FaclairDictionary EnglishGàidhlig

897: The Last Wolf in Sunart 897: Am Madadh-Allaidh mu Dheireadh ann an Suaineart

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Am Madadh-Allaidh mu Dheireadh ann an Suaineart

Gaelic Gàidhlig

Dh’fhàg Calum Iain MacGillEathain, an cruinniche beul-aithris, tòrr chlàran iongantach againn. Nam measg, tha cunntas dhen mhadadh-allaidh mu dheireadh ann an Suaineart, faisg air Sròn an t-Sìthein. B’ e am fear a dh’inns an sgeul Dòmhnall Mac a’ Phearsain, Dòmhnall Donn. Bha esan dhen bheachd gu bheil an sgeul a’ dol air ais ceithir no còig ceud bliadhna.

Bha dìreach aon mhadadh-allaidh air fhàgail anns an sgìre. Bha boireannach à Àird Ghobhar a’ coiseachd gu Sròn an t-Sìthein leatha fhèin. Bha eallach clòimhe aice. Bha i a’ dol gu muileann-càrdaidh. Bha i a’ coiseachd fad an latha tro Ghleann nan Gobhar.

Nuair nach do nochd i mar a bha dùil, chaidh feadhainn a-mach a choimhead air a son. Lorg iad a corp. Bha fhios aca gur e madadh-allaidh a thug bàs dhi. Thug iad a corp gu bothan-àirigh. Rinn iad caithris na h-oidhche air a corp. Faisg air briseadh an latha, chunnaic iad am madadh. Bha e a’ feuchainn ri faighinn a-steach don bhothan! Leum na daoine suas. Theich am madadh-allaidh romhpa.

Dh’fhalbh feadhainn le corp a’ bhoireannaich airson a thiodhlacadh. Ach dh’fhuirich feadhainn eile shuas anns a’ ghleann airson am madadh a lorg. B’ e an ceannard aca Iain Dhruim an Torrain. Bha mialchù comasach aige.

Chaidh Iain agus a chù a-mach, feuch am madadh a lorg. Tha an sgeulaiche ag innse mun turas mhòr a ghabh iad thairis air glinn is beanntan. Tha e ag ainmeachadh tòrr ainmean-àite.

ʼS e an cù a lorg am madadh. Bha e aig beul uamha ann an àite iomallach. Nise, ʼs ann aig Iain a bha a’ chiad ghunna-fùdair a thàinig riamh don sgìre. Loisg Iain urchair air a’ mhadadh. Bha e air a leòn ach cha robh e air a mharbhadh.

Chaidh Iain far an robh am madadh. Seo na thuirt Dòmhnall Donn mu Iain: ‘tharraing e a chorc-seilg ... [agus] chuir e crìoch dheireannach air a’ mhadadh-allaidh mu dheireadh a bha an Suaineart ... thog e am madadh air a dhruim ’s … chroch e air craobh e ... faisg air an àite ris an abrar Àth na h-Èilde’.

The Last Wolf in Sunart

English Beurla

Calum Iain Maclean, the collector of folklore, left us many amazing recordings. Among them there is an account of the last wolf in Sunart, near Strontian. The man who told the story was Donald MacPherson, brown-haired Donald. He was of the opinion that the story goes back four or five hundred years.

There was only one wolf left in the area. A woman from Ardgour was walking to Strontian by herself. She had a load of wool. She was going to a carding mill. She was walking all day through Glen Gour.

When she didn’t appear as expected, some people went out to look for her. They found her body. They knew that it was a wolf that had killed her. They took her body to a shieling bothy. They kept night-watch over her body. Near dawn, they saw the wolf. It was trying to get into the bothy! The men jumped up. The wolf fled ahead of them.

Some people left with the woman’s body to bury it. But some others remained up in the glen to find the wolf. Their leader was John of Drumnatorran. He had a capable greyhound.

John and his dog went out to try to find the wolf. The storyteller tells us about the great journey they took across glens and mountains. He names many place-names.

It was the dog that found the wolf. It was at the mouth of a cave in a remote place. Now, Iain had the first powder-gun that came to the area. John fired a shot at the wolf. It was wounded but was not killed.

John went to where the wolf was. Here’s what Dòmhnall Donn said about John: ‘he drew his hunting-knife ... [and] he dispatched the last wolf that was in Sunart ... he lifted the wolf on his back and ... he hung it on a tree ... near the place called Anaheilt.

Am Madadh-Allaidh mu Dheireadh ann an Suaineart

Gaelic Gàidhlig

Dh’fhàg Calum Iain MacGillEathain, an cruinniche beul-aithris, tòrr chlàran iongantach againn. Nam measg, tha cunntas dhen mhadadh-allaidh mu dheireadh ann an Suaineart, faisg air Sròn an t-Sìthein. B’ e am fear a dh’inns an sgeul Dòmhnall Mac a’ Phearsain, Dòmhnall Donn. Bha esan dhen bheachd gu bheil an sgeul a’ dol air ais ceithir no còig ceud bliadhna.

Bha dìreach aon mhadadh-allaidh air fhàgail anns an sgìre. Bha boireannach à Àird Ghobhar a’ coiseachd gu Sròn an t-Sìthein leatha fhèin. Bha eallach clòimhe aice. Bha i a’ dol gu muileann-càrdaidh. Bha i a’ coiseachd fad an latha tro Ghleann nan Gobhar.

Nuair nach do nochd i mar a bha dùil, chaidh feadhainn a-mach a choimhead air a son. Lorg iad a corp. Bha fhios aca gur e madadh-allaidh a thug bàs dhi. Thug iad a corp gu bothan-àirigh. Rinn iad caithris na h-oidhche air a corp. Faisg air briseadh an latha, chunnaic iad am madadh. Bha e a’ feuchainn ri faighinn a-steach don bhothan! Leum na daoine suas. Theich am madadh-allaidh romhpa.

Dh’fhalbh feadhainn le corp a’ bhoireannaich airson a thiodhlacadh. Ach dh’fhuirich feadhainn eile shuas anns a’ ghleann airson am madadh a lorg. B’ e an ceannard aca Iain Dhruim an Torrain. Bha mialchù comasach aige.

Chaidh Iain agus a chù a-mach, feuch am madadh a lorg. Tha an sgeulaiche ag innse mun turas mhòr a ghabh iad thairis air glinn is beanntan. Tha e ag ainmeachadh tòrr ainmean-àite.

ʼS e an cù a lorg am madadh. Bha e aig beul uamha ann an àite iomallach. Nise, ʼs ann aig Iain a bha a’ chiad ghunna-fùdair a thàinig riamh don sgìre. Loisg Iain urchair air a’ mhadadh. Bha e air a leòn ach cha robh e air a mharbhadh.

Chaidh Iain far an robh am madadh. Seo na thuirt Dòmhnall Donn mu Iain: ‘tharraing e a chorc-seilg ... [agus] chuir e crìoch dheireannach air a’ mhadadh-allaidh mu dheireadh a bha an Suaineart ... thog e am madadh air a dhruim ’s … chroch e air craobh e ... faisg air an àite ris an abrar Àth na h-Èilde’.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1201

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile