FaclairDictionary EnglishGàidhlig

965: Radio Caledonia (2)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Radio Caledonia (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu Dhòmhnall Grannd, a bhuineadh do dh’Alanais, agus a bha na chraoladair Natsach anns an Dàrna Cogadh. Dh’fhàg e Breatainn air an t-seachdamh latha dhen Iuchar, naoi ceud deug, trithead ʼs a naoi (1939) airson a dhol don Ghearmailt.

Bha na bu lugha na mìos ann mus tòisicheadh an cogadh. Bhiodh na Breatannaich amharasach gun robh e a’ taobhadh leis na Natsaich. Bhiodh na Gearmailtich dhen bheachd, ʼs dòcha, gun robh e na bhrathadair Breatannach.

Seachdain an dèidh toiseach a’ chogaidh, chuir na Gearmailtich don phrìosan e. Cha robh e ann fada, ge-tà. An dèidh beagan mhìosan, fhuair e cothrom stèisean craolaidh propaganda a thòiseachadh fo sgèith Ministreachd a’ Phropaganda aig Joseph Goebbels. Ruith Radio Caledonia eadar an t-Ògmhios naoi ceud deug is ceathrad (1940) agus an Lùnastal naoi ceud deug, ceathrad ʼs a dhà (1942).

Bha na prògraman dìreach deich mionaidean a dh’fhaid. Bha na sgrìobtaichean air an sgrìobhadh ʼs air an lìbhrigeadh le Dòmhnall Grannd le taic bho fheadhainn eile. ʼS e Dòmhnall Palmer no Jock Palmer a bha Dòmhnall a’ gabhail air fhèin. Bha e a’ cumail a-mach gun robh e a’ craoladh às Alba, seach à Berlin. Ach, aig amannan, cha robh an siognal ach truagh. Chan eil fios cia mheud duine a bhiodh ag èisteachd ris.

Bha Radio Caledonia ag amas air muinntir na h-Alba agus muinntir Shasainn a chur an ugannan a chèile. Bha an Granndach a’ brosnachadh muinntir na h-Alba sìth fa leth a dhèanamh le Hitler. Thuirt e gur iad na Sasannaich a bu choireach ris an droch shuidheachadh anns an robh Alba. Nuair nach do dh’obraich sin, dh’fheuch e ri sgaradh a dhèanamh eadar Glaschu is Dùn Èideann!

Anns a’ Chèitean naoi ceud deug, ceathrad ʼs a h-aon (1941), thachair fear de na gnothaichean a b’ annasaiche anns an Dàrna Cogadh. Thàinig an dàrna fear a bu chumhachdaiche ann an Riaghaltas na Gearmailt – Rudolf Hess – a dh’Alba leis fhèin ann an itealan.

Dè bh’ aig Dòmhnall Grannd ri aithris mu dheidhinn a’ ghnothaich? Uill, cha robh dad. Chaidh Radio Caledonia far an èadhair aig an àm sin, ag ràdh gun robh an t-uidheam-craolaidh aca feumach air càradh. Aidh, ceart, mar a thuirt am fear eile!

Ann an naoi ceud deug, ceathrad ʼs a dhà (1942) bha Dòmhnall dhen bheachd nach robh na craolaidhean aige gu feum agus dh’iarr e air na h-ùghdarrasan Natsach leigeil leis sguir dhen obair aige. Dh’aontaich iad agus, airson a’ chòrr dhen chogadh, bha e ag obair ann an tasglann co-cheangailte ri craoladh phropaganda.

An dèidh a’ chogaidh, dh’fhalbh Dòmhnall à fianais airson bliadhna. Bha e air a chur an grèim anns a’ Ghearmailt anns an Dàmhair naoi ceud deug, ceathrad ʼs a sia (1946) agus fhuair e sia mìosan sa phrìosan. Bha sin eucoltach ris a’ Mhorair Haw-Haw, Uilleam Joyce, a fhuair bàs air a’ chroich.

Fhad ʼs as fiosrach leam, chaidh Dòmhnall Grannd air ais a dh’Alanais nuair a fhuair e a-mach às a’ phrìosan. Ach bu shuarach an fhàilte a fhuair e agus dh’fhalbh e a Lunnainn. Chaidh e a dh’fhuireach ann an Afraga a Deas nuair a bha an dùthaich sin a’ tighinn fo apartheid. Thathar a’ smaoineachadh gun do thill e a Lunnainn agus gun do chaochail e an sin anns na h-ochdadan.

Faclan na Litreach: : Dòmhnall Grannd: Donald Grant; tasglann: archive; Afraga a Deas: South Africa.

Abairtean na Litreach: a bhuineadh do dh’Alanais: who belonged to Alness; a bha na chraoladair Natsach: who was a Nazi broadcaster; air an t-seachdamh latha dhen Iuchar: on the 7th of July; bha na bu lugha na mìos ann mus tòisicheadh an cogadh: there was less than a month before the war began [would begin]; gun robh e na bhrathadair Breatannach: that he was a British spy; fhuair e cothrom stèisean craolaidh propaganda a thòiseachadh: he got an opportunity to begin a propaganda broadcasting station; fo sgèith Ministreachd a’ Phropaganda: under the auspices of the Propaganda Ministry; bha na sgrìobtaichean air an sgrìobhadh ʼs air an lìbhrigeadh: the scripts were written and delivered [broadcast]; ʼS e Dòmhnall Palmer a bha Dòmhnall a’ gabhail air fhèin: Donald was calling himself Donald Palmer; cha robh an siognal ach truagh: the signal was only poor; gur iad na Sasannaich a bu choireach ris an droch shuidheachadh: that the English were responsible for the bad situation; dh’fheuch ri sgaradh a dhèanamh eadar Glaschu is Dùn Èideann: he tried to set Glasgow and Edinburgh at odds; fear de na gnothaichean a b’ annasaiche: one of the most unusual matters; far an èadhair: off air; gun robh an t-uidheam-craolaidh aca feumach air càradh: that their broadcasting equipment was needing fixed; leigeil leis sguir dhen obair aige:to allow him to stop his work; dh’fhalbh Dòmhnall à fianais:Donald disappeared; a fhuair bàs air a’ chroich: who was hanged [who died on the gibbet]; bu shuarach an fhàilte a fhuair e: the welcome he got was poor.

Puing-chànain na Litreach: Aidh, ceart, mar a thuirt am fear eile : Aye, right, as the other guy said . This is the Gaelic equivalent to the Scots double negative ‘Aye, right’. The ‘fear eile’ or sometimes ‘bodach eile’ is often used in this Gaelic expression, which doesn’t really have a direct English equivalent.

Gnàthas-cainnt na Litreach: ag amas air muinntir na h-Alba agus muinntir Shasainn a chur an ugannan a chèile: aiming to set the people of Scotland and the people of England at loggerheads with each other.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 651

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean