FaclairDictionary EnglishGàidhlig

720: William Speirs Bruce (1) 720: Uilleam Speirs Bruce (1)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Uilleam Speirs Bruce (1)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mun charbad Albannach – a’ chiad fhear anns an Antartaig. An t-seachdain seo tha mi airson innse dhuibh mu fhear Albannach a bha an sàs ann an rannsachadh na h-Antartaig. B’ esan Uilleam Speirs Brus. Tha eachdraidh gu math inntinneach.

Bha athair Bhruis na Albannach. Ach rugadh is thogadh Uilleam ann an Sasainn. Aig aois fichead, ann an ochd ceud deug, ochdad ʼs a seachd (1887), chaidh e a dh’Alba. Rinn e cùrsaichean foghlaim ann an saidheans nàdarrach. Agus dh’fhuirich e ann an Alba. Bha ùidh mhòr aige ann an saidheans na mara.

Ann an ochd ceud deug, naochad ʼs a dhà (1892), chaidh e don Chuan a Deas. Bha e ann an cabhlach a dh’fhàg Dùn Dè. Rinn iad rannsachadh air sealg nam mucan-mara. Cha do lorg iad mucan-mara gu leòr. Ach chòrd an t-àite gu mòr ri Brus.

Chaidh e an uair sin gu Franz Josef Land anns an Artaig, far an d’ fhuair e eòlas air an rannsaiche phòlach Nirribheach, Fridtjof Nansen. An dèidh sin, bha e air ais ann an Dùn Èideann. Leig e seachad cothrom a dhol don Antartaig cuide ri Raibeart Scott. Bha dà adhbhar aige. Bha e airson a bhith os cionn buidheann e fhèin. Agus cha robh ùidh sam bith aige ann a bhith a’ faighinn chun a’ Phòla a Deas. ʼS e rannsachadh saidheansail a bha fa-near dha.

Phòs e tè Seasaidh NicCoinnich. Tha e coltach gun robh a’ bhanais ann an Ros an Ear. Chaidh iad a dh’fhuireach ann an Joppa, faisg air Dùn Èideann.

Dhiùlt Comann Rìoghail a’ Chruinn-eòlais taic airgid do Bhrus airson triall Antartaigeach. Mar sin, thog e airgead dha fhèin, ann an Alba. Thàinig tòrr dheth bho na bràithrean Coats, aig an robh gnìomhachas cotain.

Cheannaich iad long Nirribheach agus rinn iad obair oirre. Chuir iad ainm ùr oirre – an Scotia. Bha an gnothach uile-gu-lèir Albannach. B’ e ainm oifigeil an triall The Scottish National Antarctic Expedition.

Dh’fhàg iad An t-Sròn san t-Samhain, naoi ceud deug ʼs a dhà (1902). Innsidh mi dhuibh mar a chaidh dhaibh an-ath-sheachdain.

William Speirs Bruce (1)

English Beurla

I was telling you about the Scottish vehicle – the first one in Antarctica. This week I want to tell you about a Scottish man who was involved in Antarctic exploration. His name was William Speirs Bruce. His story is very interesting.

Bruce’s father was a Scot. But William was born and raised in England. At the age of twenty, in 1887, he went to Scotland. He did educational courses in natural science. And he stayed in Scotland. He was highly interested in oceanography.

In 1892, he went to the Southern Ocean. He was in a fleet that left Dundee. They researched whaling. They didn’t find enough whales. But Bruce really enjoyed the place.

He then went to Franz Josef Land in the Arctic, where he got to know the Norwegian polar explorer, Fridtjof Nansen. After that, he was back in Edinburgh. He declined the opportunity to go to the Antarctic along with Robert Scott. He had two reasons. He want to be in charge of a group himself. And he had no interest in getting to the South Pole. He was focused on scientific research.

He married a woman, Jessie Mackenzie. It appears that the wedding was in Easter Ross. They went to live in Joppa, near Edinburgh.

The Royal Geographical Society refused Bruce financial aid for an Antarctic expedition. Thus, he raised money himself, in Scotland. Much of it came from the Coats brothers, who had a cotton industry.

They bought a Norwegian ship and did work on her. They gave her a new name – the Scotia. The whole thing was Scottish. The expedition’s official name was The Scottish National Antarctic Expedition.

They left Troon in November 1902. I’ll tell you how they got on next week.

Uilleam Speirs Bruce (1)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mun charbad Albannach – a’ chiad fhear anns an Antartaig. An t-seachdain seo tha mi airson innse dhuibh mu fhear Albannach a bha an sàs ann an rannsachadh na h-Antartaig. B’ esan Uilleam Speirs Brus. Tha eachdraidh gu math inntinneach.

Bha athair Bhruis na Albannach. Ach rugadh is thogadh Uilleam ann an Sasainn. Aig aois fichead, ann an ochd ceud deug, ochdad ʼs a seachd (1887), chaidh e a dh’Alba. Rinn e cùrsaichean foghlaim ann an saidheans nàdarrach. Agus dh’fhuirich e ann an Alba. Bha ùidh mhòr aige ann an saidheans na mara.

Ann an ochd ceud deug, naochad ʼs a dhà (1892), chaidh e don Chuan a Deas. Bha e ann an cabhlach a dh’fhàg Dùn Dè. Rinn iad rannsachadh air sealg nam mucan-mara. Cha do lorg iad mucan-mara gu leòr. Ach chòrd an t-àite gu mòr ri Brus.

Chaidh e an uair sin gu Franz Josef Land anns an Artaig, far an d’ fhuair e eòlas air an rannsaiche phòlach Nirribheach, Fridtjof Nansen. An dèidh sin, bha e air ais ann an Dùn Èideann. Leig e seachad cothrom a dhol don Antartaig cuide ri Raibeart Scott. Bha dà adhbhar aige. Bha e airson a bhith os cionn buidheann e fhèin. Agus cha robh ùidh sam bith aige ann a bhith a’ faighinn chun a’ Phòla a Deas. ʼS e rannsachadh saidheansail a bha fa-near dha.

Phòs e tè Seasaidh NicCoinnich. Tha e coltach gun robh a’ bhanais ann an Ros an Ear. Chaidh iad a dh’fhuireach ann an Joppa, faisg air Dùn Èideann.

Dhiùlt Comann Rìoghail a’ Chruinn-eòlais taic airgid do Bhrus airson triall Antartaigeach. Mar sin, thog e airgead dha fhèin, ann an Alba. Thàinig tòrr dheth bho na bràithrean Coats, aig an robh gnìomhachas cotain.

Cheannaich iad long Nirribheach agus rinn iad obair oirre. Chuir iad ainm ùr oirre – an Scotia. Bha an gnothach uile-gu-lèir Albannach. B’ e ainm oifigeil an triall The Scottish National Antarctic Expedition.

Dh’fhàg iad An t-Sròn san t-Samhain, naoi ceud deug ʼs a dhà (1902). Innsidh mi dhuibh mar a chaidh dhaibh an-ath-sheachdain.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1024

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile