh was the most beautiful city he had ever seen; air a dhòigh: happy; a’ dèanamh dì-meas air air sàillibh dath a chraicinn: showing him disrespect because of the colour of his skin; bha daoine a’ toirt urram dha: people showed him respect; Cuiribh an t-Airgead Air Ais: Send the Money Back; nam biodh daoine airson a bhith a’ seachnadh airgead à tràilleachd: if people wanted to avoid money from slavery; nach cuireadh iad aodach cotain orra: they wouldn’t wear cotton clothing.

Puing-chànain na Litreach: Rinn cuid de dh’Albannaich coiteachadh an aghaidh a leithid: some Scots lobbied against such a thing. Leithid is a feminine noun meaning ‘the like’ and is usually employed with a possessive article, rather than a normal [definite] article. Chan fhaca mi a leithid riamh ‘I never saw his [or her] like’; tha sin doirbh do mo leithid ‘that’s difficult for folk like me’; ʼs e ar leithid-ne a ghabhas an dùthaich thairis ‘it’s people like us who will take over the country’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: cha do chuir sin stad sa mhionaid air cumail thràillean: that didn’t immediately stop the holding of slaves.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 630

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean