FaclairDictionary EnglishGàidhlig

959: Sìth Chailleann (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Sìth Chailleann (1)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi riamh dhen bheachd gur e beinn air leth a th’ ann an Sìth Chailleann. Tha cumadh brèagha oirre agus tha dualchas àraidh aice. As t-samhradh am-bliadhna, bha mi ag obair ann an Obar Pheallaidh agus ghabh mi an cothrom Sìth Chailleann a dhìreadh. Chòrd e rium gu mòr, ged nach fhaca mi ach sgòthan air a’ mhullach!

Tha Sìth Chailleann an ìre mhath ann an teis-meadhan na h-Alba. Aig trì mìle gu leth troigh a dh’àirde, tha i na Beinn Rothaich agus bidh còrr is fichead mìle neach ga dìreadh a h-uile bliadhna. Ma tha sibh a’ sireadh aonaranachd, cha mholainn Sìth Chailleann dhuibh. Ach tha an ceum ann an staid mhath agus tha na lusan air cliathaich na beinne gu math inntinneach.

Bha Sìth Chailleann aig cridhe deuchainn saidheansail anns an ochdamh linn deug agus thàinig cliù oirre an uair sin air feadh na Rìoghachd Aonaichte. Tha mi airson innse dhuibh mu dheidhinn.

Thachair e sa bhliadhna seachd ceud deug, seachdad ʼs a ceithir (1774). Chuir an Reultair Rìoghail, Nevil Maskelyne, seachad seachd seachdainean deug a’ fuireach ann am bothan air cliathaich na beinne. Carson a bha e ann? Uill, bha e ag amas air cuideam an t-saoghail a thomhas. Cha robh fios aca aig an àm sin an robh an Talamh falamh no còsach sa mheadhan gus nach robh.

Bha Maskelyne ag iarraidh beinn a lorg a bhiodh furasta gu leòr a thomhas a thaobh a meud-lìonaidh. Bhiodh e a’ tomhas dè a’ bhloigh dhen t-saoghal a bha a’ bheinn a’ riochdachadh. Bhiodh e an uair sin a’ tomhas cuideam na beinne a rèir a h-iom-tharraing, no gravity. Agus, às a sin, gheibheadh e cuideam na cruinne gu lèir. ʼS e deuchainn doirbh agus cosgail a bhiodh ann. Thathar ag ràdh gun do dh’fhalamhaich i sporan a’ Chomainn Rìoghail.

B’ e a’ chiad rud beinn fhreagarrach a lorg. Chuir an Comann Rìoghail fear Teàrlach Mason gu ruige Gàidhealtachd na h-Alba. Agus thill e a Lunnainn leis an naidheachd gun do lorg e tè fhreagarrach ann an Siorrachd Pheairt – Sìth Chailleann.

Cha robh e furasta do Nevil Maskelyne faighinn ann oir bha na rathaidean truagh agus cha robh rathaidean-iarainn ann aig an àm sin. Chaidh e ann air soitheach-mara gu ruige Peairt. Agus ràinig e a’ bheinn à Peairt air an latha mu dheireadh dhen Ògmhios ann an seachd ceud deug, seachdad ʼs a ceithir (1774). Thug e obair do mhuinntir an àite ann a bhith a’ togail dà ionad-deuchainne – fear air taobh tuath na beinne agus fear eile air an taobh a deas.

Chleachd e na rionnagan airson a bhith a’ tomhas fìor-dhìreachdas no ‘ true vertical’. Chuir e crochadain an sàs agus rinn e tomhas air tarraing na beinne orra don taobh. Às a sin, fhuair e dùmhlachd na beinne. Cha robh aige an uair sin ach ri meud-lìonaidh na beinne a thomhas airson a cuideam fhaighinn.

Fhuair e taic ann an sin bho fhear-matamataig, Teàrlach Hutton. Chuir esan roimhe gur e an dòigh as fheàrr airson tomhas-lìonaidh a dhèanamh air Sìth Chailleann a bhith a’ roinneadh na beinne ann an sliseagan còmhnard. Airson sin, chruthaich e loidhnichean co-àirde no contour lines. B’ e sin a’ chiad turas a chleachd daoine loidhnichean co-àirde. Càite am biodh ar mapaichean às aonais na leithid an-diugh?!

Faclan na Litreach: As t-samhradh: in summer; Obar Pheallaidh: Aberfeldy; aonaranachd: isolation; Reultair Rìoghail: Astronomer Royal; falamh, còsach: hollow; Siorrachd Pheairt: Perthshire; crochadain: pendulums; fear-matamataig: mathematician; loidhnichean co-àirde: contour lines.

Abairtean na Litreach: Bha mi riamh dhen bheachd gur e beinn air leth a th’ ann an Sìth Chailleann: I’ve always thought that Schiehallion is a special mountain; tha cumadh brèagha oirre agus tha dualchas àraidh aice: it has a beautiful shape and it has a particular heritage; ged nach fhaca mi ach sgòthan air a’ mhullach: although I only saw clouds on the summit; trì mìle gu leth troigh a dh’àirde: three and a half thousand feet in altitude; tha i na Beinn Rothaich: it is a Munro; bidh còrr is fichead mìle neach ga dìreadh: more than twenty thousand people climb it; cliathaich na beinne: the side of the mountain; aig cridhe deuchainn saidheansail: at the heart of a scientific experiment; ag amas air cuideam an t-saoghail a thomhas: aiming to measure the mass of the Earth; dè a’ bhloigh dhen t-saoghal: what fraction of the world; a’ tomhas cuideam na beinne a rèir a h-iom-tharraing: measuring the weight of the mountain according to its gravitational pull; gun do dh’fhalamhaich i sporan a’ Chomainn Rìoghail: that it emptied the coffers of the Royal Society; air soitheach-mara gu ruige Peairt: on a ship to Perth; dà ionad-deuchainne: two experimental stations; chleachd e na rionnagan airson a bhith a’ tomhas fìor-dhìreachdas: he used the stars to measure true vertical; cha robh aige an uair sin ach ri meud-lìonaidh na beinne a thomhas airson a cuideam fhaighinn: he then only had to measure the volume of the mountain to work out its weight; a’ roinneadh na beinne ann an sliseagan còmhnard: dividing the mountain in horizontal slices; càite am biodh ar mapaichean às aonais na leithid an-diugh?: where would our maps be without such things today?

Puing-chànain na Litreach: Tha Sìth Chailleann an ìre mhath ann an teis-meadhan na h-Alba: Schiehallion is pretty much in the dead centre of Scotland. Teis-meadhan is a good expression (you will also hear teis-mheadhan with meadhan lenited, particularly among younger speakers). Tha i ciùin ann an teis-meadhan na stoirme ‘it’s calm in the dead centre of the storm’. Tha togalach na Comhairle ann an teis-meadhan a’ bhaile ‘the Council building is in the dead centre of the town’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: gur e an dòigh as fheàrr airson tomhas-lìonaidh a dhèanamh air X:that the best way to measure the volume of X.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 655

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean