FaclairDictionary EnglishGàidhlig

135: How Boban Saor's son found a wife 135: Mar a Fhuair Mac Bhoban Saor a Bhean

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Mar a Fhuair Mac Bhoban Saor a Bhean

Gaelic Gàidhlig

Tha stòiridh eile agam dhuibh an t-seachdain seo. A-rithist tha e mu Bhoban Saor. ’S e ainm an stòiridh seo Mar a Fhuair Mac Bhoban Saor a Bhean.

Bha Boban Saor ag iarraidh air a’ ghille aige pòsadh. Chuir e an gille don fhèill chaorach. Bha dà chaora aige. Bha e a’ dol a reic nan caorach. “Can ri daoine,” thuirt athair ris, “gu bheil thu a’ coimhead airson cuideigin a bhios a’ ceannach nan caorach. Bidh e a’ pàigheadh airson pàirt dhiubh. Ach bidh e a’ toirt nan caorach air ais dhut a-màireach.”

Chaidh an gille don fhèill. Dh’fhaighnich daoine, “A bheil thu a’ reic nan caorach?”

“Tha,” ars esan.

“Dè tha thu ag iarraidh orra?”

“Tha a leithid seo de phrìs,” thuirt e. “Feumaidh sibh pàirt de na caoraich a cheannach. Ach feumaidh sibh na caoraich a thoirt air ais dhomh a-màireach.”

Uill, cha do cheannaich duine na caoraich. Dh’fheuch an gille fad an latha. “Dè tha thu ag iarraidh orra?” bha iad a’ faighneachd.

“Tha a leithid seo de phrìs,” thuirt e. “Feumaidh sibh pàirt de na caoraich a cheannach. Ach feumaidh sibh na caoraich a thoirt air ais dhomh a-màireach.”

Thàinig an fhèill gu crìch. Bha na caoraich aig a’ ghille fhathast. Thòisich e air an rathad dhachaigh. Bha e a’ dol seachad air taigh. Thàinig boireannach òg a-mach.

“Cha chreid mi,” ars ise, “gun do reic thu na caoraich agad.”

“Cha do reic,” thuirt an gille. Agus dh’innis e don bhoireannach mar a thachair.

“Ceannaichidh mise pàirt de na caoraich,” ars am boireannach. “Cuir iad don chrò ud. Thig a-steach ’s gum faigh thu do bhiadh.”

“Glè mhath, ma-thà,” fhreagair an gille. Chuir e na caoraich don chrò. Chaidh e a-steach. Ghabh e a bhiadh. Cheannaich am boireannach pàirt de na caoraich. Thug i an t-airgead dha. Dh’iarr i air fuireach airson na h-oidhche. Fhad ’s a bha e na chadal, chaidh i a-mach don chrò. Rùisg i na caoraich. Chùm ise a’ chlòimh – pàirt de na caoraich, ceart gu leòr.

Anns a’ mhadainn chaidh an gille dhachaigh leis na caoraich. Dh’innis e do athair mar a thachair.

Bha am bodach toilichte. “Thalla gu taigh a’ bhoireannaich. Thoir tairgse pòsaidh dhi.”

Chaidh mac Bhoban Saor gu taigh a’ bhoireannaich. Thug e tairgse pòsaidh dhi. Bha i deònach gu leòr a ghabhail. Agus sin mar a fhuair mac Bhoban Saor a bhean.

Faclan is abairtean: Mar a Fhuair Mac Bhoban Saor a Bhean: how Boban Saor’s son got his wife; bha Boban Saor ag iarraidh air a’ ghille aige pòsadh:Boban Saor was wanting his son to marry; don fhèill chaorach: to the sheep sales; a’ dol a reic nan caorach: going to sell the sheep; a’ coimhead airson cuideigin a bhios a’ ceannach nan caorach: looking for somebody who will buy the sheep; airson pàirt dhiubh: for part of them; bidh e a’ toirt nan caorach air ais dhut a-màireach:he will be giving you the sheep back tomorrow; dè tha thu ag iarraidh orra?: what do you want for [on] them?; a leithid seo de phrìs:this particular price [the storyteller doesn’t name the actual price]; feumaidh sibh pàirt de na caoraich a cheannach: you must buy part of the sheep; dh’fheuch an gille fad an latha: the lad tried all day; gu crìch: to [its] end; cha chreid mi,” ars ise, “gun do reic thu na caoraich agad”: “I don’t think,” she said, “that you sold your sheep”; dh’innis e don bhoireannach mar a thachair: he told the woman what had happened; ceannaichidh mise: I will buy; don chrò ud: into that animal pen; thig a-steach ’s gum faigh thu do bhiadh: come in and get some [your] food; fhad ’s a bha e na chadal: while he was asleep; rùisg i: she sheared; chùm ise a’ chlòimh: she kept the wool; thalla gu taigh a’ bhoireannaich: go to the woman’s house; thoir tairgse pòsaidh dhi: make [give] her a proposal of marriage; deònach gu leòr a ghabhail: willing enough to accept it.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 439

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile