FaclairDictionary EnglishGàidhlig

892: The Ship That Went to America (3) 892: An Long a Chaidh a dh’Ameireagaidh (3)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

An Long a Chaidh a dh’Ameireagaidh (3)

Gaelic Gàidhlig

Tha mi a’ leantainn leis an sgeulachd An Long a Chaidh a dh’Ameireagaidh. ‘An do rinn thu na dh’iarr mi ort leis na famhairean?’ dh’fhaighnich am bodach – a bh’ ann an riochd eich.

‘Rinn,’ fhreagair Iain.

Leum Iain air muin an eich. Ràinig iad loch. ‘Tha iasg mòr air an tràigh,’ thuirt an t-each. ‘Cuir don loch e.’

Rinn Iain sin. ‘Thuirt an t-iasg gun cuimhnicheadh e mi,’ thuirt e.

Dh’fhalbh iad a-rithist. Ràinig iad caisteal pràise. ‘Thalla a-steach,’ thuirt an t-each. ‘Chì thu seòmraichean làn òir is airgid. Na bean ri dad.’

Chaidh Iain don chaisteal. Chunnaic e na seòmraichean a bha làn òir is airgid. Chunnaic e pasg de dh’itean geòidh. Thug e tè de na h-itean leis airson peann a dhèanamh.

Nuair a thill e, thuirt an t-each ris, ‘An do bhean thu ri dad, Iain?’

‘Cha do bhean,’ thuirt Iain. Dh’fhalbh iad agus ràinig iad lùchairt Rìgh.

‘Faighnich dhen Rìgh a bheil e ag iarraidh clèireach,’ ars an t-each. Rinn Iain sin. Bha iad ag iarraidh clèireach agus ghabh e ris an obair. ‘Ma thig èiginn ort,’ thuirt an t-each, ‘cuimhnich orm agus thig mi.’

Cha do chòrd na pinn anns a’ chaisteal ri Iain. Chuimhnich e an ite a bha aige. Rinn e peann dhith. Bha an sgrìobhadh aige snasail. Chuala an Rìgh mu dheidhinn. Dh’fheuch an Rìgh am peann. Bha an sgrìobhadh aige fhèin a cheart cho snasail. ‘Càit an d’ fhuair thu am peann seo?’ dh’fhaighnich e.

‘Anns a’ chaisteal phràise,’ fhreagair Iain.

‘Aha!’ ars an Rìgh. ‘Thoir baintighearna a’ chaisteil phràise an seo. Tha mi airson a pòsadh.’

‘Chan urrainn dhomh,’ ars Iain.

‘Feumaidh tu,’ dhearbh an Rìgh. ‘No thèid do chrochadh.’

San t-seòmar aige, bha Iain a’ caoineadh. ‘Bhiodh e math nam biodh am bodach liath an seo!’ thuirt e.

Thàinig am bodach. ‘Dè tha a’ cur ort?’ dh’fhaighnich e. Mhìnich Iain an suidheachadh dha. ‘Cuiridh mi geall gun do bhean thu ri rudeigin sa chaisteal phràise,’ thuirt am bodach.

‘Dìreach ite,’ dh’aidich Iain. Fhuair e trod. Dh’fhalbh iad don chaisteal phràise, a bha air taobh thall caolais. Tuilleadh an-ath-sheachdain.

The Ship That Went to America (3)

English Beurla

I am continuing with the story ‘The Ship That Went to America’. ‘Did you do what I asked you to do with the giants?’ enquired the old man – who was in the form of a horse.

‘Yes,’ replied Iain.

Iain leaped onto the back of the horse. They reached a loch. ‘There is a big fish on the beach,’ said the horse. ‘Put it in the loch.’

Iain did that. ‘The fish said he would remember me,’ he said.

They left again. They reached a brazen castle [made of brass]. ‘Go inside,’ said the horse. ‘You’ll see rooms full of gold and silver. Don’t touch anything.’

Iain went to the castle. He saw the rooms that were full of gold and silver. He saw a bundle of goose feathers. He took one of the feathers to make a pen.

When he returned, the horse said to him, ‘Did you touch anything, Iain?’

‘No,’ said Iain. They left and they reached a King’s palace.

‘Ask the King if he wants a clerk,’ said the horse. Iain did that. They were wanting a clerk and he accepted the work. ‘If you get into trouble,’ said the horse, ‘remember me and I’ll come.’

Iain did not like the pens in the castle. He remembered his feather. He made a pen of it. His writing was elegant. The King heard about it. The King tried the pen. His own writing was just as elegant. ‘Where did you get this pen?’ he asked.

‘In the brazen castle,’ replied Iain.

‘Aha!’ said the King. ‘Bring the lady of the brazen castle here. I want to marry her.’

‘I cannot,’ said Iain.

‘You must,’ asserted the King. ‘Or you’ll be hanged.’

In his room, Iain was weeping. ‘It would be good if the grey-haired old man were!’ he said.

The old man came. ‘What is upsetting you?’ he asked. Iain explained the situation to him. ‘I’ll bet that you touched something in the brazen castle,’ said the old man.

‘Only a feather,’ admitted Iain. He was scolded. They went to the brazen castle, that was on the far side of a strait. More next week.

An Long a Chaidh a dh’Ameireagaidh (3)

Gaelic Gàidhlig

Tha mi a’ leantainn leis an sgeulachd An Long a Chaidh a dh’Ameireagaidh. ‘An do rinn thu na dh’iarr mi ort leis na famhairean?’ dh’fhaighnich am bodach – a bh’ ann an riochd eich.

‘Rinn,’ fhreagair Iain.

Leum Iain air muin an eich. Ràinig iad loch. ‘Tha iasg mòr air an tràigh,’ thuirt an t-each. ‘Cuir don loch e.’

Rinn Iain sin. ‘Thuirt an t-iasg gun cuimhnicheadh e mi,’ thuirt e.

Dh’fhalbh iad a-rithist. Ràinig iad caisteal pràise. ‘Thalla a-steach,’ thuirt an t-each. ‘Chì thu seòmraichean làn òir is airgid. Na bean ri dad.’

Chaidh Iain don chaisteal. Chunnaic e na seòmraichean a bha làn òir is airgid. Chunnaic e pasg de dh’itean geòidh. Thug e tè de na h-itean leis airson peann a dhèanamh.

Nuair a thill e, thuirt an t-each ris, ‘An do bhean thu ri dad, Iain?’

‘Cha do bhean,’ thuirt Iain. Dh’fhalbh iad agus ràinig iad lùchairt Rìgh.

‘Faighnich dhen Rìgh a bheil e ag iarraidh clèireach,’ ars an t-each. Rinn Iain sin. Bha iad ag iarraidh clèireach agus ghabh e ris an obair. ‘Ma thig èiginn ort,’ thuirt an t-each, ‘cuimhnich orm agus thig mi.’

Cha do chòrd na pinn anns a’ chaisteal ri Iain. Chuimhnich e an ite a bha aige. Rinn e peann dhith. Bha an sgrìobhadh aige snasail. Chuala an Rìgh mu dheidhinn. Dh’fheuch an Rìgh am peann. Bha an sgrìobhadh aige fhèin a cheart cho snasail. ‘Càit an d’ fhuair thu am peann seo?’ dh’fhaighnich e.

‘Anns a’ chaisteal phràise,’ fhreagair Iain.

‘Aha!’ ars an Rìgh. ‘Thoir baintighearna a’ chaisteil phràise an seo. Tha mi airson a pòsadh.’

‘Chan urrainn dhomh,’ ars Iain.

‘Feumaidh tu,’ dhearbh an Rìgh. ‘No thèid do chrochadh.’

San t-seòmar aige, bha Iain a’ caoineadh. ‘Bhiodh e math nam biodh am bodach liath an seo!’ thuirt e.

Thàinig am bodach. ‘Dè tha a’ cur ort?’ dh’fhaighnich e. Mhìnich Iain an suidheachadh dha. ‘Cuiridh mi geall gun do bhean thu ri rudeigin sa chaisteal phràise,’ thuirt am bodach.

‘Dìreach ite,’ dh’aidich Iain. Fhuair e trod. Dh’fhalbh iad don chaisteal phràise, a bha air taobh thall caolais. Tuilleadh an-ath-sheachdain.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1196

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile