FaclairDictionary EnglishGàidhlig

642: Cladh Cille Choirill (2) 642: Cladh Cille Choirill (2)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Cladh Cille Choirill (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi a’ bruidhinn mu Chladh Cille Choirill ann am Bràigh Loch Abar. Tha dithis bhàrd ainmeil air an tiodhlacadh ann – Dòmhnall mac Fhionnla’ nan Dàn agus Iain Lom. Tha mi airson innse dhuibh mu Iain Lom an t-seachdain seo.

Rugadh e timcheall air sia ceud deug, fichead ʼs a ceithir (1624) agus chaochail e ann an seachd ceud deug ʼs a deich (1710) no mar sin. ʼS e bàrd a bha ann aig Dòmhnallaich na Ceapaich agus, mar sin, ʼs e ‘Bàrd na Ceapaich’ a tha air cuideachd.

Chan eil fios le cinnt càite a bheil uaigh Iain Luim. Ach chaidh carragh-cuimhne mòr a chur suas dha anns a’ chladh. Chan eil e suidhichte mar tha na clachan-uaighe eile. A rèir beul-aithris, bha Iain ag iarraidh laighe le aghaidh a dh’ionnsaigh a’ Choire Odhair. Tha sin anns na beanntan gu deas. Tha a’ chlach mar sin, agus a h-aghaidh a’ coimhead a dh’ionnsaigh a’ Choire Odhair.

Thug mi sùil air a’ chloich agus lorg mi sgrìobhadh aig a bonn. Mus inns mi dhuibh dè tha sgrìobhte oirre, feumaidh mi dà ainm-àite a thoirt dhuibh. Tha an t-àite car beannaichte, a rèir choltais. An cnoc air a bheil an cladh – ʼs e sin Tom an Aingil a rèir a’ mhapa. Ri a thaobh tha Druim Dòmhnaich. Cha chan mi guth air a’ chnoc gu tuath air a’ chladh – Tom a’ Chrochaire!

Feumaidh gun robh beachd ann nach e Tom an Aingil an t-ainm ceart air a’ chnoc ud, ach Dùn Aingeal ‘hill of angels’. Air a’ charragh-chuimhne, tha seo sgrìobhte: An so ʼn Dùn Aingeal am Bràigh Lochabair, tha Bàrd na Ceapaich gu trom na chadal. ʼS e Iain Lom MacDhòmhnaill b’ ainm da. Iain Lom ach theireadh cuid Iain Manntach. A bheil sibh eòlach air an fhacal ‘manntach’? Stammering. Iain Manntach – stammering John.

Agus carson as e ‘Lom’ a bha air Iain mar far-ainm? A rèir beul-aithris, ʼs e nach fhàsadh feusag air. Ach tha faclair Dwelly a’ toirt seo dhuinn mar chiall – ‘cutting, satirical’ – Iain Lom ‘cutting John’ . Bha e sin, le cinnt – mar a chluinneas sinn an-ath-sheachdain.

Cladh Cille Choirill (2)

English Beurla

I was speaking about Cladh Cille Choirill in the Braes of Lochaber. Two famous poets are buried there - Dòmhnall mac Fhionnla’ nan Dàn and Iain Lom. I want to tell you about Iain Lom this week.

He was born around 1624 and he died in 1710 or thereabouts. He was a bard of the MacDonalds of Keppoch and, thus, he is also called ‘The Keppoch Bard’.

The location of Iain Lom’s grave is not known with certainty. But a large memorial stone was erected for him in the graveyard. It’s not situated like the other gravestones. According to tradition, John wanted to lie with his face towards Corrour. That’s in the mountains to the south. The stone is like that, with its face looking towards Corrour.

I took a look at the stone and I found writing at its base. Before I tell you what is written on it, I must give you two place-names. The place is somewhat blessed, apparently. The hill on which the graveyard sits – that’s ‘the angel’s hillock’ according to the map. Beside it is ‘[the] Lord’s ridge’. I won’t mention the hill north of the graveyard – ‘the hangman’s hill’!

It must have been that there was an opinion that Tom an Aingil was not the correct name of that hill, but Dùn Aingeal ‘hill of angels’. On the memorial stone, there is this written: here in Dùn Aingeal in the Braes of Lochaber, the Keppoch Bard sleeps deeply. Iain Lom MacDonald was his name. Iain Lom but some would call him Iain Manntach. Do you know the word ‘manntach’? Stammering. Iain Manntach – stammering John.

And why is that John had the nickname ‘Lom’ [bare]? According to tradition its because a beard wouldn’t grow on him. But Dwelly’s dictionary gives us this as a meaning – ‘cutting, satirical’ – Iain Lom ‘cutting John’. He was certainly that, as we’ll hear next week.

Cladh Cille Choirill (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi a’ bruidhinn mu Chladh Cille Choirill ann am Bràigh Loch Abar. Tha dithis bhàrd ainmeil air an tiodhlacadh ann – Dòmhnall mac Fhionnla’ nan Dàn agus Iain Lom. Tha mi airson innse dhuibh mu Iain Lom an t-seachdain seo.

Rugadh e timcheall air sia ceud deug, fichead ʼs a ceithir (1624) agus chaochail e ann an seachd ceud deug ʼs a deich (1710) no mar sin. ʼS e bàrd a bha ann aig Dòmhnallaich na Ceapaich agus, mar sin, ʼs e ‘Bàrd na Ceapaich’ a tha air cuideachd.

Chan eil fios le cinnt càite a bheil uaigh Iain Luim. Ach chaidh carragh-cuimhne mòr a chur suas dha anns a’ chladh. Chan eil e suidhichte mar tha na clachan-uaighe eile. A rèir beul-aithris, bha Iain ag iarraidh laighe le aghaidh a dh’ionnsaigh a’ Choire Odhair. Tha sin anns na beanntan gu deas. Tha a’ chlach mar sin, agus a h-aghaidh a’ coimhead a dh’ionnsaigh a’ Choire Odhair.

Thug mi sùil air a’ chloich agus lorg mi sgrìobhadh aig a bonn. Mus inns mi dhuibh dè tha sgrìobhte oirre, feumaidh mi dà ainm-àite a thoirt dhuibh. Tha an t-àite car beannaichte, a rèir choltais. An cnoc air a bheil an cladh – ʼs e sin Tom an Aingil a rèir a’ mhapa. Ri a thaobh tha Druim Dòmhnaich. Cha chan mi guth air a’ chnoc gu tuath air a’ chladh – Tom a’ Chrochaire!

Feumaidh gun robh beachd ann nach e Tom an Aingil an t-ainm ceart air a’ chnoc ud, ach Dùn Aingeal ‘hill of angels’. Air a’ charragh-chuimhne, tha seo sgrìobhte: An so ʼn Dùn Aingeal am Bràigh Lochabair, tha Bàrd na Ceapaich gu trom na chadal. ʼS e Iain Lom MacDhòmhnaill b’ ainm da. Iain Lom ach theireadh cuid Iain Manntach. A bheil sibh eòlach air an fhacal ‘manntach’? Stammering. Iain Manntach – stammering John.

Agus carson as e ‘Lom’ a bha air Iain mar far-ainm? A rèir beul-aithris, ʼs e nach fhàsadh feusag air. Ach tha faclair Dwelly a’ toirt seo dhuinn mar chiall – ‘cutting, satirical’ – Iain Lom ‘cutting John’ . Bha e sin, le cinnt – mar a chluinneas sinn an-ath-sheachdain.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 946

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile