FaclairDictionary EnglishGàidhlig

766: The direction of the wind 766: Àird na gaoithe

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Àird na gaoithe

Gaelic Gàidhlig

Ann an Alba, tha sinn a’ fuireach ann an dùthaich ghaothach. Tha seanfhaclan gu leòr againn co-cheangailte ris a’ ghaoith. Seo agaibh fear: Cha do shèid gaoth riamh nach robh an seòl cuideigin. Às bith dè an àird às an tig a’ ghaoth, gheibh cuideigin buannachd aiste – mura h-eil i ro làidir, co-dhiù. Tha an seanfhacal cuideachd a’ buntainn ri mac an duine. Às bith dè cho dona ʼs a tha suidheachadh do chuid, bidh feadhainn a’ faighinn buannachd às. Cha do shèid gaoth riamh nach robh an seòl cuideigin.

Seo agaibh abairt eile co-cheangailte ri àird na gaoithe. Gaoth an iar gun fhras, bidh i ag iarraidh gu deas. Ma tha i tioram, agus a’ ghaoth on àird an iar, bidh a’ ghaoth gu tric a’ dol tuathal. Bidh i a’ gluasad an aghaidh gluasad na grèine.

Seo dà abairt eile mu ghluasad na gaoithe. A’ ghaoth ag atharrachadh leis a’ ghrèin. Nuair a bhios a’ ghaoth ag atharrachadh gu deiseil, le gluasad na grèine, bidh an aimsir a’ fàs nas fheàrr. Calg-dhìreach an aghaidh sin tha A’ ghaoth ag atharrachadh an aghaidh na grèine. Le sin, bidh an aimsir a’ fàs nas miosa. Tha an dà abairt seo ’s dòcha a’ buntainn ri gluasad deiseil is tuathal na gaoithe ann an siostaman bruthadh-àrd is bruthadh-ìosal anns an Leth-chruinne mu Thuath.

Agus seo agaibh rann a bheir comhairle do luchd-siubhail air bàtaichean-aiseig an taoibh an iar. Tha e a-mach air na làithean as fheàrr airson seòladh, a rèir àird na gaoithe agus cho fada ’s a tha i air a bhith a’ sèideadh:

A’ chiad latha dhen ghaoith a deas,

An treas latha dhen ghaoith a tuath,

An dàrna latha dhen ghaoith an iar

’S a’ ghaoth an ear gach ial ’s gach uair.

Ma cheannaicheas sibh tiogaid aiseig aig a’ mhionaid mu dheireadh, ’s dòcha gum bi a’ chomhairle sin feumail dhut! Seo an rann a-rithist:

A’ chiad latha dhen ghaoith a deas,

An treas latha dhen ghaoith a tuath,

An dàrna latha dhen ghaoith an iar

’S a’ ghaoth an ear gach ial ’s gach uair.

The direction of the wind

English Beurla

In Scotland, we live in a windy country. We have many proverbs connected to the wind. Here is one: No wind ever blew that didn’t fill someone’s sails. Whatever the direction of the wind, somebody will benefit from it – as long as it isn’t too strong, at least. The proverb also refers to humans. However bad a situation is for some, others will benefit from it. No wind ever blew that didn’t fill someone’s sails.

Here is another saying connected to the direction of the wind. A west wind without a shower, it wants to turn (to the) south. If it’s dry, with a west wind, the wind often turns anti-clockwise. It moves against the movement of the sun.

Here are two other sayings about the movement of the wind. The wind changing with the sun. When the wind moves clockwise, with the movement of the sun, the weather improves. Directly against that is The wind changing against the sun. With that, the weather deteriorates. These two sayings are perhaps connected to the sunwise and anti-sunwise movement of the wind in high-pressure and low-pressure systems in the Northern Hemisphere.

And here is a rhyme that gives advice to travellers on west coast ferries. It concerns the best days for sailing, according to the wind direction and how long it has been blowing:

The first day of the south wind,

The third day of the north wind,

The second day of the west wind

And the east wind at all times.

If you buy a ferry ticket at the last minute, perhaps that advice will be useful to you! Here is the rhyme again:

The first day of the south wind,

The third day of the north wind,

The second day of the west wind

And the east wind at all times.

Àird na gaoithe

Gaelic Gàidhlig

Ann an Alba, tha sinn a’ fuireach ann an dùthaich ghaothach. Tha seanfhaclan gu leòr againn co-cheangailte ris a’ ghaoith. Seo agaibh fear: Cha do shèid gaoth riamh nach robh an seòl cuideigin. Às bith dè an àird às an tig a’ ghaoth, gheibh cuideigin buannachd aiste – mura h-eil i ro làidir, co-dhiù. Tha an seanfhacal cuideachd a’ buntainn ri mac an duine. Às bith dè cho dona ʼs a tha suidheachadh do chuid, bidh feadhainn a’ faighinn buannachd às. Cha do shèid gaoth riamh nach robh an seòl cuideigin.

Seo agaibh abairt eile co-cheangailte ri àird na gaoithe. Gaoth an iar gun fhras, bidh i ag iarraidh gu deas. Ma tha i tioram, agus a’ ghaoth on àird an iar, bidh a’ ghaoth gu tric a’ dol tuathal. Bidh i a’ gluasad an aghaidh gluasad na grèine.

Seo dà abairt eile mu ghluasad na gaoithe. A’ ghaoth ag atharrachadh leis a’ ghrèin. Nuair a bhios a’ ghaoth ag atharrachadh gu deiseil, le gluasad na grèine, bidh an aimsir a’ fàs nas fheàrr. Calg-dhìreach an aghaidh sin tha A’ ghaoth ag atharrachadh an aghaidh na grèine. Le sin, bidh an aimsir a’ fàs nas miosa. Tha an dà abairt seo ’s dòcha a’ buntainn ri gluasad deiseil is tuathal na gaoithe ann an siostaman bruthadh-àrd is bruthadh-ìosal anns an Leth-chruinne mu Thuath.

Agus seo agaibh rann a bheir comhairle do luchd-siubhail air bàtaichean-aiseig an taoibh an iar. Tha e a-mach air na làithean as fheàrr airson seòladh, a rèir àird na gaoithe agus cho fada ’s a tha i air a bhith a’ sèideadh:

A’ chiad latha dhen ghaoith a deas,

An treas latha dhen ghaoith a tuath,

An dàrna latha dhen ghaoith an iar

’S a’ ghaoth an ear gach ial ’s gach uair.

Ma cheannaicheas sibh tiogaid aiseig aig a’ mhionaid mu dheireadh, ’s dòcha gum bi a’ chomhairle sin feumail dhut! Seo an rann a-rithist:

A’ chiad latha dhen ghaoith a deas,

An treas latha dhen ghaoith a tuath,

An dàrna latha dhen ghaoith an iar

’S a’ ghaoth an ear gach ial ’s gach uair.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1070

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile