FaclairDictionary EnglishGàidhlig

725: A’ Chuthag ann an Hiort 725: The Cuckoo in St Kilda

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

The Cuckoo in St Kilda

Gaelic Gàidhlig

Bha mi a’ bruidhinn an t-seachdain sa chaidh mun chuthaig. Bidh i a’ tighinn a dh’Alba gach bliadhna. Ach, anns an t-seann aimsir, cha robh i a’ dol gu Hiort ro thric, co-dhiù a rèir an Sgitheanaich, Màrtainn MacIlleMhàrtainn. Tha cunntas aige dhen chuthaig ann an Hiort anns an leabhar aige A Late Voyage to St Kilda. Bha e ann o chionn còrr is trì cheud bliadhna.

‘ʼS ann ainneamh a bhios a’ chuthag ri a faicinn an seo,’ sgrìobh MacIlleMhàrtainn. ‘Agus sin ann an co-cheangal ri tachartasan àraidh, mar eisimpleir bàs an uachdarain, MacLeòid [Dhùn Bheagain], no nuair a nochdas coigreach cliùmhor.’ Rinn MacIlleMhàrtainn gàire nuair a chuala e am beul-aithris sin. Thuirt e ri muinntir an àite gun robh e gun reusan. Ach dhearbh bàillidh an eilein gun robh am fiosrachadh aca ceart. Ri a linn fhèin agus ri linn athar, thuirt e, chunnaic muinntir an eilein a’ chuthag an dèidh bàs na dithis uachdaran mu dheireadh, agus goirid mus do nochd coigrich ann an Hiort.

Bidh ceist agaibh, tha fhios. An do nochd a’ chuthag ann an Hiort goirid mus do nochd MacIlleMhàrtainn fhèin ann?! Uill, nochd, a rèir muinntir an àite. Bha na Hiortaich deimhinne gur e Màrtainn fhèin a bu choireach ris. Bha ministear còmhla ris, ach bha esan ann an Hiort roimhe. Mar sin, chan e coigreach a bha ann.

Tha beul-aithris anns an Eilean Sgitheanach a tha a’ cur ris an sgeul seo. Bhathar ag ràdh, nuair a bha sluagh ann an Hiort, gun robh rudeigin annasach a’ tachairt gach turas a bha ceann-cinnidh nan Leòdach a’ faighinn bàs. Nan tachradh e as t-samhradh, bhiodh na cuthagan gu lèir timcheall Caisteal Dhùn Bheagain a’ teicheadh. Bha iad a’ falbh a Hiort.

Chaidh iad ann airson innse do mhuinntir Hiort gun robh an uachdaran marbh. Thathar ag ràdh, bliadhna a bha seo, gun deach bàta à Dùn Bheagain a Hiort airson innse do na daoine gun robh an ceann-cinnidh marbh. Ach, nuair a ràinig na Sgitheanaich an t-eilean, bha na Hiortaich a’ caoidh a bhàis mu-thràth. Bha fios aca mu dheidhinn. Bha na cuthagan air innse dhaibh!

A’ Chuthag ann an Hiort

English Beurla

I was speaking last week about the cuckoo. She comes to Scotland every year. But, in olden times, she wasn’t going to St Kilda too often, at least according to the Skyeman, Martin Martin. He has an account of the cuckoo on St Kilda in his book A Late Voyage to St Kilda . He was there more than three hundred years ago.

‘The cuckoo is rarely seen here,’ wrote Martin. ‘And that upon extraordinary occasions, such as the death of the proprietor MacLeod [of MacLeod], or the arrival of some notable stranger.’ Martin laughed when he heard that oral tradition. He told the local people it was without reason. But the island’s steward confirmed that their information was correct. In his own day and his father’s, he said, the people of the island saw the cuckoo after the death of the two last landlords, and shortly before a stranger arrived in St Kilda.

You’ll have a question, I’m sure. Did the cuckoo appear in St Kilda shortly before Martin himself appeared there?! Well, yes, according to the local people. The St Kildans were certain that Martin himself was responsible for it. There was a minister with him, but he was in St Kilda before. Thus, he was not a stranger.

There is oral tradition on Skye that adds to this story. It was said, when there was a population on St Kilda, that something strange was happening every time a MacLeod clan chief died. If it happened in summer, all of the cuckoos around Dunvegan Castle were fleeing. They were going to St Kilda.

They went there to tell the people of St Kilda that their landlord was dead. It is said, one particular year, that a boat went from Dunvegan to St Kilda to tell the people that their clan chief was dead. But, when the Skyemen reached the island, the St Kildans were already lamenting his death. They knew about it. The cuckoos had told them!

The Cuckoo in St Kilda

Gaelic Gàidhlig

Bha mi a’ bruidhinn an t-seachdain sa chaidh mun chuthaig. Bidh i a’ tighinn a dh’Alba gach bliadhna. Ach, anns an t-seann aimsir, cha robh i a’ dol gu Hiort ro thric, co-dhiù a rèir an Sgitheanaich, Màrtainn MacIlleMhàrtainn. Tha cunntas aige dhen chuthaig ann an Hiort anns an leabhar aige A Late Voyage to St Kilda. Bha e ann o chionn còrr is trì cheud bliadhna.

‘ʼS ann ainneamh a bhios a’ chuthag ri a faicinn an seo,’ sgrìobh MacIlleMhàrtainn. ‘Agus sin ann an co-cheangal ri tachartasan àraidh, mar eisimpleir bàs an uachdarain, MacLeòid [Dhùn Bheagain], no nuair a nochdas coigreach cliùmhor.’ Rinn MacIlleMhàrtainn gàire nuair a chuala e am beul-aithris sin. Thuirt e ri muinntir an àite gun robh e gun reusan. Ach dhearbh bàillidh an eilein gun robh am fiosrachadh aca ceart. Ri a linn fhèin agus ri linn athar, thuirt e, chunnaic muinntir an eilein a’ chuthag an dèidh bàs na dithis uachdaran mu dheireadh, agus goirid mus do nochd coigrich ann an Hiort.

Bidh ceist agaibh, tha fhios. An do nochd a’ chuthag ann an Hiort goirid mus do nochd MacIlleMhàrtainn fhèin ann?! Uill, nochd, a rèir muinntir an àite. Bha na Hiortaich deimhinne gur e Màrtainn fhèin a bu choireach ris. Bha ministear còmhla ris, ach bha esan ann an Hiort roimhe. Mar sin, chan e coigreach a bha ann.

Tha beul-aithris anns an Eilean Sgitheanach a tha a’ cur ris an sgeul seo. Bhathar ag ràdh, nuair a bha sluagh ann an Hiort, gun robh rudeigin annasach a’ tachairt gach turas a bha ceann-cinnidh nan Leòdach a’ faighinn bàs. Nan tachradh e as t-samhradh, bhiodh na cuthagan gu lèir timcheall Caisteal Dhùn Bheagain a’ teicheadh. Bha iad a’ falbh a Hiort.

Chaidh iad ann airson innse do mhuinntir Hiort gun robh an uachdaran marbh. Thathar ag ràdh, bliadhna a bha seo, gun deach bàta à Dùn Bheagain a Hiort airson innse do na daoine gun robh an ceann-cinnidh marbh. Ach, nuair a ràinig na Sgitheanaich an t-eilean, bha na Hiortaich a’ caoidh a bhàis mu-thràth. Bha fios aca mu dheidhinn. Bha na cuthagan air innse dhaibh!

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1029

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile