FaclairDictionary EnglishGàidhlig

852: The Present from Above 852: An Tiodhlac bho gu h-Àrd

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

An Tiodhlac bho gu h-Àrd

Gaelic Gàidhlig

Anns a’ bhliadhna seachd ceud deug ’s a còig-deug (1715), thòisich na Seumasaich ar-a-mach. Ann an Srath Àrdail ann an Siorrachd Pheairt, thogadh a’ bhratach ann an Cill Mhìcheil. Bha na ceudan an làthair.

Bha gaoth làidir ann. Bha ball òir air mullach a’ bhrat-chrainn. Agus thuit e gu làr leis a’ ghaoith. Bha cuid dhen bheachd gur e droch chomharra a bha ann.

Ach cha robh Tighearna Eas an Tulaich ag aontachadh. ‘Coma leibh sin,’ thuirt e. ‘Cha tàinig ach rud math riamh bho gu h-àrd.’ Is cinnteach gun robh e a’ smaoineachadh air Dia agus Nèamh.

Chuimhnich feadhainn an abairt sin. Thàinig i am bàrr a-rithist ann an ochd ceud deug, fichead ’s a sia (1826). Anns a’ bhliadhna sin, bha an aimsir cianail fuar. Bha sneachd na laighe fad a’ gheamhraidh. Bha na daoine bochda a’ fulang. Agus cha robh fàs math ann as t-samhradh. Bha cuimhne aig daoine air a’ bhliadhna sin mar ‘Bliadhna a’ Bhàrr Ghoirid’.

Bha fear a bha seo ann an Srath Àrdail. ’S e duine onarach a bha ann. Bha teaghlach òg aige. Bha an t-acras orra fad na h-ùine.

Bha tuathanach beartach a’ fuireach an ath dhoras. Bha slochd aige a bha làn bhuntàta. Ach cha robh e deònach na buntàta a reic. Bha e a’ feitheamh gus am biodh prìs na b’ fheàrr orra.

Chunnaic cuid mar a bha an teaghlach seo a’ fulang. Bha iad airson gnothaichean a chur ceart. Air an oidhche, chaidh iad gu slochd an tuathanaich. Lìon iad pocannan le buntàta. Chaidh iad gu taigh an teaghlaich bhochd.

Cha robh iad airson ’s gum biodh fios aig an teaghlach cò às a thàinig am biadh. Bha an taigh ìosal, le mullach tughaidh. Chaidh na daoine air a’ mhullach. Thug iad sùil sìos an t-similear. Cha robh teine ann. Bha an teaghlach air an glùinean, ag ùrnaigh airson biadh. Dhòirt na daoine na ceudan bhuntàta sìos an t-similear.

‘Uill,’ thuirt fear an taighe, ‘is fìor na thuirt Tighearna Eas an Tulaich latha togail na brataich – nach tàinig droch rud riamh bho gu h-àrd!’

The Present from Above

English Beurla

In the year 1715, the Jacobites started a rebellion. In Strathardle in Perthshire, the banner was raised at Kirkmichael. Hundreds of people were present.

There was a strong wind. There was a golden ball on the top of the flagpole. And it fell to the ground with the wind. Some people were of the opinion that that was a bad omen.

But the Laird of Ashintully did not agree. ‘Disregard that,’ he said. ‘Nothing but good things ever came from above.’ It’s certain that he was thinking of God and Heaven.

Some people remembered that saying. It appeared again in 1826. In that year, the weather was extremely cold. Snow was lying all winter long. The poor people were suffering. And there was no good growth in summer. People were remembering that year as ‘the year of the short corn’.

There was a certain man in Strathardle. He was an honest man. He had a young family. They were always hungry.

There was a wealthy farmer living next door. He had a pit full of potatoes. But he wasn’t willing to sell the potatoes. He was waiting until they would command a higher price.

Some people saw how this family was suffering. They wanted to put matters right. At night, they went to the farmer’s pit. They filled sacks with potatoes. They went to the house of the poor family.

They didn’t want the family to know where the food came from. The house was low, with a thatched roof. The men went on the roof. They looked down the chimney. There was no fire. The family were on their knees, praying for food. The men poured hundreds of potatoes down the chimney.

‘Well,’ said the man of the house, ‘it’s true what the Laird of Ashintully said on the day of the banner-raising – that a bad thing never came from above!’

An Tiodhlac bho gu h-Àrd

Gaelic Gàidhlig

Anns a’ bhliadhna seachd ceud deug ’s a còig-deug (1715), thòisich na Seumasaich ar-a-mach. Ann an Srath Àrdail ann an Siorrachd Pheairt, thogadh a’ bhratach ann an Cill Mhìcheil. Bha na ceudan an làthair.

Bha gaoth làidir ann. Bha ball òir air mullach a’ bhrat-chrainn. Agus thuit e gu làr leis a’ ghaoith. Bha cuid dhen bheachd gur e droch chomharra a bha ann.

Ach cha robh Tighearna Eas an Tulaich ag aontachadh. ‘Coma leibh sin,’ thuirt e. ‘Cha tàinig ach rud math riamh bho gu h-àrd.’ Is cinnteach gun robh e a’ smaoineachadh air Dia agus Nèamh.

Chuimhnich feadhainn an abairt sin. Thàinig i am bàrr a-rithist ann an ochd ceud deug, fichead ’s a sia (1826). Anns a’ bhliadhna sin, bha an aimsir cianail fuar. Bha sneachd na laighe fad a’ gheamhraidh. Bha na daoine bochda a’ fulang. Agus cha robh fàs math ann as t-samhradh. Bha cuimhne aig daoine air a’ bhliadhna sin mar ‘Bliadhna a’ Bhàrr Ghoirid’.

Bha fear a bha seo ann an Srath Àrdail. ’S e duine onarach a bha ann. Bha teaghlach òg aige. Bha an t-acras orra fad na h-ùine.

Bha tuathanach beartach a’ fuireach an ath dhoras. Bha slochd aige a bha làn bhuntàta. Ach cha robh e deònach na buntàta a reic. Bha e a’ feitheamh gus am biodh prìs na b’ fheàrr orra.

Chunnaic cuid mar a bha an teaghlach seo a’ fulang. Bha iad airson gnothaichean a chur ceart. Air an oidhche, chaidh iad gu slochd an tuathanaich. Lìon iad pocannan le buntàta. Chaidh iad gu taigh an teaghlaich bhochd.

Cha robh iad airson ’s gum biodh fios aig an teaghlach cò às a thàinig am biadh. Bha an taigh ìosal, le mullach tughaidh. Chaidh na daoine air a’ mhullach. Thug iad sùil sìos an t-similear. Cha robh teine ann. Bha an teaghlach air an glùinean, ag ùrnaigh airson biadh. Dhòirt na daoine na ceudan bhuntàta sìos an t-similear.

‘Uill,’ thuirt fear an taighe, ‘is fìor na thuirt Tighearna Eas an Tulaich latha togail na brataich – nach tàinig droch rud riamh bho gu h-àrd!’

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1156

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile